Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 24 August 1995
Àireamh a’ chlàir 6802
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 24.08.1995

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh air cuairt-coise timcheall Loch nam Madadh air a chur air dòigh le Urras Dùthchail nan Eilean mu Dheas.

Tha Tormod MacIain ag innse mu chuairt-coise timcheall Loch nam Madadh a bhios Urras Dùthchail nan Eilean mu Dheas a' cur air dòigh. Bidh a' chuairt air a treòrachadh le Alasdair Dòmhnallach à Loch nam Madadh agus bheir esan seachad eachdraidh air tòrr àitichean agus togalaichean ann an Loch nam Madadh, nam measg Taigh Chearsabhagh, cidhe Loch nam Madadh, Taigh-òsta Loch nam Madadh, an seann bhanca, seann raon goilf, agus an dà thaigh-cùirte. Bithear a' dol gu cidhe beag Loch nam Madadh, an uair sin taigh mòr Chlann 'ic Eachainn aig an robh ceangal ri Eilean Bhoraraigh agus an uair sin bidh a' chuairt a' tighinn gu crìch aig taigh Alasdair Dhòmhnallaich, 'Dùn Èideann'.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Loch nam Madadh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math