Rannsaich

Thug na sìthichean croit bho aon duine agus chuir iad air du...

Ceann-latha September 1958
Àireamh a’ chlàir 68103
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1958.082

Àireamh an Teip Thùsail

SA1958.082

Geàrr-chunntas

Thug na sìthichean croit bho aon duine agus chuir iad air duine crotach eile i.

Chaidh fear a dh'iarraidh rud airson na Bliadhn' Ùire. Chunnaic e sìthean fosgailte agus chaidh e a-steach. Bha na sìthichean a' dannsa 's a' seinn, "Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt..." Chuir an duine 'Diciadain' ris. Chòrd seo riutha. Bha croit air an duine agus thug iad dheth i.

Thachair e ri fear eile le croit agus dh'innis e dha mar a thachair dha. Chaidh am fear eile dhan t-sìthean agus sheinn esan, "Diardaoin, Dihaoine." Mhill e am port agus chuir na sìthichean croit an duine eile air muin na croite a bh' aige.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT503

Tar-sgrìobhadh

Peggy MacDonald: Bha fear eile ann a dh'fhalbh a dh'iarraidh... a dh'iarraidh rud airson na Bliadhn' Ùire. 'S chunnaic e sìobhaire fosgailte, agus chaidh e a-staigh ann. Agus dè bha iad ach a' dannsa. Agus:

"Diluain, Dimàirt; Diluain, Dimàirt; Diluain, Dimàirt."

Thuirt an duine:

"Diluain, Dimàirt, Diciadain."

Ò, 's e seo a bha math.

"Diluain, Dimàirt, Diciadain; Diluain, Dimàirt, Diciadain," 's iad a' dannsa.

"Dè bheir sinn dha?"

Bha croit mhòr air an duine.

"Bheir sinn dheth a' chroit agus bheir sinn dha rola ham an cùl an dorais."

Dh'fhalbh an duine agus dè thachair air ach fear eile, agus bha croit air fhèin.

"Ò Dhia, nach seall thusa," ars esan, "an rud a fhuair mise 's chaidh a' chroit a thoirt dhìom."

"Agus dè rinn thu?"

"Bha iad a' dannsa," ars esan, "'s Diluain, Dimàirt. Thuirt mise: 'Diluain, Dimàirt, Diciadain.'"

Chaidh am fear eile a-staigh dhan t-sìthean. Dè... Agus thòisich iad air fad air dannsa.

"Diluain, Dimàirt, Diciadain."

"Diardaoin, Dihaoine," ars am fear eile.

Ò mhill e am port.

"Dè nì sinn air? Cuiridh sinn a' chroit a thug sinn far an fhir eile 's cuiridh sinn airsan i."

'S dh'fhalbh e 's dà chroit air. Sin agaibh a-nist na sìobhairean.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math