Rannsaich

Goibhneachd an Calanais.

Fiosraichean
Ceann-latha 12 July 1982
Àireamh a’ chlàir 68339
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1982.184

Àireamh an Teip Thùsail

SA1982.184

Geàrr-chunntas

Goibhneachd an Calanais.

Bha gobha an Calanais air an robh Dòmhnall MacLeòid. Tha cuimhne aig an fhiosraiche air a' cheàrdaich a bha aige, agus am balg-sèididh a bha innte. Dhèanadh Dòmhnall an ìre mhath a h-uile goireas a bha a dhìth, m.e. slabhraidhean 's bùlaisean.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Ùig

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Calanais

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Seonag Chaimbeul (SC): Gobha anns an, anns an...

Iain Peatarsan (IP): Anns an àite.

SC: Anns a' bhaile againne. 'S e bhiodh a' dèanamh na srabhlaidhean 's na... agus na pùlaisean.

IP: Dè chanaidh iad ris a' ghobha bha seo? A bheil beachd agaibh? An e Dòmhnallach a bh' ann, no Moireasdan?

SC: Chan e, MacLeòid.

IP: MacLeòid?

SC: MacLeòid, 's e.

IP: Dè... agus...

SC: Dòmhnall MacLeòid.

IP: Agus bhiodh e na sheann duine nuair bha sibhse...

SC: Bha. Agus bha... bha balg-sèididh...

IP: Bha, dìreach.

SC: Balg-sèididh mhòr.

IP: 'S e. Anns a' cheàrdaich aige?

SC: Anns a' cheàrdaich. 'S bhiodh sinne... dh'iarr sinn... dh'iarr sinn greiseag dhen a seo. Cha robh e furasta, cuimhnich [???] pàistean. Chanadh e: "Feuch an dèan thu e."

IP: Agus dhèanadh an duine sin a h-uile càil a bha a dhìth orra timcheall air a' chroit, a bheil fhios agaibh?

SC: Ò dhèanadh. Cromanan.

IP: Seadh.

SC: Cha do rinn e... cha chuala mise riamh gun do rinn e tobha.

IP: Cha chuala.

SC: Cha chuala. Ach dhèanadh e... dhèanadh e croman 's dhèanadh e spaid.

IP: Dèanadh. Ò, dhèanadh e spaid?

SC: Dhèanadh e spaid. Ach cha dèanadh e...

IP: 'S e bha mi a' dol...

SC: Dhèanadh e ràcan ach 's ann le fiodh.

IP: Ò, 's ann.

SC: Ràcan.

IP: 'S ann, tha mi a' tuigsinn. Ach pìosan dhen a' chrann-treabhaidh, reigheadh aige air sin...

SC: Dheigheadh, dheigheadh.

IP: Bheil fhios agaibh, mar a bha an coltar.

SC: Dè an t-ainm a bh' aca air a... Dh'fhaodadh tu bhith a' gearradh mar siud.

IP: 'S e am bòrd-ùiridh nach e, a chanadh iad ris an rud bha a' leigeil a-mach...

SC: Chan eil càil a chuimhne agam dè an t-ainm a bh' air.

IP: Seadh. Agus... ach tha cuimhne mhath agaibhse air an duine a bha sin?

SC: Ò glè mhath, tha.

IP: Agus bha e ri goibhneachd riamh ma-thà?

SC: Bhitheadh.

IP: Bhitheadh. Agus saoil an e gobha bha na athair mun do... an ann o athair a thug e a' ghoibhneachd, no...

SC: Chan eil càil a dh'fhios a'm. Cha bhuineadh e dhan a... 's ann a bhuineadh esan dha Tolastadh a' Chaolais.

IP: Ò seadh, seadh, seadh.

SC: Agus 's ann nuair a phòs e tè Chalanais 's ann a thàinig e à sin.

IP: 'S ann, 's ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math