Rannsaich

Obair fearainn ann an Smiorasaraidh, Mùideart.

Ceann-latha May 1959
Àireamh a’ chlàir 69196
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.26.A6; A7; A8

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.026

Geàrr-chunntas

Obair fearainn ann an Smiorasaraidh, Mùideart.

Tha am fiosraiche ag innse mu obair an fhearainn sna seann lathaichean: cuin a bha gach nì ri dhèanamh, togail a' bhuntàta, agus gearradh an fheòir. Ri chiad chuimhne-san 's e speal a bh' aca, ach gun robh an iomall ga ghearradh le corran. Tha e ag innse mar a bha feur ga sgaoileadh is ga thionndadh airson a thiormachadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Smiorasaraidh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Smiorasaraidh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Bha sibh ag ràdh, ann an toiseach July, a thòisich sibh a' togail a' bhuntàta?

Aonghas MacNèill (AM): Toiseach July, thòisich... bhitheamaid a' tòiseachdainn air togail a' bhuntàta, agus bhiodh e seachad... bhiodh e air a thogail againn mun tigeadh na h-Iuchar. Bha sin an cola-deug mu dheireadh den t-samhradh agus a' chiad chola-deug den fhoghar, na h-Iuchar. Uill, bhiodh e deas againn mun tigeadh na h-Iuchar agus air a thogail.

CM: An ann le seòrsa de ràcan a bha sibh ga thogail?

AM: Chan ann, ach leis an spaid.

CM: Leis an spaid a bhiodh sibh ga thogail?

AM: Leis an spaid, ag obair air togail a' bhuntàta. Bha, leis an spaid.

CM: Seadh, dìreach. 'S bhiodh e deiseil an sin mun tigeadh an t-Iuchar.

AM: Bhiodh e deiseil sin mun tigeadh an t-Iuchar. Uill, dar a bhiodh am buntàta seachad agus an còigeamh latha deug ann, a bheil thu a' faicinn, an dèidh a' chòigeamh latha deug ach sìde a bhith ann bha sinn a' tòiseachdainn air an fheur.

CM: Tòiseachadh air an fheur.

AM: Tòiseachdainn air an fheur. Bha.

CM: Agus ri ur ciad chuimhne, 's e spealadh... corran a bh' ann?

AM: A' chiad chuimhne, 's e... chan fhaca... ò chunna mi iad ag obair air corran ceart gu leòr, air iomaill nach gabhadh an speal faighinn thuca. Agus a' chiad duine a thug an speal an rathad seo, b' e sin Aonghas MacRuairidh, fear a thilg e dheth... thilg e a sheacaid an sin airson leum air na poileasmain agus e [???]. Sin a' chiad duine a thug speal gu Smiorasaraidh. 'S e an corran a bh' aca roimhe sin.

CM: A' chiad duine a thug an speal gu Smiorasaraidh, Aonghas MacRuairidh.

AM: Aonghas MacRuairidh. Agus tuillidh [?fòs] 's e speal a bh' ann. Bha na corrain aca ceart gu leòr airson eabrachadh còmhnard nach robh... nach fhaigheadh iad mu chuairt orra leis an speal. Bha, 's bha iad math 's na [???] ann.

CM: Bha. 'S bhiodh na boireannach ag obair leis na corrain cho math ris na fireannaich?

AM: Ò 's iad b' fheàrr uile leis na corrain.

CM: Dìreach. Ach an uair sin leis an speal, 's e... 's e na fireannaich?

AM: Ò chan fhaca mise boireannach riamh ag obair le speal ann an Smiorasaraidh, gus am faca mi Miss Lees a bha shìos an sin. Shin a' chiad bhoireannach a chunna mise ag obair le speal ann an Smiorasaraidh. Shin agad e.

CM: Right ma-thà, nuair a spealadh iad am feur, bha am feur na laighe air a' ghrunnd 's e air a spealadh aca.

AM: Bha. Uill, bha iad an sin a' faighinn na forc, agus a' tòiseachdainn air sgaoileadh an fheòir sin, far na spagh. Ga sgaoileadh. Agus ri sìde mhath, bheil thu a' faicinn, bha iad ga fhàgail sgaoilte fad na h-oidhche sin. Agus a-rithist nam biodh an tuireadh ann an làrna-mhàireach, a bheil thu a' faicinn, a' chiad rud a bha iad a' dèanadh, ga thionndadh air an rolaig, ga thionndadh air an rolaig. Agus am feasgar sin a-rithist, an oidhche sin a-rithist...

CM: Ciamar a bhiodh iad ga tionndadh air an rolaig? Dìreach ga thionndadh leis a...

AM: Leis an ràcan. An ràcan [?liagh].

CM: Leis an ràcan, seadh.

AM: Agus a-rithist, bha iad a' dèanadh curracagan beaga dheth air an oidhche.

CM: Curracagan?

AM: Curracagan.

CM: Curracagan?

AM: Aidh, curracagan beaga air an oidhche. Agus a-rithist an làrna-mhàireach ach tuireadh a bhith ann, bha iad ga sgaoileadh air n-ais. Agus bhiodh anns na curracagan, nam biodh latha math an uair sin, bhiodh anns na curracagan na bu mhotha an uair sin. Bha, curracag mhòr. Agus mar sin dheth, bha iad ag eabrachadh an fheòir.

CM: Seadh, agus an uair sin, dar a bhiodh e anns na curracagan mòra sin, bheireadh iad a-staigh e nuair a bhiodh e tioram?

AM: Uill, dar a bheireadh iad... bheireadh iad... bheireadh e latha no dhà na curracag mhòr. Bhiodh iad ga chur a-staigh an dèidh sin. B' àbhaist e a bhith ann na curracag mhòr ceart gu leòr airson lathaichean, airson an steam a chur... am fallas a chur a-mach. Sin agad an dòigh...

CM: Seadh. 'S am biodh iad a' toir a-staigh sin le eallaich?

AM: Ga chur a-staigh le eallaich. Uill a-nis, chan eil agamsa ach mi fhìn an seo, agus sin 's ann leis an fhorc a tha mi ga chruinneachadh, agus tha mi a' cur na forc ann, a' toirt leam forcan mòra a dh'ionnsaigh an t-sabhail ann an sin. 'S e as fhasa leam na [???] na eallaich. 'S e. Sin agad an dòigh air.

CM: Ach dar a bhiodh iad a' tighinn astar 's e eallaich a bhiodh aca?

AM: Ò eallaich.

CM: Agus gad iris de challtainn, an e?

AM: Chan e ach am barrach. Iris bharraich.

CM: Iris bharraich?

AM: 'S e sin a bh' aca nuair... anns na tìmeannan sin. Ach 's e ròpa a th' aca a-nist anns an àite sin. 'S e. Ròpa a th' aca an àite sin a-nis.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Truagh