A' coimhead às dèidh an tairbh ann an Smiorasaraidh.
Fiosraichean
Ceann-latha
May 1959
Àireamh a’ chlàir
69264
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1959.27.B8
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
A' coimhead às dèidh an tairbh ann an Smiorasaraidh.
Nuair a bha tarbh aig na croitearan eatarra ann an Smiorasaraidh, bha iad uile a' cur feur a-staigh airson a bheathachadh tron gheamhradh, a rèir 's na bh' aca de mhairt: ochd clachan feòir gach mart.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Àrasaig is Mùideart
Baile/Àite - Smiorasaraidh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Àrasaig is Mùideart
Baile/Àite - Smiorasaraidh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Calum MacIllEathain (CM): Bha sibh ag innse dhomh an oidhche roimhe sin mu dheidhinn an cruinneachadh a bhiodh aca sa bhaile, a bheil fhios agaibh, gu h-àraidh mu thimcheall obair tairbh, a bheil fhios a'd.
Sandaidh MacIllÌosa (SM): Bha. Bhiodh an cruinneachadh sin ann anns an àm san robh na croitearan a' cumail tarbh dhaibh fhèin shìos ann an Smiorasaraidh, agus bhiodh a h-uile croitear, a bheil fhios agaibh, a' cur a-staigh an uiread sa de dh'fheur toiseach a' gheamhraidh airson an tairbh. Agus bhiodh iad... bhiodh iad [?a' seursadh] airson seirbheis an tairbh air a h-uile duine a bha an taobh a-mach a' bhaile. Mar a bha aon duine sònraichte ann a bha a' gleidheadh an airgid seo, cruinn fhios agaibh, gus an tigeadh àm an roinn - roinn an airgid - 's bha iad uile a' dol cruinn ann an aon taigh an oidhche sin, 's a' roinn airgead an tairbh, fhios agaibh, air na croitearan. Agus 's e an duine bu mhotha aig am biodh de chrodh, 's ann air bu mhotha a thigeadh de dh'airgead. Bha seo a' ciallachadh, fhios agaibh, 's e bu mhotha a dh'fheumadh cur a-staigh airson an tarbh a gheamhrachadh. Uiread sa mu choinneamh... uiread sa mu choinneamh a' mhairt.
CM: Bha iad a' cur a-staigh feòir a rèir 's na bh' aca de mhairt, an robh?
SM: Bha, dìreach. Bha.
CM: Bha. Agus an ann a rèir... an uiread seo de chlachan airson gach mart?
SM: 'S e. Cha chreid nach e ochd clachan mu choinneamh a' mhairt a bh' ann.
CM: Seadh, dìreach. Agus a-niste, am biodh iad ga thomhas, am bitheadh?
SM: Bhitheadh, bhitheadh, ga thomhas.
CM: An robh dòigh tomhas aca?
SM: Bhitheadh, ga thomhas, bhitheadh. Stailleart. Stailleartan beaga siud, 's thòisich iad, fhios agaibh, a' chlach [???].
CM: Seadh. Cha bhiodh duine sam bith àraidh air ceann a' chruinneachadh mar fhear-cathrach, no...?
SM: Uill, cha bhitheadh, ach am fear aig an robh an t-airgead, fhios agaibh.
CM: Seadh dìreach. 'S esan a bhiodh...
SM: Bha esan ga riarachadh a-mach.
CM: Seadh dìreach.
SM: Bha. Tha cuimhn' agam fhèin am faicinn triop no dhà, cruinn, ach cha robh mi a' cur mòran suim...
CM: Seadh. 'S an iad an aon seòrsa chruinneachadh baile a bhiodh ann?
SM: Sin agaibh an aon chruinneachadh baile a bhiodh ann.
CM: Cha bhiodh cruinneachadh baile aca airson buachailleachd 's rudan mar sin idir?
SM: Cha robh rim chuimhne-sa, cha robh.
CM: Airson far am biodh iad [???] feurach ann.
SM: Uill aig a... bhiodh... bhiodh cruinneachadh aca dar a bhiodh iad a' cur mu dheidhinn tarbh ùr fhaighinn.
CM: Seadh. 'S bha iad ga cheannach iad fhèin an uair sin?
SM: Ga cheannach iad fhèin an uair sin, bha.
CM: Agus tha mi cinnteach gum biodh iad a' coimhead às dèidh an [???], cuid orra le thughadh 's a chur air dòigh.
SM: Bha, bha. Agus 's e an uiread sa de... seachdain... seachdain mu seach aca ri coimhead às a dhèidh, an tarbh, 's a bhiathadh 's a chumail glan. Seachdain mu seach aig na croitearan.
CM: Aig gach ceann teaghlaich.
SM: Gach ceann teaghlaich.
CM: Seadh, dìreach.

Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math