Blàr nan Sguab ann an Tiriodh.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1968.240
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Blàr nan Sguab ann an Tiriodh.
Iomradh air Blàr nan Sguab aig Baile a' Phuill ann an Tiriodh. Aig an àm sin, bha na Lochlannaich a' creachadh 's a' goid ann an iomadach àite ann an Alba, agus thàinig iad gu Tiriodh latha foghair. Chunnaic na Tiristich na Lochlannaich a' tighinn agus chaidh iad dhan tràigh gan coinneachadh. Chaidh cath a chur air an tràigh agus ged nach robh aig cuid dhe na Tiristich ach sguaban mar armachd, mharbh iad na Lochlannaich air fad.
Bha dùin ann an Tiriodh a thog na Lochlannaich; fear air an robh Dùn Shiadair, agus fear eile far an do thog iad drochaid eadar an tìr agus an dùn fhèin.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Paraiste - Tiriodh
Eilean - Tiriodh
Baile/Àite - Baile a' Phuill
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math