Rannsaich

An nighean a chaidh air turas cunnartach a dh'Astràilia.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 26 May 1956
Àireamh a’ chlàir 70429
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1956.54.A

Àireamh an Teip Thùsail

SA1956.054

Geàrr-chunntas

An nighean a chaidh air turas cunnartach a dh'Astràilia.

Uair dha robh saoghal bha càraid òg ann, agus latha dhe na làithean thog am balach air a dh'Astràilia. An dèidh còig no sia a bhliadhnaichean, sgrìobh e chun an leannain aige, is e ag iarraidh a pòsadh. Le seo, dh'fhalbh i a dh'Astràilia le trì cisteachan làn de stuth, agus 300 punnd Sasannach a fhuair i mar thochradh. Nuair a ràinig i Adelaide, cha mhòr gun do dh'aithnich i am fear a bha airson a pòsadh. Dh'fhalbh i còmhla ris ach, air an t-slighe, ghoid e a cuid airgid is thilg e thar drochaid i. Gu fortanach, chaidh a sàbhaladh air sgàth 's gu robh an dreasa a bha oirre ga cumail suas. Thàinig i gu uamh far an do thurchair boireannach a bhith a' còmhnaidh. An uair sin, nochd feadhainn eile. 'S e robairean a bha annta, agus bha an leannan aice air fear dhiubh! Tha an còrr dhen sgeulachd ag innse mar a fhuair i air tàrrsainn às le beatha is leis an airgead, mar a chaidh na robairean a chrochadh, agus mar a thill i dhachaigh.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo ann an Gleann Eilg bho bhanacharaid dhà a bhuineadh dhan Eilean Sgitheanach.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math