Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 06 March 1997
Àireamh a’ chlàir 7045
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 06.03.1997

Geàrr-chunntas

Cait agus an nàdar.

Ged a bheirear am biadh as fheàrr do chait a tionaichean, thèid iad a-mach a shealg airson iomadh seòrsa de bheathaichean beaga agus eòin bhon 's e sealgairean a tha annta gu nàdarra. Tha cait a' cumail meanbh-bhiastagan fo cheannsal.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Nuair a choimheadas duine ris a' chat bheag shnog an tac an teine, a tha a' faighinn biadh gu leòr a-mach às a h-uile seòrsa cana agus pacaid, cò shaoileadh gun smaoinicheadh a leithid a bheathach a bhith cho neo-ar-thaingeil agus gun deigheadh i no e a-mach a mharbhadh rudeigin airson a dhinnear. A rèir coltais, às bith dè na tha sinne... a nì sinn airson cat a dhèanamh na charaid san teaghlach, tha e do-dhèante nàdar a' bheathaich a mhùchadh gu tur. Tha e coltach gu bheil cait a' marbhadh dà cheud millean beathach beag eile san dùthaich seo a h-uile bliadhna. A dh'aindeoin sin, tha cuid agus tha iad dha-rìribh dèidheil orra. Tha dithis còmhla riumsa ann an seo an-dràsta. An toiseach air an loidhne agam anns a' Bhàgh a Tuath... Eòlaigearraidh ann am, Barraigh, Màiri NicDhòmhnaill. Madainn mhath, a Mhàiri.

Màiri NicDhòmhnaill (MN): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Cia mheud cat a th' agad an-dràsta?

MN: Uill, tha ceithir-deug agam. Bha sia-deug agam, ach chaidh a dhà an ath doras, o chionn mìosan air n-ais.

CM: A Mhàiri, tha mi dìreach airson gum bi fhios aig daoine gu bheil sinn a' dèanamh seo 's gu bheil e a' dol a-mach dha-rìribh, agus nach do rinn sinn... deach sinn thairis air ron a seo. Tha mi airson gun innis thu dhomh an àireamh ud a-rithist. Cia mheud cat a th' agad?

MN: Tha, ceithir-deug.

CM: Bha mi a' smaoineachadh gur e sin a thuirt thu a' chiad turas. Ceithir-deug a chait.

MN: Ceithir-deug.

CM: A bheil iad agad am broinn an taighe?

MN: Uill, bidh iad a' faighinn a-staigh a bhroinn an taighe. Bidh iad... tha iad a' cadal ann an seada. Tha seada mòr aca dhaibh fhèin a-muigh. Ach ma bhios iad riatanach air sealltainn orra ann an dòigh sam bith, bidh iad a' tighinn a-staigh, 's bidh iad air an gabhail aca a-staigh. Bidh iad a' tighinn a-staigh nam baideanan an-dràsta 's a-rithist, ach cha bhi na ceithir-deug a' tighinn a-staigh còmhla idir.

CM: Do bheachd. An e peata no an e biast ann an cat?

MN: An e peata no an e biast a th' ann, a Choinnich? Tha mi a' faighinn car de dhuilgheadas gad chluinntinn, a Choinnich.

CM: Seadh.

MN: Ach an e siud a dh'fhaighneachd thu?

CM: 'S e.

MN: Ò, peata. Peata a th' ann an cait, 's e. Peata gu math innleachdach, ach 's e peata a th' annta. Chan e... chan e biastan a th' annta idir.

CM: Ach tha iad a' dol a-mach 's tha iad a' marbhadh iseanan, tha iad a' marbhadh luchainn, beathaichean eile, nach eil?

MN: Uill, tha, ach tha mi a' smaointinn gu bheil sinn fhìn car mì-riaghailteach mun mar a tha sinn a' coimhead air a' chùis, a chionn 's chan eil odds againn ged a rachadh iad a-mach 's ged a mharbhadh iad coineanaich 's radain 's luchainn, ach ma thèid iad an còrr nan eun, tha sinn an uair sin, ò, tha na h-eòin, 's e rud eile a th' ann. 'S tha sinn fhìn, tha mi a' smaointinn, car mì-riaghailteach mun chùis. Nach eil thu a' smaointinn?

CM: Dè... chan eil fhios agamsa. 'S ann a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhut, ciamar a tha thu ag ràdh sin, gu bheil sinn fhìn mì-riaghailteach mu dheidhinn a' chùis. Dè tha thu a' ciallachadh?

MN: Uill, tha mi ag ràdh, ma thig iad thugainn le radan no coineanach no a leithid sin, bheir sinn dhaibh clapadh air mullach a' chinn 's innsidh sinn dhaibh cho math 's a rinn iad, ach air an làimh eile, mas e eun a th' aca, thèid sinn às ar ciall 's bidh sinn a' giorrghail 's ag èigheach 's a' maoidheadh orra. Nach canadh tu gun robh sin mì-riaghailteach?

CM: Uill, chan eil fhios agamsa. Chan eil cat agamsa ann. 'S ann agadsa a tha na cait. 'S tu tha eòlach. Dè thug ort an ùidh a tha seo a ghabhail anns na cait bho thùs?

MN: Uill, bha mi... nuair a bha mi na b' òige, 's e beathaichean gu math na bu mhotha a bhithinn a' strì riutha. Bhiodh... bha mi uabhasach gus a bhith a' faighinn... bhiodh daoine a' toirt dhomh uain a bha nan dìlleachdan 's laoigh nach b' urrainn dhaibh a bhith a' strì riutha, laoigh a bhiodh nan dìlleachdan 's mar sin, agus sin... sin an fheadhainn ris am bithinn a' strì aig an toiseach. Ach o chionn bhliadhnachan air n-ais cha robh mo shlàinte cho math 's gum b' urrainn dhomh a bhith a' dèanamh sin, agus an uair sin... cha robh mi a' minigeadh idir a leithid a chait a bhith agam, ach dìreach aon latha thàinig cat beag robach molach, agus i a' coimhead car truagh air a son fhèin, 's thug mi a-staigh i. Agus nuair a bha i mu sheachdain agam, dh'fhalbh i 's, ò, cha robh i ri faighinn airson lathaichean. Agus an uair sin thill i, agus dà chat eile còmhla rithe, agus bhiodh i a' falbh mar sin an-dràsta 's a-rithist, 's a h-uile h-uair a dh'fhalbhadh i, bha i a' tilleadh le tuilleadh 's le tuilleadh chait. Agus mar a bha mise, cha b' urrainn dhomh sgath mar sin a thilleadh air falbh bhon doras riamh, 's bha... leis an sin, thàinig na cait, agus o aon chat a bhith agam, bha e aig aon àm, tha mi a' creidsinn gun robh suas ri deich air fhichead ann.

CM: Ò, a ghràidh ort.

MN: Bhiodh iad a' falbh 's a' tighinn, ach mu dheireadh thall dh'fhan iad, agus chaidh iad an uair sin chun a' bheat air fad, agus tha iad air a bhith agam on uair sin. Ach tha an àireamh air a dhol sìos a chionn 's bha feadhainn dhiubh sean 's bha... bha feadhainn dhiubh a' dol a-mach air an rathad mhòr, 's cha robh road sense aca ro mhath. Agus...

CM: Thàinig sealgair nas motha na iad fhèin.

MN: Dè bha siud, a Choinnich?

CM: Tha mi ag ràdh gun tàinig sealgair nas motha na iad fhèin. Uill, còmhla rium ag èisteachd riut ann an seo cuideachd, fear eile a tha uabhasach measail air cait. Chan eil aigesan ach a dhà dhiubh, ach 's toigh leis a bhith gam faicinn, a' toirt sùil orra fhad 's a tha iad ri sealg. 'S esan Dan Moireach. Ag èisteachd ri na bh' aig Màiri ri ràdh an siud an-dràsta, peataichean beaga snog, ach an dèidh sin, beathaichean anns... anns nach urrainn dhut an nàdar a bh' annta bho thùs a thoirt às.

Dan Moireach (DM): Ò, tha sin do-dhèante, agus tha e neònach nach eil an nàdar a' tighinn às an dèidh a bhith gam beathachadh airson bliadhnaichean air tionaichean 's rudan. Tha an rud a tha nàdarrach annta a' dol a-mach a dh'fhaicinn an lorg iad beathaichean 's iseanan. Ach an t-adhbhar as motha 's gu bheil cat agamsa, 's e tha mi a' smaoineachadh nam faicinn radan a-staigh anns an t-seòmar-cadail, gun deighinn fèar... cha b' urrainn dhòmhsa cadal an sin gu sìorraidh tuilleadh. Agus thuirt thu aig toiseach a' phrògraim gun robh iad a' marbhadh a leithid seo a bheathaichean 's a dh'iseanan. Bhiodh an t-àite air a ghànrachadh mana biodh cait ann. Bhiodh an t-àite... bhiodh radain a' ruith air feadh an t-sràid, dìreach nam mìltean, 's tha sin a' ciallachadh gu bheil feum mhòr anns a' chat. Agus 's e beathach glan a th' ann cuideachd, a bheil fhios agad. Bidh an... suidhidh an cat air beulaibh an teine 's nì e aghaidh, 's air a thèid e a-mach, chan fhaic thu salchar aig an àite. Tha e ga thiodhlacadh. Fhios a'd, tha sin aige a bharrachd air a' chù. Tha an cù salach. Uill, nach robh am facal a' cantail, cho salach ris a' chù. Cha nì an cù e fhèin 's... ach tha aon rud aig a' chù nach dèan cat. Ma bheir thu... ma bheir thu biadh dha cù, crathaidh e earball, 's tha e a' cur luach air an rud a tha thu a' dèanamh ris. Nise, chan eil cat... tha cat neo-ar-thaingeil, a bheil fhios agad. Tha e a' smaoineachadh gu bheil còir aige a bhith a' faighinn... ged a b' e caviar a bhiodh tu a' toir dha, tha e a' smaoineachadh gu bheil còir aige sin fhaighinn. Ach 's e beathaichean garbh faisg a th' annta, agus tha mi a' smaoineachadh nach eil taigh ceart às an aonais.

CM: Dè seòrsa... na do bheachd-sa, a-rèiste, airson tha fhios a'm gum bi thu a' suidhe a' toirt sùil air, dè bhitheas iad a' sealg?

DM: Uill, bidh... fear... am fear dhen fheadhainn a th' againne, bidh e a' tighinn a-steach le iseanan gu math tric. A bheil fhios agad, tha hedge a-muigh anns a' ghàrradh, agus chan e... cha dèan am fear dubh càil, a bheil fhios agad, chan eil an camouflage aige math gu leòr, ach am fear riabhach a th' ann, tha e a' falach air cùl a' hedge, agus tha e fèar pounce-adh air na h-iseanan. Agus 's e rud mì-chàilear a th' ann air a chì thu isean beò am beul a' chait. 'S chan eil thu airson... cha leig... cha leig thu a-steach e, a bheil fhios agad, tha goireasachadh agad roimhe, agus gu deimhinne fhèin, cha leiginn a-steach e nam b' e radan a bhiodh aige, no luchag, gu h-àraid nam biodh iad beò. Nise, bidh feadhainn a' smaoineachadh nach eil iad gan ithe ann an-diugh man a tha iad a' faighinn beathachadh dhe rudan eile, ach tha iad gan ithe, bhon 's iomadh madainn a dh'èirich mi agus chunnaic mi dà chas luchag aig an doras, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil iad ag ithe, gu bheil iad ag ithe nam beathaichean sin, agus tha feum mhòr orra air sgàth sin.

CM: 'S carson a tha iad ga dhèanamh, an dùil? An dùil dìreach an e dìreach an nàdar a th' ann?

DM: Tha rud a th' anns an nàdar aca, a bheil fhios agad. Ged a bhiodh... tha mi a' creidsinn, ged a bhiodh na tionaichean a' dol airson dà mhìle bliadhna eile, gun toireadh e sin co-dhiù mus fhalbhadh iad às an rud a tha nàdarrach annta, a bheil fhios agad. Sealgairean a th' annta, agus...

CM: 'S e. Tha feadhainn aca, 's dòcha, math air sealg, ach 's e an rud cuideachd, bidh daoine an uair sin ag ràdh, ò tha, ach na beathaichean bochda a tha sin. A bheil fhios agad, chan eil iad gam marbhadh ann, 's man a tha thu fhèin ag ràdh, tha iad a' tighinn 's iad beò aca nam beul.

DM: Uill, tha iad ag ràdh ma bhios cat air a dheagh bheathachadh, gur ann ri cluich leis an radan no leis an luchag a bhios e, airson faisg air leth-uair a thìde.

CM: Tha sin nas miosa buileach, nach eil?

DM: Tha. Tha e dona gun teagamh, ach 's e as fheàrr na bhith a' lorg fear aca fon chluasag agad air a bhios tu ann an leabaidh. An deigheadh tu fèin a chadal ann an rùm far am faiceadh tu radan air uachdar na leapa, can, aig seachd uairean a dh'oidhche? An deigheadh tu dhan... an deigheadh tu a chadal dhan an rùm sin às dèidh sin? Cha deighinn-sa co-dhiù. Agus cha deigheadh a' bhean agad a bharrachd. [?No tha mise air mo mhealladh.]

CM: 'S dòcha gun tèid, ach 's iongantach... tha aon nì cinnteach, cha deigheadh ise. Tha eagal oirre an-dràsta gu bheil i a' cluinntinn luchag bheag shuas gu h-àrd, ach 's dòcha nam biodh cat againn nach cluinneadh sinn e.

DM: Sin an rud. A bheil fhios a'd, tha cait... feumaidh... tha mi a' smaoineachadh gu bheil còir aig cait a bhith ann an togalaichean. 'S dòcha nach eil anns a h-uile h-àite, bhon tha daoine ann agus tha cait a' dèanamh rud air choreigin oirre, a bheil fhios agad, a' toir deòir chun na sùilean aca, 's cha chaomh... a bheil fhios a'd, bidh... bidh iad gan sgrìobadh fhèin, a bheil fhios agad, 's mar sin. Ach cha do rinn iad càil ormsa mar sin riamh. 'S dòcha gu bheil an cracann agam nas tighe na sin, Ach cha bhi... chan fhaighinn-sa an-dràsta cuidhteas dhe na cait air rud sam bith.

CM: A Mhàiri, ag èisteachd ris na th' aig Dan ann an seo ri ràdh, dè... a bheil thusa a' faireachdainn gu bheil na cait a' cumail air falbh beathaichean eile bhon an taigh agadsa?

MN: Ò, tha. Tha gu mòr, a chionn 's tha mise car goirid dhan chladach agus bidh uabhas radan mun cuairt, agus tha iad gan cumail sìos. Ach an rud a bha Dan ag ràdh gun ith iad... ithidh iad iad gun teagamh, ach tha iad gan toirt thugadsa an toiseachd, agus tha mi a' smaointinn, tha na cait agamsa, thairis air na bliadhnachan, tha iad air rudan gu math annasach a thoirt thugam, a bharrachd air radain 's luchainn 's gnothaichean. Thàinig tè dhiubh thugam o chionn dhà no thrì bhliadhnachan air ais le dustair... dustair-itean uabhasach fhèin spaideil, a bha i an dèidh... an dèidh a ghoid à carabhan a bha shìos aig a' chidhe, agus feumaidh gum faca i na h-itean a bha seo fhad 's a bha iad... bha iad san uinneig no rudeigin. Chunnaic i iad agus thàinig i leis an dustair. Ach bha i an dèis a bhith ga cheannsachadh cho mòr eadar an cidhe agus an taigh nach robh mòran itean air fhàgail ann.

CM: Carson a tha iad a' tighinn air ais thugadsa leis na rudan seo?

MN: Uill, chan eil fhios a'm. Tha mi a' smaointinn gum feumaidh gu bheil iad... feumaidh gu bheil iadsan a' toirt fa-near gu bheil... tha mi a' smaointinn gur e car de...

CM: An e tiodhlaic a th' ann dhut?

MN: Ò, uill, [???] ann an dòigh no gu bheil iad a' sealltainn gu bheil meas aca ort.

CM: An tàinig gin thugadsa a-riamh le dustair, Dan?

DM: Cha tàinig le dustair, ach thàinig le iomadach rud eile. Ach an aon uair a-riamh a tha cuimhn' agamsa a bhith gun chat, 's ann an Glaschu. A bheil fhios a'd, cha robh tenements Ghlaschu, cha robh e garbh freagarrach air cait a bhith ann. Agus bha luchainn agam an uair sin, agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud cho mì-chàilear ann an taigh luchainn. Chan eil càil a dh'fhios agad, tha iad a' ruith air feadh an àite, 's dòcha gu bheil iad am measg a' bhiadh 's anns a h-uile h-àite eile, agus bho thàinig mi suas an seo, agus mus do dh'fhalbh mi às bho thùs, bha cait ann, 's bithidh cait ann fhad 's a bhios mise ann. 'S an latha a dh'fhalbhas an cat, tha e cho math dhòmhsa falbh còmhla riutha.

CM: Ò, uill, tha mi an dòchas nach fhalbh an cat. Tha mi an dòchas nach fhalbh thu fhèin airson treiseag, ach siud na th' againne de dh'ùine an-dràsta airson bruidhinn air a' chuspair inntinneach annasach a tha seo air a' mhadainn a tha seo. Mas e 's gu bheil an cat agaibh, cuiribh luach air, 's ma thig i le dustair, uill, 's dòcha gur e sin a th' ann 's nach e isean a mharbh e no i. Mo thaing do Mhàiri Dhòmhnallach ann an Eòlaigearraidh ann am Barraigh, Dan Moireach a-staigh an seo anns an stiùidio.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math