Rannsaich

Saobh-chràbhaidhean nan Gàidheal co-cheangailte ri eòin.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 28 May 1956
Àireamh a’ chlàir 70552
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1956.55.A1a-A1p

Àireamh an Teip Thùsail

SA1956.055

Geàrr-chunntas

Saobh-chràbhaidhean nan Gàidheal co-cheangailte ri eòin.

Tha am fiosraiche a' dèanamh iomradh air grunn eòin a bha cumanta anns a' Ghàidhealtachd agus na saobh-chràbhaidhean a bha air fàs mu thimcheall orra. Tha eisimpleirean ann mun chainnt aca, mun cheangal a bha aca ri aimsir is bàs, agus tha sgeulachd air a h-innse mu mar a fhuair na h-eòin na h-itean aca bho thùs.

Tha na h-eòin a leanas a' togail ceann: uiseag; smeòrach; calman; faoileag; coileach; cuthag; fitheach; gèadh; cailleach-oidhche; druid. A bharrachd air a seo, tha eun os-nàdarra dam b' ainm 'An t-Aog' a' nochdadh. Chite an t-eun geal-sa ro bhàs.

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Tormod Dòmhnallach: Cha chualas fhathast iomradh air sluagh aig an robh eòlas cho sònraichte agus cho coileanta 's a bha aig na Gàidheil air dìomhaireachd obair nàdair. Ta ioma adhbhar air a thoirt seachad air a sin. Anns na làithean o chian, bha ar n-athraichean a' caitheamh a' chuid bu mhotha dem beatha air a' bhlàr a-muigh. Bho mhoch gu dubh, o ghairm choileach gu beul na h-oidhche, bha an obair làitheil gan cumail a-mach air feadh raoin, slèibhtean agus an cois na tuinne. Dìblidh, bochd 's gun robh an càradh, bha iad a' mealtainn barrachd sonais 's toil-inntinn na bha aig daoine no a ta aig daoine an-diugh. An ceann gach gnìomh, biodh e beag no mòr, bha uile-bhuadhan na h-inntinn a' dol air ghleus, 's am mac-meanmhainn a' deilbh mar a bha an làmh ri saothair. Bha an cluas a ghnàth fosgailte do gach guth a thigeadh air sgiath na gaoithe, gàir a' chuain, torman nan allt, ceilear nan eun, a' ruigheachd an aire 's a' labhairt mar gum b' ann nan cànan fèin. Chan eil eun anns a' Ghàidhealtachd mu nach eil sgeulachd iongantach air a h-innse. Ann an ceòl nan eun, chluinnte puirt Ghàidhlig cho ealanta, binn 's a dh'iarradh neach. Uime sin, fhuair cuid de na h-eòin an t-ainm a rèir na seinn no an gloc a dhèanadh iad. 'S e nì glè shealbhach a tha ann nead eun sam bith a chreachadh, agus bhon as i a' Ghàidhlig as fheàrr leis na h-eòin bhith a' seinn, bha e air innse dhuinn glè thric le ar seanmhair gun do rinn an uiseag an rann bacaidh seo:

Big, big, bigein, cò chreach mo neadan?
Mas e duine beag e, cuiridh mi le creag e;
Mas e duine mòr e, cuiridh mi le lòn e;
Mas e duine gun chiall gun nàir e, fàgaidh mi aig a mhàthair fhèin e.

Ta e mar cheist leam fhathast cò as binne a sheinneas, an uiseag no an smeòrach. Bidh mi gu tric ga chur mar seo:

Nuair a ta aon ag èisteachd dà òran bhrèagha Ghàidhlig air an seinn, ta buaidh fa leth aig gach aon diubh air inntinn 's a spiorad, air a leithid de dhòigh 's gum bi glè dhoirbh leis a ràitinn cò an aon a tha a' toirt bàrr urraim air an aon eile. Cha b' urrainn dha innse cò dhiubh a b' fhurasta leis ionndrainn. Is fonnmhor seirm na smeòraich an àm dùsgadh anns a' mhadainn, agus an uair a thig a' chiad chiaradh air an fheasgar, ach is grinn a bhith ag obair a-muigh sa mhonadh rè an latha ri ceòl na h-uiseig. Bha neach o chionn fada anns an Eilean Sgitheanach ag èisteachd na smeòraich air latha ciùin samhraidh a chuala am port anns na briathran seo:

'Ille ruaidh bhig, 'ille ruaidh bhig, 'ille ruaidh bhig
Trobhad dachaigh, trobhad dachaigh, trobhad dachaigh a dh'ionnsaigh do dhinneir.
Dè an dinnear, dè an dinnear, dè an dinnear?
Blaigh boiteag, blaigh boiteag, blaigh boiteag.

Is tric a sheas mi mar aon obair a chur dearbhadh air an t-seanchas seo, am feadh a bhiodh an smeòrach a' ceileireadh gu sùrdail air bàrr preas agus shaoilinn gur e na briathran ud anns a' Ghàidhlig a bha i a' feuchainn ri sheinn.

An calman. Chan eil e iongantach ged a bhiodh an calman air a mheas na eun beannaichte a bhàrr air e bhith na eun sealbhach. A rèir gach sgeul a chaidh aithris mu dheidhinn, bha e riamh a' riochdachadh gach àgh agus maitheas. Gidheadh 's e eun glè leitheachail coimheach a ta ann. Chan eil e dèidheil air gum biodh eun sam bith ach a sheòrsa fèin a-mhàin a' sireadh a chomainn. Nach tric a chuala sinn e gu bòstail a' glaodhaich ri cearc a rachadh na rathad:

Chan e mo cuideachd thu. Chan e mo chuideachd thu.

Ach cò againn a bheir beum don a' chalman bhochd airson a bhith a' dèanamh uaill dha chinneadh. 'S e gun cailleadh e a' Ghàidhlig a bheireadh atharrachadh dha chleachdadh agus sin aon rud nach dèan e, ge be air bith ciamar a nì an cinne-daonna.

Bha nighean òg ann an Steinnseal uair air leabaidh a bàis a' labhairt ri a màthair mu aoibhneas agus mu ghlòir na beatha sin a bha i gu bhith a' sealbhachadh cho luath agus a thigeadh uair a h-aiseig. "Bheir mi seo dhuibh mar dhearbhadh," ars ise. "Fosglaibh an doras an uair a chì sibh mi a' toirt suas an deò. Mas ann gun an ionad shona ud a thèid mi, thig calman a-steach air an sgèith. Ruigidh e mo leabaidh agus grad-phillidh e a-mach air ais. Mura faigh gun an staid sin ris a bheil mi an dùil, thig fitheach a-steach."

Chuir a màthair beachd air a cainnt. Nuair a thàinig a' chrìoch, dh'fhosgladh an doras agus an sin thachair a cheart nì mar a thuirt a' chaileag. Thàinig calman a-steach air an sgèith. Ràinig e leabaidh a bàis agus phill e a-mach leis an luaths cheunda.

An fhaoileag. Nan tigeadh grunnan math fhaoileagan a-staigh far na mara agus gun d' laigheadh iad nan aon treud cruinn air an raon, dh'fhaodadh neach a bhith cinnteach nach robh uisge agus droch shìde fad air falbh. Ta an fhaoileag, a rèir saobh-chràbhadh, a' toirt bàrr air gach eun san ealtainn ann am fialaidheachd; nì a thug an seanfhacal fa-near, 'cho còir ris an fhaoileig'. Cha luaithe e a bheir aon fhaoileag an aire do bhiadh ann an ionad sam bith air tìr no cladach na theannas i air sgreuchail ri càch gu tighinn a chùm na cuirm maille rithe:

Cruinnichibh, cruinnichich, cruinnichibh, cruinnichibh.

Ged nach biodh faoileag eile ri faicinn an taobh a-staigh de chòig mionaidean, cruinnichidh a dhà-dheug timcheall oirre.

Spìdear. Is ann do Ameireaga mu thuath a bhuineas spìdear. Chan fhaca e Alba riamh, ach ged nach faca ta e a cheart cho Gàidhealach na dhòigh agus nach fhaighinn ri aon eun a ta tuath air a' chrìch Shasannaich. 'S e eun beag bòidheach a ta ann, mu mheudachd na h-uiseig. Is ann a-null an àm drip an earraich agus toiseach an t-samhraidh a bhios e a' seinn a phort milis goirid anns na craobhan. Their e 'Spìd oirbh, spìd oirbh' a cheart cho coltach ris an fhacal 's a ghabhas e cur. Cho luath 's à thàinig na h-eilthirich à Alba, thug iad fa-near gu bheil dà eun co-dhiù anns an tìr chèin seo aig a bheil puirt Ghàidhlig.

An coileach. Bu chaomh leis na seann daoine an coileach a chluinntinn sa mhadainn mhoich. B' fheàrr leotha e gu mòr na uaireadair. Mar a bha Bàrd Dhùn Bheagain a' ràitinn:

"'S ann tha an cleoc nach caill a' mhionaid, air an spiris agam fhìn."

Ach bha e na dhroch comharradh nan sìneadh e air gairm mu àird-fheasgair an dèidh gabhail mu thàmh. B' e sin teachdaireachd dhuilich a' tighinn chun a' bhaile. Nam biodh an latha fliuch, mosach 's gun teannadh an coileach air gairm, 's e caismeachd a bha ann gun robh an latha a' dol a thionndadh math. Nam biodh e a' sìor ghairm uair sam bith eile, 's e naidheachd mhath a bha a' dol a thighinn. Oidhche a bha ann, bha bodach a' fuireach ann an taigh na aonar a' feuchainn... bha bodach a bha a' fuireach ann an taigh na aonar a' feuchainn ri dòigh a chur air mar a rachadh aige air mocheirigh a dhèanamh, 's roimhe dol air ceann-turais fada tràth an ath latha. Smaoinich e mu dheireadh air seòl anns am biodh e air a dhùsgadh ge be air bith gu dè cho trom 's a bhiodh e na shuain. An eadar-sholas an anmoich, am feadh 's a bha e a' dol don leabaidh, dh'fhalbh e a-mach chun na faraidh air toir a' choilich. Rug e air an eun 's thug e a-nuas e na làimh, 's chuir e na thàmh e air spiris a bha a' tighinn a-mach às a' bhalla ri taobh na leabaidh aige. An sin, thuirt e ris fèin gun dùisgeadh gairm a' choilich e co-dhiù, an deagh àm an ath mhadainn, 's gum faodadh e cadal gu suaimhneach socair, saor bho iomagain. Sin mar a bha. Chaidil am bodach 's chaidil e da-rìribh, 's bha an latha mòr geal ann, 's a' ghrian an àirde nan speur an uair a dh'fhosgail e a shùilean. Ghrad-chuimhnich e air an turas 's mhothaich e gun do chaidil e cian tuilleadh 's fada. An sin thug e dubh-leum a-mach às an leabaidh a shealltainn airson an eòin thubaistich nach tug fiù 's aon gloc às a thoirt caismeachd dha na àm. Ach mo chreach, dè bha aige air an làr thall mu choinneamh ach cearc. Leis cho dorcha 's a bha an fharaidh an oidhche roimhe, thug e a-nuas an t-eun ceàrr.

A' chuthag. Shaoileamaid gum biodh gach buaidh 's piseach co-cheangailte ris a' chuthaig ann an saobh-chràbhadh nan Gàidheal a thaobh 's gur h-i teachdaire binn an t-samhraidh, ach chì sinn nach ann mar sinn a ta a' chùis. Dhèanadh na seann daoine sòlas mòr ris a' chuthag a chluinntinn a' chiad uair san t-samhradh aig àm sam bith den latha ach mun gabhadh iad biadh sa mhadainn. Nan cluinneadh iad a gu-gùg mum blaiseadh iad air aran, bu nì cinnteach gun rachadh a' bhliadhna sin nan aghaidh. Cha robh mart a bhàsaicheadh, gamhna a rachadh am poll, no call sam bith a thigeadh nan car, nach i a' chuthag a rinn siud. Nuair a thigeadh an t-earrach a-staigh gu math, bha uiread de eagal ron a' chuthaig 's gun robh e na chleachdadh a bhith a' cur caob de aran-coirce fon a' chluasaig airson gun toirte grèim às cho luath agus a dh'fhosgladh daoine an sùilean. Theireadh iad ris a sin, 'grèim cuthaig'.

Am fitheach. Cha bu toigh le daoine am fitheach o thùs. Anns gach sgeulachd a chaidh a thoirt a-nuas bho na linntean a dh'aom, ta e air a mheas na eun mì-shealbhach. Is mòr an t-eagal a chuireadh e air cuid, fitheach fhaicinn ag itealaich timcheall air long 's i a' cur a-mach gu fairge. 'S e manadh bàthaidh a bha an seo. Ta e air aithris mu Iain Garbh Mac 'Ille Chaluim, a chailleadh aig fairge, a' dol dhachaigh à Leòdhas gu Ratharsair, gum facas dà fhitheach a' sgiathail timcheall na birlinn an dèidh dhi cur a-mach bho thìr, agus dh'aithnich na daoine an uair sin fèin gum b' e sin turas a chrìche do Iain Garbh. A' tilleadh dhachaigh, shèid a' ghaoth. Dh'èirich na tonnan dubh-ghorm agus le fiadhantachd na h-aimsir, chaill na bha air bòrd an neart 's an treòir ag iomradh. Airson grèis bha iad air an luasganadh a-null agus a-nall le ioma-chathaidhean on ear-dheas, 's reubadh stuadh a bha a' toirt froineadh air an darach, gus fa dheòigh an deach a' bhirlinn 's na bha innte a shlugadh suas ann am muir bàthaidh. 'S e sin an oidhche a chàrnadh am mol garbh air cladach Loch Stafainn a ta ann an sin gus an latha an-diugh. Roimhe sin, a rèir beul-aithris, cha robh ann ach gaineamh mhìn, bhòidheach.

Mar a thachair do gach dùil bheò, ta a mhath fhèin co-cheangailte ris an fhitheach, agus deagh shealbh a cheart cho cinnteach ri mì-shealbh. Nach e fitheach a bheathaich 's a chùm beò am fàidh o shean, moch 's anmoch gu cunbhalach am feadh 's a bha a cho-luchd-dùthcha a' bàsachadh leis a' ghorta.

Chan eil ann ach beagan bhliadhnachan bhon a rinn fitheach gnìomh feumail do mhinistear Gàidhealach, agus cha b' ann an còsaibh nan creag no ann an iomall glinne, ach an teis-meadhan baile mòr Ghlaschu. Air madainn Disathairne bha ministear gu luasganach a' coiseachd sìos 's suas air ùrlar an t-seòmar-leughaidh aige. B' e fàth a luasgain gun robh e a' feuchainn ri inntinn a leigeil air searmon a chur an eagan a chèile fa chomhair an latha a-màireach. Bha gainnead tombaca air mar a bha air ioma fear a bhàrr anns a' Chiad Chogadh Mhòr. Cha robh uair a rachadh e a dh'ullachadh searmon nach feumadh e a phìob a lasadh airson a chuideachadh, ach an latha seo cha robh an tombaca ann, 's ceann cha ghabhadh cur air searmon. An dèidh tacan a thoirt air ais 's air adhart anns an t-suidheachadh sin, sheas e an teis-meadhan an t-seòmair, agus ann an sin nach ann a thàinig fitheach a-steach thar bàrr leth-àrd na h-uinneig a bha fosgailte, 's caob mòr tombaca aige na ghob. Leig an t-eun siud às air an ùrlar 's phill e a-mach air ais, 's cha robh an còrr seallaidh air. Is gann gun creideadh am ministear a shùilean leis an toileachadh a rinn e ris an tombaca. Sa mhionaid sin fèin lìon e a phìob agus is cinnteach mise nach deach uair an uaireadair seachad nuair a bha an deagh shearmon air tighinn às a' bheairt. Cha bheò an duine còir. Fhuair mi an sgeul seo bho aon dom b' aithne am ministear.

An t-aog. 'S e eun geal a bha anns an aog, mu uiread cearc ann am meudachd, agus is ann ùine gheàrr mum biodh bàs anns an teaghlach a chìte tighinn chun na dachaigh e. Bha leithid de eagal aig sean 's òg ron an eun gheal fhaicinn 's gur ann bhuaithe sin a dh'èirich am facal, 'gràin an aoig'. Bha siud uair dithis sheann daoine, fear 's a bhean, a' fuireach leotha fèin ann am bothan beag ann an aon de eileanan Gàidhealtachd Alba. Dh'innseadh a' chailleach do a companach 's tiomadh a' tighinn oirre, cho diongmhalta, treibhdhireach 's a mhaireadh gràdh dha riamh, agus cho mòr 's a bhiodh i ga ionndrainn nan toireadh am bàs air falbh e roimhpe fhèin. Dh'èisteadh esan rithe gach àm gu tostachd, sàmhach, ach mu dheireadh thall, thuirt e ris fèin gun cuireadh e dearbhadh air a gràdh. Anns an inntinn seo, chaidh e a-mach agus fhuair e grèim air cearc bhàn a chuir e a-steach roimhe air an doras. Tiotan beag na dèidh chaidh e fèin a-steach. Leig an tè a bha na suidhe shuas ri taobh an teine, 's i car beag goirid anns an fhradharc, glaodh àrd aiste.

"Iain, Iain, dè an t-eun mì-nàdarra coltas a ta mi a' faicinn ann an siud?"

"Tha," ars a companach, "an t-aog."

"Teich bhuam o aoig, teich bhuam o aoig," ghlaodh a' chailleach. "Thoir leat Iain, thoir leat Iain."

Chuala mi eadar-dhealachadh innse air an sgeulachd a tha ann an seo. A rèir an t-seann duine a chuala mise ga h-innse, 's ann ann am baile Bhaltois a thachair an nì, ach an àite seann chàraid, 's e bha ann ach banntrach bhochd agus a mac. Bha iad a' gabhail còmhnaidh ann am buaile bheag a tha deas air baile Bhaltois. Bha a' chailleach air fàs glè ghoirid anns an fhradharc, agus glè shean, agus bha eagal oirre ron an aog, gun tigeadh e. Cha robh a mac a' toirt mòran gèill dhan a' gheasag a bha ann an seo, agus bha e airson spòrs fhaighinn air a mhàthair. Dh'fhalbh e co-dhiù an latha a bha ann an seo agus dè rinn e ach fhuair e grèim air tè dhe na cearcan agus spìon e na h-itean aiste, agus chuir e a-staigh an creutair neònach a bha ann an sin, gun ite na dhruim, agus nuair a chunnaic a' chailleach an creutair a' gluasad eadar i 's an latha:

"Ò," ars ise, "gu dè an t-eun iongantach a tha mi a' faicinn thall an siud?"

"Tha," ars a mac agus e a' freagairt, "an t-aog."

"Teich uam o aoig, teich uam o aoig," ghlaodh a' chailleach, "gabh taobh an aon mhic dhen an taigh. Teich bhuam o aoig, teich bhuam o aoig, gabh taobh an aon mhic dhen an taigh."

Tha sin ag innse dhuinn a dh'aindeoin gràidh, nuair a tha eagal a' bhàis a' tighinn, gu bheil mar gum bitheadh an duine deis airson an duine as docha leis a chur air thoiseach air fhèin anns a' chunnart.

Mar a fhuair na h-eòin na h-itean. Ann an toiseach an t-saoghail, cha robh itean idir air na h-eòin. Air latha àraidh a-null mu dheireadh an fhoghair, chruinnich a h-uile h-eun a bh' anns an ealtainn ann an aon àite airson gun dèante luim air gnè de chòmhdach fhaotainn mun tigeadh am fuachd. Ann an comhdhail mhòr nan eun, chaidh iarraidh air triùir de na bha an làthair dol air turas a dh'ionnsaigh na grèine airson gun toireadh a' ghrian dhaibh deise de chòmhdach. B' e na h-eòin a chuireadh air falbh, tunnag, faoileag agus sgarbh. Nuair a ràinig iad an ceann-uidhe, bha e cho fada air adhart anns an fheasgar agus gun robh a' ghrian a' dol fodha anns a' chuan. Dh'innis na teachdairean an gnothach gu h-aon-sgeulach, ach thuirt a' ghrian riutha mar seo:

Tuigidh sibh nach eil an t-aiteal as lugha de thìde agamsa airson nì a dhèanamh air bhur son a-nochd. Ach bithibh gam fheitheamh anns a' mhadainn mhoich a-màireach, an uair a chì sibh a' chiad ghath dhìomsa a' nochdadh os cionn fairge, agus nì mise mo dhìcheall airson cuideachadh leibh. Cha robh air a sin ach sin fèin. Chaidh a' ghrian gu grad à sealladh. Chuir an tunnag, an fhaoileag agus an sgarbh romhpa gum fuiricheadh iad far an robh iad an oidhche sin, agus rinn iad air gob rubha faisg air làimh. Thuirt an fhaoileag agus an sgarbh am beul a chèile gum fuiricheadh iad nan caithris airson gum biodh iad cinnteach gun rachadh aca air a' ghrèin a ruigheachd cho luath 's a bhiodh i a' togail a cinn os cionn sàil. Cha tuirt an tunnag diog, ach chuir i a ceann fo a sgèith agus chaidil i. Cho luath 's mhothaich a companaich dha seo, thuirt an dàrna h-aon ris an aon eile:

"Nach fhaic thusa an òinseach ud, a' dol a chadal an uair bu chòir dhi fuireach na dùisge. Bi a' bhuil ann. Cha bhi ann dhìse ach turas gun bhuannachd."

Co-dhiù no co-dheth, chaidh aig an fhaoileig 's aig an sgarbh air an sùilean a chumail fosgailte air èiginn a' chuid bu mhotha den ùine. Ach nuair a bha e a' tighinn dlùth do bhristeadh na faire, thuit iad seachad le chèile nan trom shuain. Anns an dearbh mhionaid sin fèin, dhùisg an tunnag gu beò sunndach, air dhi a leòr den a' chadal fhaotainn. Rinn i na b' urrainn dhi airson càch a dhùsgadh, ach ged a bhiodh i a' fàgail fathast, cha chluinneadh aon seach aon i. Cha robh nì air a shon ach gum feumadh ise dèanamh air a' ghrèin na h-aonar. Nuair a ràinig i, chuir a' ghrian fàilte chridheil, chòir oirre, agus mun robh a h-aghaidh òr-bhuidhe, ach gann air cuairt nan speur fhàgail, bha an tunnag air a còmhdach leis na h-itean dlùth agus blàth a ta oirre chun an latha an-diugh.

Anns an dearbh àm, fhuair gach eun eile a dh'fhàg i na dèidh a chulaidh fèin a rèir a mhiann. Nuair a ràinig an fhaoileag 's an sgarbh, bha a' ghrian cho àrd anns an iarmailt 's cho mòr na drip agus na cabhaig le nithean eile 's nach robh dad de ùine aice airson còmhdach a chur orrasan cho fìor mhath 's a bha aig an tunnaig. Coma co-dhiù, fhuair iad na tha a' dèanamh a' ghnothaich dhaibh air èiginn, ach bhiodh an trusgan cuid na b' fheàrr nan robh iad air a bhith cho glic ris an tunnaig an oidhche roimhe siud. 'S e seo an t-adhbhar airson gun seas ise fuachd, reothadh, 's crannadh geamhraidh nach seas eun eile ach i fhèin.

Tha fios againn uile gu bheil na geòidh fhiadhaich a' tighinn gu ruige àiteachan mar a tha eilean Ìle agus cuid de eileanan eile a-null ann an àm a' gheamhraidh agus a' cur seachad na h-uiread de mhìosan na Dùbhlachd ann an sin. Ged a shaoileas duine nach e, 's e eun glè ghlic a th' anns a' ghèadh. Agus nuair a laigheas iad ann an siud nan còmhlan, dòcha gum bi ceud ann; 's dòcha gum bi ceudan ann; 's dòcha gum bi suas ri mìle ann. Co-dhiù, nuair a laigheas iad, agus a bhios iad a' cur mu dheidhinn a dhol a chadal, tha aon ghèadh a' fuireach na dhùisge, na fhreiceadan orra. Agus, ma chì an gèadh a th' ann an sin cunnart sam bith dlùth, tha e a' toirt seòrsa de ghloc, de ghlaodh às; glaodh a th' aige airson a' chunnairt a-mhàin, 's nach eil e a' cur an cèill aig àm sam bith eile. Agus tha sin a' toirt caismeachd do chàch dùsgadh anns a' mhionaid, 's tha iad air am bonn airson iad fhèin a thoirt às a' chunnart agus teicheadh bhon an t-sealgair. Ach a-nise mas e rud e agus gun tèid aig sealgair air gèadh no dhà a mharbhadh gun fhios dhan an fhreiceadan, anns a' mhionaid, cho luath 's a tha càch a' faicinn sin, nach tug am freiceadan geòidh a' chaismeachd bu chòir dha a thoirt seachad, an rabhadh bu chòir dha a thoirt do chàch, tha iad a' leum air uile agus ga mharbhadh fhèin. Nach eil gliocas ann an sin.

Tha rud beag de leasachadh agam timcheall air a' chuthaig. Bha na seann daoine a' creidsinn gu mòr, nuair a chluinneadh iad i airson a' chiad uair anns an t-samhradh, bha iad a' creidsinn gu mòr e, gur e... gun robh a h-uile gloc a bheireadh i, no a h-uile gu-gùg a bheireadh i, mar gum bitheadh, a' seasamh a-mach airson bliadhna. Is minig a chuala mi a' chuthag agus dòcha gur e deich uaireannan a theireadh i gu-gùg, agus dòcha gun toireadh i aiteal na b' fhaide air a sin 's gun ruigeadh i suas gun an fhichead. Ach bha na seann daoine gu làidir dhen a' bheachd, mura cluinneadh iad ach, abraibh, còig, còig uairean an gu-gùg aice, no deich uairean an gu-gùg aice, no dòcha fichead gu-gùg, bha a h-uile gu-gùg mar gum bitheadh a' seasamh a-mach airson bliadhna, 's bha iad dhen a' bharail gur e an àireamh seo de bhliadhnaichean a bha romhpa anns an t-saoghal seo.

Tha cuideachd a' chailleach-oidhche air a h-ainmeachadh ann an saobh-chràbhadh nan Gàidheal. Cha bu toigh le daoine idir a' chailleach-oidhche a chluinntinn air an latha, agus nam biodh i air a cluinntinn a' seinn, mas e seinn a their sinn ris an t-seòrsa caoidh a bhios oirre, bha iad a' smaoineachadh gun robh droch rud air a chùl; gur e naidheachd dhuilich no call a bha a' dol a thighinn. Chan iarradh iad idir, idir, idir a' chailleach-oidhche a chluinntinn faisg air an taigh air an latha, ach bha iad coma ged a bhiodh i fad na h-oidhche, ged a bhiodh i ag obair air seinn. Agus 's e rud anabarrach mì-shealbhach a th' ann cuideachd nead na caillich-oidhche fhaighinn. Bha iad a' ràitinn gun robh an aon bhuaidh mì-shealbhach co-cheangailte ri nead na cuthaig fhaighinn. Chan iarradh duine a mhuinntir an àite againne nead na cuthaig fhaighinn, ach bha iad a cheart cho gràineach air nead na caillich-oidhche fhaighinn. Chan eil ann dìreach ach beagan bhliadhnaichean bhon a bha caraid agamsa, agus bha sinn le chèile ag obair mun an taigh, agus chaidh mo charaid gu ruige fear dhe na taighean a-muigh, taigh na saorsainneachd, agus bha an taigh a bha ann an sin air a chuartachadh le craobhan mòra. Agus chaidh e a dh'iarraidh uidheam no inneal air choreigineach a-staigh gu ruige taigh na saorsainneachd, agus chuala e fuaim agus sheall e suas air a' ghlais-ceap, 's gu diod a chunnaic e ann an sin ach cailleach-oidhche ga dhubh-fhradharc, agus dè bh' aice ann an sin ach nead. Bha i na laighe air an nead. Agus thàinig e a-staigh ga innse dhomh fhìn, gun d' fhuair e an nead a-muigh anns an taigh-shaorsainneachd, nead na caillich-oidhche. Nuair a chuala mi seo cha do leig mi dad orm; cha tuirt mi gur e nì mì-shealbhach a bh' ann idir. Agus a-nise, cha robh an duine trì bliadhna beò às a dhèidhinn. 'S e duine òg a bh' ann anns an àm, ann an treise neart, ach cha robh e trì bliadhna beò às a dhèidhinn. Faodaidh gur e geasag a th' ann, agus faodaidh air an làimh eile, ged as e geasag a th' ann, gu bheil breithneachadh 's gu bheil gliocas, agus gu bheil teagasg, eadhon, ann an sin fhèin. Chan urrainn dhuinn a dhol roimhe. Tha dìomhaireachdan mòra a' cuartachadh ar beatha nach urrainn dhuinn a rannsachadh a-mach, ach biodh daoine a' cur beachd air gnothaichean dhen t-seòrsa sin.

Tha na druidean gu math lìonmhor air feadh a' chuid as motha dhen a' Ghàidhealtachd, ach tha pàirt dhen a' Ghàidhealtachd anns nach eil iad; chan eil iad rim faicinn cho lìonmhor ann an dùthaich a tha làn coille. 'S ann ann an dùthaich anns nach eil mòran coille as fheàrr leotha a bhith, agus gu sònraichte ma tha gàrradh... gàrraidhean ann, 's toigh leotha a bhith a' dèanamh an nid anns na tuill. Ach ged a tha iad glè chuimhneach air an àl, agus glè ghnìomhach air a bhith a' beathachadh an àil òg, nuair a tha iad eisimeileach nan eisimeil airson sin a dhèanamh, nuair a dh'fhàgas an t-àl, nuair a dh'fhàsas iad suas agus a tha iad a' smaoineachadh - seadh ma-thà, na pàrantan - gu bheil còir aca an nead fhàgail, tha iad a' dèanamh a h-uile nì as urrainn dhaibh airson an tàladh a-mach às na tuill dhorcha, agus cha tèid iad a-staigh leis na boiteagan aon uair agus gu bheil còir aig an àlach òg air an nead fhàgail, cha tèid iad a-staigh leis na boiteagan idir, ach fuirichidh iad a-muigh aig beul an tuill agus teannaidh iad ri bìgeil gus an tàlaidh iad a-mach an t-eun gu ruige solas an latha. 'S aon uair 's gu bheil na h-eòin mhòra a' faicinn solas an latha, tha iad a' tighinn a-mach agus a' gabhail na sgèith. 'S ann mar sin a tha iad gam faighinn a-mach.

Ach chunna mise uair, ge-tà, bha aon eun druid ann, agus bha nead aig an eun a bha ann an seo, dìreach faisg air saidhbhir, ann an toll ri taobh saidhbhir, agus dh'fhàg a h-uile gin dhe na h-eòin eile an nead ach e fhèin. Agus cas dhethsan cha tigeadh a-mach às an toll. Agus bha mi latha ann an seo a' dol seachad agus chuala mi sgiamhail agus am fuaim a' beucalaich a-staigh. Agus 's e seòrsa sgiamhail 's gearan a bh' ann, bha fios a'm gun robh an t-eun òg a' faighinn tàir, ach cha do leig mi dad orm. Agus a' tilleadh air ais, chuala mi am fuaim ceunda, agus dh'aithnich mi gun robh an t-eun òg a' faighinn tàir agus chaidh mi a-null gun an toll agus leum an t-eun mòr a-mach. Tha mi làn-chinnteach gur e an coileach a bha ann. Làrna-mhàireach chaidh mi seachad, 's fhuair mi an t-eun òg a dhiùlt tighinn a-mach na bhìdeagan, na chriomagan. Bha pàirt dhe na criomagan a-staigh am broinn an tuill, agus a' chuid nach robh, bha e na chriomagan a-muigh. Mharbh an t-eun, an coileach e, o nach tigeadh e a-mach mharbh e e, agus rinn e criomagan dheth.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math