Rannsaich

Mar a thachair fear-tomhais ri duine ann an uamh ann an Astr...

Ceann-latha April 1977
Àireamh a’ chlàir 71821
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1977.52.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1977.052

Geàrr-chunntas

Mar a thachair fear-tomhais ri duine ann an uamh ann an Astràilia.

Bha fear-tomhais talmhainn ann an Astràilia a bhiodh a' siubhal mun cuairt air each. Chaidh e air chall ann an stoirm agus thachair e ri fear a bha a' fuireach ann an uamh. Thug an duine a-staigh e airson na h-oidhche. Thuirt e gur ann à Sasainn a bha e, o theaghlach beairteach, ach gun robh e ann an sabaid le co-ogha agus gun robh e an dùil gun robh e marbh. Theich e gu Astràilia. Chaidh am fear-tomhais dhachaigh an ath latha. An ceann ùine fhuair e litir on fhear a bha anns an uaimh, agus choinnich iad. Thuirt an duine gun robh e a' dol air ais a Shasainn agus thug e seic don fhear-thomhais. Sgrìobh e à Sasainn a' toirt fiathachadh dha agus ag ràdh gun robh an co-ogha beò agus slàn.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math