Dh'Èirich Mi Moch Latha na Fèille
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
June 1974
Àireamh a’ chlàir
72784
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1974.96.B2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Tha an t-òran èibhinn seo ag innse mu fhear a thug leis damh beag lachdann gu fèill. Thàinig mòran a dh'iarraidh air fiachan a phàigheadh dhaibh.
Notaichean a' Chlàir
Eight couplets sung.
See:
'Folksongs and Folklore of South Uist' (Margaret F. Shaw ed., 1955) p. 124
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Barraigh
Eilean - Barraigh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Cànan
Beurla, Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Bha Ang, dh'fhalbh e a dh'ionnsaigh na sale leis na gamhna, agus air a thug mise sùil air a' bhòrd gu dè bh' aige air a bheulaibh ach srùbain. Chuimhnich mise air an òran a rinn am bodach bochd a bha an Uibhist. Fhios agaibh, sin an àm... canaidh iad ris an-diugh, the good old days. Ach innsidh an t-òran dhuibh dè cho math 's a bha iad. Chuala sibh reimhid e, Eòghainn. Tha e agaibh.
Dh'èirich mi moch Latha na Fèille
'S trom mo cheum 's cha b' neònach e.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Buntàt' ùr is truinnsear maoraich,
Chuir mo ghaol gu bòrd thugam.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Dh'fhalbh mi leis an damh beag lachdann,
Feuch am faighinn dròbhair dha.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Shuidh mi ann an toman fraoich,
Ri taobh fear dhe na dròbhairean.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Thàinig marsanta na mine,
'S litrichean na dhòrn aige.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
(Bha na marsantan a' tighinn a dh'iarraidh an airgid, 's gun aig an duine bhochd ach an damh beag lachdann.)
Ràinig marsanta na tì,
'S dha-rìribh cha do chòrd e rium.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Thàinig marsanta a' chotain,
Botal aig' is dh'òl sinn rud.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Thuirt an gobha rium le truas,
Gur olc do thuar 's cha neònach e.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Sin agaibh a-nist the good old days. Bha a h-uile duine riamh a' tighinn a dh'iarraidh a chuid fhèin às pàigheadh a' ghamhna, 's cha dèanadh an gamhainn ach ceithir no còig a notaichean.
Dh'èirich mi moch Latha na Fèille
'S trom mo cheum 's cha b' neònach e.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Buntàt' ùr is truinnsear maoraich,
Chuir mo ghaol gu bòrd thugam.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Dh'fhalbh mi leis an damh beag lachdann,
Feuch am faighinn dròbhair dha.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Shuidh mi ann an toman fraoich,
Ri taobh fear dhe na dròbhairean.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Thàinig marsanta na mine,
'S litrichean na dhòrn aige.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
(Bha na marsantan a' tighinn a dh'iarraidh an airgid, 's gun aig an duine bhochd ach an damh beag lachdann.)
Ràinig marsanta na tì,
'S dha-rìribh cha do chòrd e rium.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Thàinig marsanta a' chotain,
Botal aig' is dh'òl sinn rud.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Thuirt an gobha rium le truas,
Gur olc do thuar 's cha neònach e.
Hug óireann ó 's na hù ra bhó.
Sin agaibh a-nist the good old days. Bha a h-uile duine riamh a' tighinn a dh'iarraidh a chuid fhèin às pàigheadh a' ghamhna, 's cha dèanadh an gamhainn ach ceithir no còig a notaichean.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Meadhanach Math