Rannsaich

Fiosrachadh air manaidhean bàis.

Ceann-latha April 1977
Àireamh a’ chlàir 72893
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1977.55.B5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1977.055

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh air manaidhean bàis.

Bhiodh daoine a' faicinn solais agus a' cluinntinn fuaimean ann an àiteachan far an robh cuirp gu bhith air an cur. Chunnaic am fiosraiche fhèin sàbhan, a bha crochte, a' dol tarsainn air a chèile, agus soithichean a' leumadaich. Chitheadh athair rudan mar sin, ach chan fhaiceadh a mhàthair. Tha feadhainn a chì rudan agus nach toir guth orra. Chan eil iad airson dragh a chur air daoine eile.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ach rud eile a-nist. Am biodh iad a' faicinn sholas timcheall air... abair nam biodh plangannan ann far an robh corp gu bhith air righeadh, no a leithid sin?

Dòmhnall Ailean MacCuinn (DA): Ò bhitheadh. 'S gam faicinn a' gluasad, 's a' cluinntinn rud timcheall orra.

DE: Bhitheadh. A' cluninnteil ùird 's gnothaichean mar sin.

DA: Chunna mise dà shàbh anns an t-seann taigh ann a sheo crochte air dà tharraing. Fear dhiubh crochte air dà tharraing. Bha iad mar gum bitheadh siosar a-null 's a-nall tarsainn air a chèile. Chunna mi fhìn sin.

DE: Agus dè... an robh na sàibh a bha sin...

DA: Timcheall air dèanamh eislig, no eileadram, no dè chanas sibhse ris.

DE: Goirid às a dhèidh sin?

DA: Goirid às a dhèidh sin. Chunna mi soithichean agus tumailearan a' leum às an t-seann dreasair ann a sheothach; a' leum 's shaoileadh tu gun rachadh iad tron bhalla, gun sìon ag èirigh dhaibh. 'S e an aon rud a bha sin a-rithist; bha e timcheall air rud.

DE: Nis, chitheadh ur n-athair seo cuideachd, ach chan fhaiceadh ur màthair idir e, am faiceadh?

DA: Chan fhaiceadh mo mhàthair idir e. Ma chitheadh, cha chuala mi guth riamh aice. Ach tha gu leòr ann a chì e nach eil ga leigeil am follais.

DE: Tha, tha fhios a'm air a seo.

DA: Ach 's aithnte dhomh fhìn aon bhoireannach a chitheadh rudan, 's cha chuala mi i riamh ga mheinnseanadh - Oighrig Aonghais Dhòmhnaill. Chì, 's chan eil sìon a thèid seachad air na sùilean aice.

Peanaidh: Agus air mo shùilean-sa.

DA: Ò tha fios a'm [???].

DE: Chitheadh sibhse rud cuideachd?

DA: Ò chì Peanaidh e. Chì, chì, chì. Chì. Chì, ach 's e an rud a th' ann, canaidh daoine gur e na breugan a th' ann.

DE: Ò chan e breugan a th' ann idir.

DA: Ach, fhios agad, mar a tha an gnothach, nam bithinn-sa a-nis faisg air an taigh agad 's gum faicinn sìon timcheall air, bhiodh e gu math mì-chiatach a dhol ga innse dhàsan 's dhìse 's dhìse. Air deireadh thigeadh e air n-ais, gu 'n ruigeadh e. Chuireadh e barrachd dragh ort an uair sin. Ach, can gum faiceadh esan rud, dh'fhaodainn innse dhàsan no do Pheanaidh, fhios agad. Uill, chumadh i aice fhèin e. Ach ma chumas mise agam fhìn e, 's canaidh mi: "Ò chunna mise... tha ceithir bliadhna on a chunna mise sin." Uill canaidh a h-uile duine, 'imagination, tòrr bhreugan'. Ach, no. Sin agad am purpose a thathar a' cumail a h-uile sìon dhen rud ud air n-ais, air eagal gun ruig e cluasan an duine 's dragh a chur orra.

DE: 'S e. Ò 's e. Tha fhios gura h-e. Tha fhios gura h-e. Ò tha daoine air iomadach rud innse dhòmhsa nach leigeadh an t-eagal leam gu bràth bruidhinn ri daoine mu dheidhinn.

DA: Ò tha.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math