spacer
spacer

Mac an rìgh a' pòsadh An Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear M...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Mac an rìgh a' pòsadh An Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear M...
Fiosraichean - Dòmhnall Alasdair Johnson
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Mac an rìgh a' pòsadh An Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear Mòra.

Bha rìgh ann aig an robh aon mhac ach bhàsaich a bhean. Phòs e a-rithist agus bha triùir mhac aig a bhean, ach bha gràin aca air a' chiad mhac. Bha craobh àraidh anns a' ghàrradh aca air an robh measan luachmhor ach bhite a' goid nam measan gach bliadhna. Ged a chuireadh an triùir mhac bhon dàrna bean ga faire cha robh dol aca air stad a chur air. Chaidh am mac bhon chiad bhean ga faire agus gheàrr e itean bhàrr eun àraidh bho dhùthaich chèin a bha a' tighinn a ghoid nam measan.

Chuireadh an triùir a b' òige a shireadh an eòin ach cha deach leotha agus cha do thill iad. Dh'fhalbh am mac bu shine agus fhuair e an tìr anns an robh an t-eun. Fhuair e obair anns an lùchairt anns an robh an t-eun agus alaire. Fhuair e teicheadh leotha agus le nighean an rìgh agus sheòl e dhachaigh.

Chunnaic e a leth-bhràithrean air an rathad dhachaigh agus thug iad a char às, ga fhàgail às an dèidh, agus sheòl iad leis a' bhàta aige. Bha am fear bu shine airson nighean an rìgh a phòsadh, ach thuirt ise nach pòsadh i airson bliadhna, feuch an tigeadh am fear a thug bho thaigh a h-athar i. Thill e air latha a' phòsaidh agus fhuair e i. Thill iad gu dùthaich a h-athar.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:23:19
Àm Clàraidh - 1972
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 74898
Àireamh an Teip Thùsail - SA1972.039
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1972.39.A2+B1
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT550;


Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/74898/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA