Rannsaich

Mac an rìgh a' pòsadh na Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear Mòra.

Ceann-latha 1972
Àireamh a’ chlàir 74898
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1972.39.A2+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1972.039

Geàrr-chunntas

Mac an rìgh a' pòsadh na Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear Mòra.

Bha rìgh ann aig an robh aon mhac ach bhàsaich a bhean. Phòs e a-rithist agus bha triùir mhac aig a bhean, ach bha gràin aca air a' chiad mhac. Bha craobh àraidh anns a' ghàrradh aca air an robh measan luachmhor ach bhite a' goid nam measan gach bliadhna. Ged a chuireadh an triùir mhac bhon dàrna bean ga faire cha robh dol aca air stad a chur air. Chaidh am mac bhon chiad bhean ga faire agus gheàrr e itean bhàrr eun àraidh bho dhùthaich chèin a bha a' tighinn a ghoid nam measan.

Chuireadh an triùir a b' òige a shireadh an eòin ach cha deach leotha agus cha do thill iad. Dh'fhalbh am mac bu shine agus fhuair e an tìr anns an robh an t-eun. Fhuair e obair anns an lùchairt anns an robh an t-eun agus alaire. Fhuair e teicheadh leotha agus le nighean an rìgh agus sheòl e dhachaigh.

Chunnaic e a leth-bhràithrean air an rathad dhachaigh agus thug iad a char às, ga fhàgail às an dèidh, agus sheòl iad leis a' bhàta aige. Bha am fear bu shine airson nighean an rìgh a phòsadh, ach thuirt ise nach pòsadh i airson bliadhna, feuch an tigeadh am fear a thug bho thaigh a h-athar i. Thill e air latha a' phòsaidh agus fhuair e i. Thill iad gu dùthaich a h-athar.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT550

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): 'S e rìgh a bha siud a bh' ann, agus bha e pòsta, agus bha aon mhac aige agus bhàsaich a bhean air. Agus co-dhiù seothach, bha e a' dol air aghaidh treis mar seothach, agus chomhairlich an uair sin daoine dha gum biodh e... gum b' fheàrr dha pòsadh a-rithist. Agus 's e seo an rud a rinn e. Phòs e a-rithist. Agus bha triùir ghillean aige bhuaipe seo.

Uill, nuair a dh'fhàs a-nist na gillean a-nist suas, cha robh mòran sam bith aca mu dheidhinn a' bhean a bh' aig... am mac a bh' aige bhon chiad bhean. Ach 's e na gillean a bha bhon tè mu dheireadh, 's iad a bha a' faighinn a h-uile sìon.

Agus bha craobh aig an rìgh agus... anns a' ghàrradh, agus nuair a bhiodh i fo mheasan a h-uile bliadhna bha i a' pàigheadh an dàrna leth dhen stàid dha, le measan.

Ach a' bhliadhna a bh' ann an seothach co-dhiù, bith gu dè... dh'fhairich iad rud mun... mun ghàrradh an oidhche sin air feadh na h-oidhche, agus an làrna-mhàireach nuair a dh'èirich iad, bha a' chraobh air a milleadh. Cha robh an dàrna leth dhe na measan air fhàgail oirre, agus cha robh fhios o Dhia gu dè rud a dh'èirich dhi.

Uill, chaidh a-nist a' bhliadhna seo seachad, agus an ath bhliadhna, co-ainm a cheart oidhche, thuirt an rìgh ris a... ri fear dhe na gillean a bh' aige bhon bhean mu dheireadh an sin, thuirt e rithe [sic]:

"Feumaidh tu," ars esan, "a dhol a-mach a-nochd," ars esan, "agus fuireach," ars esan, "aig a' chraoibh," ars esan. "Seo," ars esan, "a' bhliadhna chun a-nochd," ars esan, "'s ann a thachair an rud dhi," ars esan. "Agus," ars esan, "feumaidh tu," ars esan, "fuireach aice," ars esan, "feuch am faic thu," ars esan, "dè tha a' tighinn thuice," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh an gille co-dhiù 's thug e leis claidheamh 's... agus chaidh e a gheàrd na craoibhe. Ach suas sin eadar meadhan-oidhche 's uair sa mhadainn, dh'fhairich e an aon ùpraid a' tighinn, 's an aon ùpraid a' tighinn, 's a' dèanamh dìreach air, 's dh'fhalbh e 's thug e... thug e a chasan leis dhachaigh. Agus an làrna-mhàireach bha a' chraobh air a milleadh air ais.

Agus co-dhiù seothach, an ath bhliadhna, chuir e fear eile dhe na gillean. Thuirt e ris:

"Thèid thusa a-nochd," ars esan, "agus feuch nach tèid thu dhachaigh, nach teich thu," ars esan, "mar a theich do bhràthair," ars esan.

Agus, cha teicheadh. Dh'fhalbh esan 's thug e fhèin leis claidheamh 's dh'fhalbh e. Agus aig car mun aon àm a thàinig e, an dèidh mheadhan-oidhche, 's eadar sin 's uair sa mhadainn, dh'fhairich e an ùpraid a' tighinn, 's an aon fhuaim 's an aon fhuaim. Agus thug esan e fhèin na buinn aiste 's thugadh an taigh air. Dh'fhàgadh a' chraobh ann a shiud. 'S an làrna-mhàireach an seo bha a' chraobh air a milleadh.

Agus an seothach an ath bhliadhna, thuirt an rìgh ris a' ghille a b' òige a bh' aige bhon bhean mu dheireadh, thuirt e ris:

"Thèid thusa a-nochd," ars esan, "a dh'aire na craoibhe," ars esan.

"Thèid," ars an gille, ars esan.

"Agus feuch a-nist," ars esan, "nach dèan thu mar," ars esan, "a rinn do bhràithrean," ars esan, "teicheadh dhachaigh," ars esan, "nuair a dh'fhairicheas tu rud. Feuch an dèan... an dèanar a-mach," ars esan, "gu dè rud a tha a' cur dragh oirre."

Uill, dh'fhalbh e, agus bha e ann a shin aig bonn na craoibhe, na shuidhe ann, agus treis na sheasamh, agus bha e a' feitheamh. Agus an sineach suas eadar meadhan-oidhche 's uair sa mhadainn, dh'fhairich e an ùpraid a' tighinn. Agus bha an ùpraid gus a bhith aige co-dhiù, 's thug esan a chasan leis dhachaigh 's dh'fhàgadh a' chraobh an siud. Agus làrna-mhàireach bha a' chraobh mar a bha i reimhid, air a milleadh.

Agus co-dhiù seothach, an ath bhliadhna, co-ainm na h-oidhche a bha iad a' caithris na craoibhe, thuirt an gille a bh' aige on chiad bhean, a' chiad ghille a bh' aige, thuirt e ris, ri athair:

"Bheil sibh," ars esan, "a' dol a dh'aire na craoibhe a-nochd?" ars esan.

"Chan eil... chan eil," arsa... ars athair, ars esan.

"An-tà, thèid mise," ars esan, "ga h-aire a-nochd," ars esan.

"An-tà, b' fheàrr leam fhìn," ars athair, ars esan, "gun rachadh tu sin."

"Ò Dhia, nì mi e cuideachd," ars esan, "agus thèid mi ann," ars esan, "agus bidh fhios a'm," ars esan, "gu de rud a tha a' cur dragh oirre," ars esan, "mu... mun till mi dhachaigh," ars esan. "Agus bha mi air a dhol ga h-aire," ars esan, "a' chiad oidhche," ars esan, "nam biodh sibh air iarraidh orm," ars esan.

"Ò ma-thà," ars an rìgh, ars esan, "thalla le beannachd Dhia, ma-thà," ars esan, "agus thèid... thèid ga h-aire a-nochd," ars esan, "feuch am faic sinn," ars esan, "an dèan thu," ars esan, "mar a rinn càch," ars esan.

Co-dhiù, dh'fhalbh... am beul na h-oidhche co-dhiù, dh'fhalbh e, 's thug e leis claidheamh. Agus ràinig e... chaidh e far an robh a' chraobh an sin, 's bha e treis na shuidhe 's treis na sheasamh an seo. Ach an sin, eadar sin 's uair sa mhadainn, dh'fhairich e an ùpraid a' tighinn.

Uill, dh'èirich esan na sheasamh 's theann e a-mach bìdeag on chraoibh, agus bha aghaidh anns an taobh a bha an ùpraid a' tighinn, feuch an dèanadh e a-mach gu dè rud a bh' ann. Agus thug e... 's e... thug e an aire do dùbhradh a bha seothach a' dol... a' dol seachad air, agus thug e cruinn-leum leis a' chlaidheamh agus thug e truiseadh dhe... dhen chlaidheamh leis, agus dh'fhairich e mar gum biodh e a' ruith tro itean. Agus leig an aon... leig am beothach a bh' ann sgiamh às agus dh'fhalbh e.

Uill, dh'fhan e ann a shin gus an robh a' mhadainn ann. Agus nuair a... nuair a dh'fhan e ann a shin, thog e sa mhadainn nuair a shoilleirich i, thog e na h-itean, oir 's e itean a bh' ann. Agus chan fhaca duine an seòrsa itean a bh' ann riamh. Agus thug e a-staigh gu athair e. Agus cha robh sìon... glè bheag a dhomail a bh' air a dhèanamh air a' chraoibh idir.

Agus chaidh an uair sin brath anns gach àite air feadhainn... feuch am faighte a-mach cò... dè seòrsa itean a bha seo, no gu dè seòrsa creutair a bh' ann. Agus co-dhiù seothach, bha feadhainn ag ràdh nach e... gur e itean eòin siud a bh' ann 's itean seo a bh' ann, 's thuirt aon... cuideigin riutha gur e fear ris... eun ris an canadh iad an Guileagan Faoidhn, agus gur ann an Rìoghachd nam Fear Mòra a bha iad... bha... bha... bha... bha iad.

Agus ò, 's ann a... nuair a chualas seo co-dhiù, 's ann a dh'fheumadh an gille bu shine a bh' aige bhon bhean mu dheireadh, 's ann a dh'fheumadh athair saothach a thoirt dhàsan agus dh'fhalbhadh e dh'iarraidh an eòin.

Agus rinn an rìgh sin. Thugadh saothach dha. Dh'fhalbh iad... dh'fhalbh e, agus an ceann na bliadhna seothach, cha d' fhuaradh... cha tàinig gabadh bhuaithe 's cha d' fhuaradh sgeul air sìon, agus b' fheudar... dh'fheumadh am fear eile, an dàrna fear. Agus dh'fhalbh am fear sin e fhèin na shaothach, agus chaidh e, brith cò an taobh a thug e aghaidh co-dhiù, ach chaidh [?faighinn] an uair sin suas gur ann anns na Patagonian Isles a bha... bha am beothach a bha seothach a' fuireach, agus gur ann fon talamh a bha e.

Agus an ceann na bliadhna seothach cha d' fhuaradh... cha tàinig gabadh bho ghin aca. Agus dh'fhalbh am fear òg, agus dh'fheumadh e fhèin àite... saothach, lòn bliadhna fhaighinn innte agus criutha agus gum falbhadh e fhèin, airson an eòin.

Fhuair e sin. Dh'fhalbh e. Agus ruith an seo a' bhliadhna 's cha tàinig gabadh air duine aca, cò an taobh a ghabh no às tàinig iad, 's cha tàinig eun 's cha tàinig sìon eile. Agus thuirt an gille a bh' aige bhon chiad bhean ris, ri athair:

"Bheir sibh," ars esan, "dhòmhsa a-nist saothach," ars esan, "mar a thug sibh," ars esan, "a chàch," ars esan, "agus," ars esan, "cuiribh lòn bliadhna innte," ars esan, "agus thèid mi," ars esan, "agus gheibh mi an t-eun," ars esan.

Agus:

"Cò," ars athair, ars esan, "a tha a' dol a shealltainn às dèidh an àite a tha seo a-nist?" ars esan. "Tha càch air falbh."

"Ò," ars esan, "nam biodh càch a-staigh," ars esan, "chan fhaighinn-sa mòran dheth," ars esan, "de shealltainn às a dhèidh idir," ars esan. "Ach," ars esan, "bheir sibhse dhòmhsa," ars esan, "an saothach," ars esan.

"Ò gheibh thu sin," ars athair.

Uill, fhuair e saothach co-dhiù, agus dh'fhalbh e an uair sin agus thachair am fear a bha seo... bha... a bh' ann a sheothach ris, agus thuirt e ris gum faigheadh esan criutha dha.

"Agus falbhaidh mi fhìn còmhla riut," ars esan.

"Ò glè cheart," arsa mac an rìgh.

Agus, uill, fhuaradh an criutha 's fhuaradh lòn bliadhna a chur innte 's dh'fhalbh iad leis an t-saothach.

"Nist," ars am fear seo, ars esan, "'s ann," ars esan, "an Rìoghachd nam Fear Mòra," ars esan, "a tha iad a' fuireach," ars esan, "a tha am beothach a tha sibh air thòir air," ars esan, "a' fuireach," ars esan. "Agus," ars esan, "aig an rìgh," ars esan, "ann an Rìoghachd nam Fear Mòra a tha e," ars esan, "agus tha nighean aige," ars esan, "agus 's e an Tè Bheauty a their iad rithe," ars esan. "Agus tha fà-... tha fàlairidh," ars esan, "'s e am Morgan Eàr a th' innte," ars esan, "agus," ars esan, "'s ann aig... aige a tha," ars esan, "a tha... 's a tha an t-eun seo cuideachd ann," ars esan.

Uill, dh'fhalbh iad co-dhiù, agus ràinig iad Rìoghachd nam Fear Mòra. Agus nuair a ràinig iad an seothach, chaidh iad chun a' chidhe, an t-àite a bh' ann, agus bha a' phàileas a bha sineach de phàileas mhòr riochdail shuas pìos os cionn a' chidhe. Agus thuirt an duine seo ris-san:

"Nist," ars esan, "theirig thusa gu tìr," ars esan, "agus feuch am faigh thu obair," ars esan.

Agus chaidh e gu tìr, 's mar a chaidh e rathad gach àite chaidh e rathad, agus gu dè bha a dhìth orra rathad na pàileis ach grùma airson coimhead às dèidh nan each, agus dh'fhastaidh e aig an rìgh air a shon.

Agus chunnaic e a-nist... 's ann an seothach anns an stàball, 's ann a bha an Guileagan Faoidhn agus am Morgan Eàr a bh' ann a sheothach, an fhàlairidh a bh' ann, agus tha e coltach gun robh i snog. Agus chunnaic e nighean an rìgh cuideachd, an Tè Bheauty. Agus bhiodh e daonnan a-nist... agus thuirt am fear seo ris:

"A h-uile feasgar," ars esan, "thig thu a-nuas ann a sheothach," ars esan, "agus cluinnidh sinn," ars esan, "gu dè tha thu... dè mar a tha thu a' faighinn air aghaidh," ars esan.

Agus:

"Thig," arsa mac an rìgh.

Agus co-dhiù seothach, bha e ag obair mun phàileas 's bhiodh e a' dol sìos feasgar rathad a' bhàta 's bhiodh... bha e fhèin 's am fear seo a' seanchas daonnan mu deidhinn.

Agus co-dhiù seothach, thuirt am fear seo ris, uair dhe na h-uaireannan a bha e shìos:

"Feuch a-nist," ars esan, "am faigh thu," ars esan, "an t-eun," ars esan, "a ghoid," ars esan. "Ach," ars esan, "air na chunna tu riamh," ars esan, "feuch nach buail a ghob no sgiath," ars esan, "ann an doras no sìon a' tighinn a-mach," ars esan, "no ma chuir... ma... ma... ma bhuaileas," ars esan, "dùisgidh e am baile," ars esan, "agus," ars esan, "bidh thu air do ghlacadh. Ach," ars esan, "ma thachras a leithid sin dhut," ars esan, "'s ma dh'fhaighn-... ma bhios iad a' dol," ars esan, "a dhèanamh sìon ort air a shàillibh," ars esan, "canaidh tu," ars esan, "ma dh'fhaighneachdas iad carson a bha thu a' falbh leis an eun, canaidh tu ris gun robh feadhainn ag ràdh nach fhaca duine," - bhiodh e daonnan a' gabhail cuairt leis a.. leis an Tè Bheauty, leis a' Mhorgan Eàr, bhiodh e a' gabhail cuairt leatha, ga [???], agus - "nach fhaca duine riamh sealladh eile bu bhrèagha air oidhche na an Tè Bheauty agus am Morgan Eàr agus an Guileagan Faoidhn air a beulaibh."

Uill, 's ann mar seothach a bha. An oidhche a bh' ann a sheothach co-dhiù, chaidh e an luib an eòin, agus thog e a-nall e, agus nuair a bha e a' dol a-mach an doras gu dè rinn an gob aige ach bualadh anns an doras. Ach ma bhuail, leig e sgiamh às a bha... a dhùisg an t-àite timcheall uile-gu-lèir, 's cha robh ach bha daoine nan ruith a-mach... nan ruith a-mach, agus thàinig an rìgh a-mach cuideachd. Agus dh'fhaighneachd e dha an ann... an ann a' goid an eòin a bha e. Thuirt e nach ann, nach robh e a' goid an eòin idir.

"'S dè a-nist," ars esan, "a bha a' toirt dhut a bhith ga thoirt a-mach?"

"Uill, innsidh mi sin dhuibh," ars esan. "Tha," ars esan, "feadhainn ag ràdh," ars esan, "nach fhaca duine, sùil duine riamh," ars esan, "sealladh eile bu bhrèagha," ars esan, "na," ars esan, "an Tè Bheauty a bhith air muin na Morgan Eàr," ars esan, "agus an t-eun... agus an Guileagan Faoidhn air a beulaibh," ars esan, "a' gabhail cuairt."

"Uill," ars an rìgh, ars esan, "chan fhada," ars esan, "gus am bi fhios againn air a sin ma-thà," ars esan.

Agus a-nist, an ath oidhche air a seo, thugadh a-mach am Morgan Eàr agus an Tè Bheauty agus an Guileagan Faoidhn, agus dh'fhalbh esan an ceann na Morgan Eàr agus ghabhadh na cuairtean a bha sineach. Agus nuair a thill e sineach, uill...

"Uill," ars an rìgh, ars esan, "feumaidh mi aideachadh dhut," ars esan, "gu bheil thu... gu bheil thu ceart," ars esan. "Agus tuilleadh," ars esan, "faodaidh tu," ars esan, "a bhith a' gabhail cuairtean leatha," ars esan, "oidhche sam bith," ars esan, "a bhios brèagha," ars esan, "'s a thogras tu fhèin a dhol a-mach," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Bha esan a' dol sìos agus dh'innis e... bha e ag innse dhan fhear a bha shìos gu dè mar a bha an gnothach a' dol.

"Ò uill, siuthad thusa," ars esan. "Lean thusa romhad ma-thà, 's bi a' gabhail cuairt leatha air an oidhche," ars esan, "'s bheir mi fhìn dhut brath," ars esan, "an oidhche a ghabhas tu an taobh seo leatha," ars esan, "agus bidh sinn deiseil air do shon."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Bhiodh esan a' dol cuairtean a-mach leatha a h-uile h-oidhche, a h-uile h-oidhche bhrèagha. Agus bhiodh e a' gabhail cuairtean leatha sìos rathad a' chidhe 's a h-uile sìon. Agus an latha a bh' ann a sheothach, an oidhche a bh' ann a sheothach, chaidh e sìos 's thuirt e ris a... thuirt am fear seo ris:

"Nist," ars esan, "an ath-oidhch'," ars esan, "gabhaidh tu an taobh seo leatha," ars esan.

"Glè cheart," arsa mac an rìgh.

"Agus bidh sinne deiseil," ars esan, "air do shon."

Uill, 's ann mar seothach a bha.

Co-dhiù, an ath oidhche fhad 's a bha oidhche bhrèagha ann, dh'fhalbh e cuairt leatha agus ghabhadh sìos cuairt rathad a' chidhe, 's cha robh ach chàireadh i fhèin 's am Morgan Eàr 's an Guileagan Faoidhn a-staigh dhan t-saothach. Thogadh na siùil ris an t-saothach 's tharraingeadh. Dh'fhalbh iad mar sin.

Bha iad a-nist a' tighinn leis an t-saothach, agus nuair a bha iad a' tighinn, thug iad an aire... Thàinig iad rathad na Patagonian Isles an sin, agus thug iad an aire do... dha na cruinn aig na trì saothaichean ann a shin anns an eilean sin... anns na h-eileanan. Agus thuirt mac an rìgh ris a... ris an sgiobair a bh' aige - cha b' e am fear seo an sgiobair a bh' aige idir, ach thuirt e ris e a dhol... e cumail air an seothach feuch am faiceadh e gu dè a bha iad a' dèanamh.

Agus chaidh iad chun a... chun nan eileanan sineach agus dh'acraich iad, agus tha... chan eil fhios a'm an robh acarsaid... an robh àite... cidhe no sìon, ach tha mi cinnteach nach robh. Ach co-dhiù, dh'acraich iad agus chaidh iad air tìr. Agus dh'fhàgadh an Tè Bheauty, dh'fhàgadh air bòrd i, agus am Morgan Eàr 's iad sin.

Agus bha iad sin agus iad ag obair air cladhach fon talamh, na trì saothaichean... na trì... a thriùir bhràithrean... a leth-bhràithrean agus iad ag obair ann. Agus dh'fhaighneachd an sgiobair aigesan, thuirt e riutha:

"Dè," ars esan, "a tha sibh a' dèanamh an sin?"

"Tha sinn," ars iadsan, "a' cladhach a' Ghuileagan Faoidhn," ars iadsan.

"An-tà, 's beag a ruigeas sibh a leas," arsa... ars an sgiobair, ars esan, "a chladhach," ars esan. "Tha e air bòrd anns an luing... anns an luing againne," ars esan.

"Ò chan eil," ars am fear... ars am fear bu shine dhiubhsan. "Chan eil sinn ach mu obair latha bhuaithe," ars esan.

"Ò tha agus obair dà latha," arsa... ars an sgiobair, ars esan.

Agus tha... thug... thuirt an sgiobair ris nach robh, gun robh esan... gun robh e acasan. Agus chaidh am fear seo ann an comhairle shuidhichte ris feuch an robh e ann. Agus bhraoib e an sgiobair. Agus bha mac an rìgh, bha e a' coimhead timcheall 's a' coimhead anns na docaichean 's anns na tuill 's na h-àiteachan a bha iad a' dèanamh ann, agus nuair a thàinig e a-nuas bha na ceithir longachan air togail a-mach o chlad-... o thìr, agus e air fhàgail ann a shiud.

Uill, cha robh fhios aige dè a dhèanadh e. Ach co-dhiù seothach, ràinig iadsan. Ràinig iad an taigh. Agus rinn am fear bu shine dhen a' chiad ghillean aigesan airson ise, an Guileagan... tha... an Tè Bheauty a phòsadh. Thuirt i nach pòsadh, gum biodh... gun cuireadh i bliadhna roimhpe gus an tigeadh am fear a thug air falbh à taigh a h-athar i. Mura tigeadh e an uair sin gum pòsadh i e.

Uill, bha esan a-nist ann a shineach, anns an eilean, 's bha e air... chaidh e fo ghruaig 's chaidh e fo fheusaig 's... nam biodh pàirt dhe na bheil an seothach an-diugh ann, thigeadh gruag gu leòr orra co-dhiù. Agus bha e ann a shin 's gun fhios aige dè a dhèanadh e ris fhèin.

Agus bha... bha biadh ann [?as tìr], tha e coltach rium, anns an eilean. Bha biadh acasan a' tighinn a bh' aca anns na longachan.

Ach co-dhiù, bha a' bhliadhna a' dol seachad, agus bha e a' tighinn an uair sin dìreach gu faisg gu ceann na bliadhna. Agus am feasgar a bh' ann a sheothach, cha robh fhios aige o Dhia, 's feasgar ceòthar ann 's i car dorcha, cha robh fhios aige o Dhia dè rud a dhèanadh e. Bha e gus a dhol dheth fhèin co-dhiù.

Agus shaoil leis gum faca e mar gum biodh seòrsa de gheòla no de rud air choreigin air a' mhuir a' tighinn ann an còmh-thràth na h-oidhche, agus chrom e sìos agus, an Dia, rinn e a-mach gur e... gur e... gur e rudeigin dhen t-seòrsa sin a bh' ann, agus bha i a' sìor thighinn agus a' sìor thighinn. Agus thàinig i, 's dh'èigh... dh'èigh an duine a bh' innte:

"A bheil thu an sin?"

"Ò tha," ars esan.

"Thig a-staigh an seo sa mhionaid ma-thà," ars esan.

Agus dh'fhalbh e 's chaidh e a-staigh dhan... dhan seòrsa geòla a bh' ann, agus dh'fhalbh a' gheòla 's thill i air ais. Agus fada no goirid gun robh an t-àite... àite athar bhuaithe, ràinig iad an t-àite.

"Tha thu a-nist," ars ise... "Tha i," ars ise, "gus a bhith pòsta a-nochd," ars ise, "an Tè Bheauty," ars ise, "agus," ars ise... "ach," ars ise, "gabh thusa," ars ise, "gu seop barbair," ars ise, "agus glan thu fhèin," ars ise, "agus theirig gu seop tàilleir," ars ise, "agus cuir deise mhath ort fhèin," ars ise, "agus dh'fhaodte gum biodh tu tràth gu leòr fhathast," ars ise.

Uill, 's e seo an rud a rinn e. Dh'fhalbh e agus chaidh e sìos... chaidh e far an robh barbair a bha sineach 's fhuair e a ghruag a thoirt dheth 's fhuair...

[Stad sa chlaradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

Fhuair e a ghruag a thoirt dheth agus fhuair... chaidh e an uair sin gu far an robh tàillear an sineach agus dh'fhiotadh a-mach ann... ann an deise aodaich e. Agus dh'fhalbh e an uair sin agus thug e aghaidh air taigh athar. Agus nuair a ràinig iad... ràinig e taigh athar, bha muinntir na bainnse cruinn, ach bha iad gun phòsadh. Agus dh'fhaighneachd e mun doras de dhuine an do phòsadh iad. Thuirt e nach do phòs, gun robh iad gun phòsadh fhathast.

Dh'fhalbh e an uair sin agus nochd e a-staigh. Agus bha ise ann an ceann shuas an àite a bh' ann, agus còmh-luath 's a chunnaic i e, leig i an aon èigh aiste agus gheàrr i cruinn-leum agus thug i a h-aghaidh air an doras, agus chàirich i a dà làimh mu amhaich.

"Thalla," ars ise, "'s tusa," ars ise, "a thug mise air falbh," ars ise. "'S tusa a phòsas mise," ars ise. "Agus," ars ise, "rinn iad glè cheacharra ort," ars ise, "mar a rinn iad ort," ars ise. "Ach," ars ise, "an t-ainm aca fhèin," ars ise, "gura h-iad a fhuair a h-uile sìon a bh' ann, ach chan iad. 'S ann a fhuair e thusa," ars ise.

Agus co-dhiù seothach, chaidh a' bhanais air aghaidh. Phòsadh esan agus an Tè Bheauty. Agus nuair a phòs iad 's a fhuair... a fhuaradh a bhanais seachad 's a h-uile sìon, thill esan an uair sin. Thuirt e ri athair gun robh esan a-nist a' falbh 's gun robh e a' fàgail an àite 's a h-uile sìon a bh' ann aca fhèin.

Dh'fhalbh esan, e fhèin agus an Tè Bheauty agus an Guileagan Faoidhn agus am Morgan Eàr. Agus thill iad air ais agus ràinig iad Rìoghachd nam Fear Mòra, gus an do ràinig iad taigh a h-athar-se, agus bha làmhan sgaoilte romhpa an sineach nuair a chunnaic an rìgh an nighean aige a' tilleadh air ais agus an gnothach a' tilleadh, agus nuair a chuala e gur e mac rìgh a bh' annsan. Agus dh'iarr iad [?orra] tilleadh dhachaigh leis a' bhàta, ach fhuair mise dhachaigh, agus dh'fhàg mise iadsan ann a shin.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò uill, math dha-rìribh, a Dhòmhnaill Alasdair.

DA: Shin agad a-nist mar a...

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math