Rannsaich

Dh'iarr an Sgiobair Dhol dhan Chrann

Fiosraichean
Ceann-latha 1963
Àireamh a’ chlàir 77727
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.54.A7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.054

Geàrr-chunntas

Anns an òran seo le maraiche, tha am bàrd ag innse gun deach iarraidh air streap suas gus na siùil a chur air dòigh. 'S ann an aghaidh a thoil a rinn e sin. Cha robh e math air an obair.

Notaichean a' Chlàir

Mrs Munro heard the song from her mother.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Mary Munro (MM):

Dh'iarr an sgiobair dhol dhan chrann
Thuirt mi ris nach rachainn ann
Thuirt e: "Feumaidh tu dhol ann
'S e nì a gheall thu dhòmhsa."

Chuir iad mi air bòrd san luing
A Rìgh gur goirt a bha mo chridh'
'S dham cheart aindeoin chuir iad mi
Dhan jig nach robh mi eòlach.

'S nuair ràinig mi leth a' chruinn
Shiab a' ghaoth mi null 's a-nall
Cha robh dùil a'm sa cheart àm
Gun robh mo cheann leam dòigheil.

Dh'fhalbh mi sin is chaidh mi suas
Cheangail mi 'n gaff-topsail cruaidh
'S thuirt e nuair thàinig e nuas:
"Chan eil e uamhraidh bòidheach."

Thuirt mi: "Mura dèan e feum,
'S mise fear nach seall na dhèidh
Ged a dh'fhalbhadh e na bhrèidean
Dha na speuran còmhla."

'S ma gheibh mi gu tìr gu bràth
'S gun ruig mi suas am Broomielaw
Sasannach cha ghlac mo làmh
Ged gheibhinn bàs air corner.

'S gura mise bha nam èis
Nach riofainn 's nach dèanainn feum
H-uile fear na ruith 's na leum
Is Beurl' aig' air gach ròpa.

'S gu bheil an Sasannach cho cruaidh
'S a' Bheurl' aigesan cho luath
'S ged chuireadh e ghob nam chluais
Cha tuiginn fuaim seach ròcais.

Ó hirì hill ó bha hó
Ó hirì hill ó bha hó
Siuthadaibh 'illean togaibh fonn
'S mo chridhe trom 's mi seòladh.


Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Glè mhath. 'S cò aig a bha e?

MM: Aig mo mhàthair a chuala mi am fear sin cuideachd. 'S ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math