Rannsaich

Luadhadh an Ìle.

Ceann-latha 24 August 1953
Àireamh a’ chlàir 7820
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.137.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.137

Geàrr-chunntas

Bha am fiosraiche aig iomadh luadhadh. Bhiodh na boireannaich a' luadhadh len casan agus a' gabhail òrain.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Eilean - Ìle

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Eilean - Ìle

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Am faca sibhse luadh?

John MacCormick (JM): Och bha mi ann ioma uair.

CM: An robh?

JM: Bha. Bha mi aig na luaidh ioma uair agus bhiodh sè cailean air an taobh thall, sè air an taobh a-bhos agus na plangaidean clòimh air meadhan a'... còmhla an dorais, agus an aodach a-suas 's tè d' an casan ris air fad. An tè seo ga chur mar seo 's an fheadhainn thall ga chur mar seo.

CM: Len casan?

JM: Ga luadhadh. Bhitheadh, a' crathadh air.

CM: 'S am biodh iad a' gabhail òrain?

JM: Bhitheadh, bhitheadh.

CM: 'S a bheil sìon a chuimhn' agaibh air dè seòrsa òrain a bhiodh iad a' gabhail?

JM: Tha, tha.

CM: 'S am b' urrainn dhuibh cuid dhiubh a bhruidhinn?

JM: Feuchaidh mi e.

CM: Gun an seinn idir.

JM: Feuchaidh mi e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math