Rannsaich

Ochòin a Rìgh Bu Mhi Brònag

Ceann-latha c. November 1963
Àireamh a’ chlàir 78909
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.60.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.060

Geàrr-chunntas

Anns an òran luaidh seo, tha nighean ag innse gu bheilear a' toirt oirre fear a phòsadh an aghaidh a toil. Am measg rudan eile, tha e odhar agus bodhar, agus tha ceann air nas motha na cruach mhòna. Anns an dàrna earrann dhen òran, tha i ag innse gum bu toigh leatha a bhith còmhla ri fear sònraichte à Loch Abar.

Notaichean a' Chlàir

21 lines plus choruses.

See:
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig ed., 1949) p. 42
'Hebridean Folksongs' vol. 2 (John L. Campbell & F. Collinson eds., 1977) pp. 72-76

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Falbhan ó hóireann o ho
Ochòin a Rìgh bu mhi brònag
Falbhan ó hóireann o ho
'S mi màireach a' dol a phòsadh
Falbhan ó hóireann o ho
Ri fear odhar, bodhar, brònach
Falbhan ó hóireann o ho
Chan fhaicear an cùirt fir òg thu
Falbhan ó hóireann o ho
'S ann a bhios tu 'n cùil na mònadh
Falbhan ó hóireann o ho
Coin is gillean riut a' còmhstri
Falbhan ó hóireann o ho
'S motha do cheann na chruach mhònadh
Falbhan ó hóireann o ho
Thèid seic' an eich mhòir nad bhrògan
Falbhan ó hóireann o ho
'S cha dèan dà shlat deug dhut còta
Falbhan ó hóireann o ho
'S thèid bolla nad bhonnach còmhla
Falbhan ó hóireann o ho
Falbhan ó hóireann o ho
Falbhan ó hóireann o ho

Mhic Iain Duibh o thaobh Loch Abar
Falbhan ó hóireann o ho
'S truagh a Rìgh nach mi bha agad
Falbhan ó hóireann o ho
Ge b' e àit' am biodh do leaba
Falbhan ó hóireann o ho
'M bàrr nan tonn no 'n grunn nam baidein
Falbhan ó hóireann o ho
No air morghan gorm an aigeil
Falbhan ó hóireann o ho
'S ged tha mis' 'am uiseig riabhaich
Falbhan ó hóireann o ho
Tha mi 'n dùil gun tig gam iarraidh
Falbhan ó hóireann o ho
Teachdaire bho mhac an iarla
Aig a bheil coin mhòr air iallan
Falbhan ó hóireann o ho
'S gearrain a' treabhadh an fhiadhair
Falbhan ó hóireann o ho
Falbhan ó hóireann o ho
Falbhan ó hóireann o ho

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math