Rannsaich

Iomradh air MacIlleMhìcheil a' cruinneachadh sgeulachdan ann...

Ceann-latha 17 June 1958
Àireamh a’ chlàir 79024
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1958.31.2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1958.031

Geàrr-chunntas

Iomradh air MacIlleMhìcheil a' cruinneachadh sgeulachdan ann an Uibhist a Deas. Air a leantainn le fiosrachadh mu theaghlach an fhiosraiche.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Tha cuimhn' agaibh ceart gu leòr air Carmichael? Bheil... am faca sibh e? Bheil cuimh' agaibh air...

Dòmhnall Mac an t-Saoir (DM): Ò, chan eil cuimhn' agamsa idir air.

CM: 'S ann ro bhur latha-se a bh' ann?

DM: Chan eil cuimhn' agamsa idir air, ach bhiodh e a' faighinn sgeulachdan o m' athair, agus daonnan ann an àm a thogamaid... ann an àm an smeuraich. 'S ann an November a bhiodh sin. Cha choisicheadh esan on an [???] idir. Ach a-nist, tha fhios agaibh, an àm an smeuraidh, bhiodh esan aig a' bhaile, fad trì seachdainean, no cola-deug co-dhiù, agus bhiodh e a' dol far am bitheadh e, ge brith cò an ceàrn dhen dùthaich anns am bitheadh e, bhiodh e, tha fhios agaibh, a' dol far am bitheadh e. Agus chuala mi e ag ràdha gun do ghabh e grunn sgeulachdan dha, ach gun tug e dha aon sgeulachd, agus gun tuirt e ris gun robh i math gu dearbh, agus leis cho math 's a chòrd i ris, thug e dha bonn leth-chrùn air a son. Sin na fhuair e riamh airson gabhail naidheachdan. Agus chan eil fios agamsa gu dè an t-ainm a bh' oirre ach 's e Sgeulachd an t-Seann Tuathanaich an t-ainm a bh' oirre. Chan eil i agamsa idir ach pìosan dhith. Agus bha e ag ràdha gun robh i a' còrdadh ris, agus gun robh e a' smaoineachadh gun robh i air briathran cho math 's a chuala e riamh, ann an Gàidhlig. Sin agaibh a-nist na bha a dh'eòlas agamsa air obair... na bha eadar e fhèin agus Carmichael.

CM: Seadh, seadh. Ò feumaidh... 's e sgrìobhadh sìos na sgeulachdan. Cha robh innealan mar seo aig Carmichael ann sna làithean a bh' ann. Uill, bha Carmichael ann an seo, suas, tha... bha e... ò uill, tha o chionn còrr 's abair ceithir... tha ceithir fichead bliadhna o thàinig Mac Mhìcheil... Carmichael an seo an toiseach, abair, faisg air. Agus a-niste, bhur n-athair, nuair a dh'eug e, bheil cuimhne mhath agaibhse air, a bhith... bhur n-athair fhèin?

DM: Ò tha, ò tha. Ò, tha deagh chuimhne...

CM: An robh e aosta nuair a...?

DM: Ceithir fichead 's a trì.

CM: Ceithir fichead 's a trì.

DM: Ceithir fichead 's a trì. Eighty-three.

CM: Agus dè a' bhliadhna, bheil cuimhn' agaibh?

DM: Bhàsaich e ann an nineteen fourteen.

CM: Fourteen. Seadh. 'S bha e mòr làidir. Bha e fad slàn fad a bheatha gu...

DM: Bha. Chan fhaca... cha robh e aig dotair riamh. Cha robh riamh na bheatha.

CM: Riamh. Agus an ann a mhuinntir seo a bha e na chòmhnaidh?

DM: 'S ann a mhuinntir Snaoiseabhal a bha e, a mhuinntir Snaoiseabhal 's ann a bha a chuideachd. 'S ann a bha athair, 's ann a bha sheanair.

CM: Seadh. Agus a-nise, feumaidh gum buin sibhse... bheil sibhse, am buin sibh... bha fear ris an can iad am Bàrd Mac an t-Saoir ann o chionn fhada. Agus bha Clann 'ic an t-Saoir an Uibhist a Deas aig Mac 'ic Ailein, fios agad, an cuala sibh naidheachd mun an oidhche a chaidh Ormacleit na teine, gur e fear Mac an t-Saoir a bha a' faireadh a' chaisteil?

DM: Chuala mi e sin ceart gu leòr ach chan eil an rud agam air mo theangaidh idir, cha robh mi ach dìreach... pìosan dhith.

CM: Bidh buinteanas... bidh càirdeas air choreigin agaibh ri Aonghas Ruadh a bha shìos an Snaoiseabhal?

DM: 'S ann às an Eilean Sgitheanach a thàinig na daoine againne an toiseach.

CM: Seadh, seadh, seadh.

DM: 'S e fear... chanadh... chanadh m' athair gur ann às an Eilean Sgitheanach a thàinig a shinn-seanair, à Slèite, agus 's e Niall Mac an t-Saoir a bh' air an duine sin. Chan eil fios agamsa air sìon mun deidhinn ach sin, ach gun cuala mi siud aig an fhear nach maireann, m' athair, iomadach uair. "'S ann," ars esan, "à Slèite an Eilein Sgitheanaich a thàinig mo shinn-seanair."

CM: Seadh dìreach. Uill, a-nise, bha aon cheist eile agam: an robh sìon a bheachd agaibh an robh naidheachd aig ur n-athair mu dheidhinn muilinn agus gur ann air sàillibh na muilne seo a tha sàl ann an-diugh?

DM: Ò, bha gu leòr mhòr a naidheachdan aige mu dheidhinn Mhuile 's mu dheidhinn nan eileanan air fad, ach tha fhios agaibh, chan eil, chan eil, chan eil...

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math