Rannsaich

Sgeulachd mu chladh Hùsabost agus mar a bha fear a thug leac...

Ceann-latha December 1958
Àireamh a’ chlàir 79077
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1958.171.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1958.171

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu chladh Hùsabost agus mar a bha fear a thug leac às a' chladh a' faicinn thaibhsean gus an do thill e an leac.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Am Baile Sear

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Ruairidh Dòmhnallach: Cho fad air ais ri còrr agus trì fichead bliadhna, chuala mi stòiridh air a h-innse le bean an duine a tha mi a' dol a bhruidhinn mu dheidhinn. An toiseach, bha na bruthaichean anns a' bhaile air taobh an iar a' Bhaile Shear, bha iad a' falbh leis a' ghaoith, agus dh'fhalbh triùir a mhuinntir a' bhaile, bhon a... comataidh a' bhaile, agus chaidh iad sìos a dh'fhaicinn gum biodh na bruthaichean air an dùnadh.

Agus nuair a bha iad a' dèanamh suas cuid a h-uile duine dhe na bruthaichean airson gum biodh e... gun dèanadh e suas e, bha iad a' cur clachan suas anns na ranndaichean eatorra. Agus thàinig iad tarsainn air leac ann a sheo, agus i air a h-oir anns a' ghainmhich. Dh'fheuch fear aca ri a toir às, agus dh'fhairlich air. Agus chaidh an dithis eile cuide ris agus chuir iad... 's ann a dhùisg iad a-nuas i. Agus nuair a dhùisg iad a-nuas i, bha iad a' faicinn na gainmhich ruadh, agus thuirt fear dhe na Dòmhnaill a bh' ann, thuirt e:

"Tha sinn anns a' chladh," ars esan.

Ann an Cladh Hùsabost. Agus seann chladh a bh' ann. Chan eil adhlacadh ann o chaidh... chan eil ròs idir againne cuin a bhathar a' dèanamh tiodhlacadh ann. Agus nuair a chaidh a' ghainmheach a bha timcheall air a' chloich a ghluasad, nuair a thàinig an t-earrach, dh'fhalbh a' ghainmheach a bha sin leis a' ghaoith agus bha a' chlach air a fàgail air uachdar na gainmheach.

Agus bhiodh iad an uair sin ag obair air ceilp, agus bha duine ann a shin agus thuirt e... shònraich e an leac, gum biodh i uabhasach math ann an taobh na h-àtha-cheilpe, airson gun dèanadh i cuideachadh leis a' bhalla a bh' ann nuair a bhiodh e a' losgadh na ceilpe.

Agus dh'fhàgadh an leac ann a shin. Agus nuair a thàinig an geamhradh, thòisich iad a' faicinn solas far an robh na h-àthannan-ceilpe pìos air falbh o na taighean. Agus cha robh iad a' tuigsinn gu dè solas a bh' ann.

Agus co-dhiù, thàinig an uair sin an samhradh. Agus 's ann a chunnaic fear dhe na daoine gun robh call a bh' ann an leac bhrèagha a bha siud a bhith air a fàgail, gum biodh i uabhasach math airson àrd-doras - a cur os cionn doras no rud sam bith dhe leithid sin - agus 's ann a fhuair e, le cuideachadh, a' chlach ud chun an taighe, agus an dàrna ceann dheth a chur air ceann na h-àtha, agus an ceann eile air gàrradh na h-iodhlainn dhith.

Agus nuair a thàinig an seo an geamhradh a-staigh, a h-uile... an-còmhnaidh nuair a reigheadh e a-mach bha e a' faicinn duine agus feusag bhàn ruadh air, agus a dhà uilinn air a' chloich. Agus bha e a' smaoineachadh gun robh còrr agus seachd troighean a dh'àirde anns an duine, leis a' mheudachd a bha e a' faicinn ann. Agus bha e eòlach gu leòr mu dheireadh air a bhith a' faicinn an duine 's cha robh diù sam bith aige dheth. Chitheadh an duine taibhs co-dhiù.

Ach 's ann a thòisich an seo an duine a' tighinn thuige na chadal. Agus dh'iarr e air uair agus uair an leac a chur air ais. 'S dh'innis e dha far an cuireadh e i 's nach fhaiceadh e esan tuilleadh. Agus a h-uile turas a chitheadh e e, cha robh ann ach aisling, agus bha e a' tuiteam na chadal air ais far an robh e... mar a bha e roimhe.

Ach an oidhche a bh' ann a sheo, chunnaic e e... thàinig an duine far an robh e, agus thuirt e ris:

"Èirich," ars esan, "agus na dùin do shùil," ars esan, "gus an cuir thu sìos a' chlach."

Agus dh'fhosgail e a shùilean agus bha e an uair sin a' dol a thuiteam na chadal a-rithist, agus thàinig e a-rithist far an robh e agus dh'iarr e air a' chlach a chur sìos, 's nach fhaiceadh e esan tuilleadh.

Dh'èirich e anns a' mhionaid, agus chaidh e chun an teine, agus dh'èirich... dh'èigh a bhean, 's i anns an leabaidh:

"Cò tha siud aig an teine?"

"Tha mise," ars esan.

"Gu dè tha thu a' dèanamh ann a shin?"

"Tha an duine-uasal ud air tighinn far a bheil mi, agus tha e ag iarraidh orm gun mo shùil a dhùnadh gus an cuir mi a' chlach sìos dha."

Dh'innis e an t-àite dha robh aige ri a cur.

"Dè," ars ise, "an uair a tha e?"

"Tha e eadar dà uair 's trì uairean sa mhadainn," ars esan.

"Ma-thà," ars ise, "an ainm an Àigh," ars ise, "na teirig... na dùin do shùilean," ars ise, "gus an cuir thu sìos i."

Fhuair e daoine sa mhadainn, agus chuir e sìos a' chlach. Chan fhacas sìon tuilleadh mu timcheall.

Agus chaidh an stòiridh a bh' ann a shin innse dhòmhsa na mo chnapach beag a-staigh, 's tha cuimhn' agam air chun an latha an-diugh, le bean an duine, agus tha fios a'm an stòiridh a tha mi ag innse gu bheil i fìor.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math