Shuidh Mi air Cnocan an t-Siùil
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1963.60.B6
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
'S e òran luaidh a tha seo, anns a bheil trì earrannan. Anns a' chiad earrann, tha ùghdar nan sreathan a' lasadh teine, agus ag innse mu thriùir a tha a' tighinn. Anns an dàrna earrann, tha an t-ùghdar a' suidhe air cnoc àrd na buaileadh, agus a' faicinn uaislean a' tighinn. Tha i ag innse mu bhith ann an Gleann Cuaiche le fear dhiubh ris an canar 'Alasdair buidhe na gruaige'. Cha bhuaileadh e i. Anns an treas earrann, thathar ag iarraidh air fear beannachdan a thoirt gu leannan an ùghdair, agus innse dha gu bheil i fallain, agus gun tàinig i tron gheamhradh gu sàbhailte.
Notaichean a' Chlàir
See:
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair (K. C. Craig ed., 1949) p. 111
'Hebridean Folksongs' vol. 3 (John L. Campbell & F. Collinson eds., 1981) p. 44
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
E ho hao rì oho
Shuidh mi air cnocan an t-siùil
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Shuidh mi air cnocan an t-siùil
E ho hao rì oho
Thog mi teine, rinn mi smùid
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Thog mi teine, rinn mi smùid
E ho hao rì oho
Thug mi sealladh taobh mo chùil
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Thug mi sealladh taobh mo chùil
E ho hao rì oho
Chunnaic mi tighinn an triùir
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Chunnaic mi tighinn an triùir
E ho hao rì oho
Fear is gille, gunna 's cù
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Fear is gille, gunna 's cù
E ho hao rì oho
Às deaghaidh sin luchd nan cùl
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Às deaghaidh sin luchd nan cùl
E ho hao rì oho
Luchd nan leadan 's nan cùl fionn.
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Luchd nan leadan 's nan cùl fionn
E ho hao rì oho
Dh'òladh an deoch, cha b' e 'm bùrn
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Dh'òladh an deoch, cha b' e 'm bùrn
E ho hao rì oho
Ach fìon dearg a thig on bhùth
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Ach fìon dearg a thig on bhùth
E ho hao rì oho
E ho hao rì oho
Shuidh mi air cnoc àrd na buaile
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Shuidh mi air cnoc àrd na buaile
E ho hao rì oho
Thug mi sealladh taobh mo ghuaille
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Thug mi sealladh taobh mo ghuaille
E ho hao rì oho
Chunnaic mi tighinn na h-uaislean
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Chunnaic mi tighinn na h-uaislean
E ho hao rì oho
Coltas Raghnaill Òig is Ruairidh
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Coltas Raghnaill Òig is Ruairidh
E ho hao rì oho
'S Alasdair Buidhe na gruaige
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Alasdair Buidhe na gruaige
E ho hao rì oho
Rìgh cha bhagradh tu mo bhualadh
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Rìgh cha bhagradh tu mo bhualadh
E ho hao rì oho
Nam bu chuimhneach leat on uair sin
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Nam bu chuimhneach leat on uair sin
E ho hao rì oho
Nuair a bha mi 's tu 'n Gleann Cuaiche
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Nuair a bha mi 's tu 'n Gleann Cuaiche
E ho hao rì oho
E ho hao rì oho
Fhir a shiùbhlas 'ro na gleannan
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Fhir a shiùbhlas 'ro na gleannan
E ho hao rì oho
Cha chuir mise trom ort eallach
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Cha chuir mise trom ort eallach
E ho hao rì oho
Ach thu ghiùlain mo cheud beannachd
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Ach thu ghiùlain mo cheud beannachd
E ho hao rì oho
Dh'fhios a' bhuill a bheil mo leannan
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Dh'fhios a' bhuill a bheil mo leannan
E ho hao rì oho
Inns dha gu bheil mi fallain
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
('S) Inns dha gu bheil mi fallain
E ho hao rì oho
'S mar a chuir mi 'n geamhradh fairis
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
'S mar a chuir mi 'n geamhradh fairis
E ho hao rì oho
'S gun do thiarainn mi 'ron earrach
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
'S gun do thiarainn mi 'ron earrach
E ho hao rì oho
Ràna mi samhradh a' bhainne
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Ràna mi samhradh a' bhainne
E ho hao rì oho
Ràna mi foghar nam bannan
E ho hao ri rì a hó gu
E ho hao ri iù ra bhó
Ràna mi foghar nam bannan
E ho hao rì oho
E ho hao rì oho
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math