Rannsaich

Mo Dhòmhnallan Fhèin

Ceann-latha 19 March 1989
Àireamh a’ chlàir 80005
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1989.34.B6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1989.034

Geàrr-chunntas

'S e òran gaoil le boireannach a tha seo. Tha i na suidhe na h-aonar a' cuimhneachadh air Dòmhnallan a dh'fhàg i fo bhròn. Thuirt a pàrantan rithe gun robh i gòrach a gaol a thoirt do dh'fhear a bha a' seòladh, ach ged a gheibheadh i fear beartach tha àite sònraichte aig Dòmhnallan na cridhe. Tha còrr is bliadhna on a sheòl e air falbh. Tha dualagan de chuailean aice na pòca, agus tha dealbh dheth aice ann an cèis.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Flòraidh NicNèill: This is a love song. A young girl who has a sweetheart who's a sailor away at sea. Her parents don't approve of him, but she still loves him and looks forward to him coming back.

Nuair chruinnicheas an òigridh,
Gu mire 's gu sòlas,
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus;
A' cuimhneachadh còmhraidh
An fhleasgaich a leòn mi,
'S an gaol thug mi òg
Dha mo Dhòmhnallan fhèin.

Bidh m' athair 's mo mhàthair
Ri gearain 's ri cràmhan,
A' cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill;
Mo ghaol thoirt do dh'òigear
Bhios daonnan a' seòladh,
'S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ri gach tè.

Tha dualagan bòidheach
Dhed chuailein nam phòca,
A dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis;
Do shùilean cho beò leam
Do ghruaidh mar na ròsan,
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo Dhòmhnallan fhèin.

Tha bliadhn' agus còrr
Bhon a sheòl e o eòlas,
Tha ìomhaigh cho beò leam
'S ged sheòl e an-dè;
Cha ghèill mi do dh'òigear
'S cha cheil mi na bòidean,
Na 'n gaol thug mi òg
Dha mo Dhòmhnallan fhèin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math