spacer
spacer

Naidheachd mu Dhonnchadh Bàn.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Naidheachd mu Dhonnchadh Bàn.
Fiosraichean - Mr John MacDonald
Luchd-clàraidh - ;
Item Person - MacIntyre, Duncan Bàn

Geàrr-chunntas - Naidheachd mu Dhonnchadh Bàn.

Bhiodh Donnchadh Bàn a' dol air chèilidh air feadhainn a bha a' dèanamh dìg. Bhiodh iad a' ceannach uisge-beatha nuair a gheibheadh iad pàigheadh Disathairne. Nuair a chaidh Donnchadh dhan bhothan aca, thairg iad deoch dha às a' bhotal. Dh'fhaighnich Donnchadh dhaibh dè bh' ann. Thuirt iad nach robh ann ach boinne de dh'uisge à Loch Obha. Dh'fhairich Donnchadh am fàileadh agus bhlais e air, agus dh'aithnich e gur e uisge-beatha a bh' ann. Thuirt e, "Gum beannaicheadh Dia bùrn Loch Obha. Mas math am fàileadh, 's fheàrr am blas, agus ma tha an còrr dheth mar a tha am botal, bu mhòr am beud a leigeadh às."

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:00:48
Àm Clàraidh - 1974.06
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 80107
Àireamh an Teip Thùsail - SA1974.102
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1974.102.A6
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Barraigh
  Eilean - Barraigh

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/80107/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA