Naidheachd mu Dhonnchadh Bàn.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1974.102.A6
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Naidheachd mu Dhonnchadh Bàn.
Bhiodh Donnchadh Bàn a' dol air chèilidh air feadhainn a bha a' dèanamh dìg. Bhiodh iad a' ceannach uisge-beatha nuair a gheibheadh iad pàigheadh Disathairne. Nuair a chaidh Donnchadh dhan bhothan aca, thairg iad deoch dha às a' bhotal. Dh'fhaighnich Donnchadh dhaibh dè bh' ann. Thuirt iad nach robh ann ach boinne de dh'uisge à Loch Obha. Dh'fhairich Donnchadh am fàileadh agus bhlais e air, agus dh'aithnich e gur e uisge-beatha a bh' ann. Thuirt e, "Gum beannaicheadh Dia bùrn Loch Obha. Mas math am fàileadh, 's fheàrr am blas, agus ma tha an còrr dheth mar a tha am botal, bu mhòr am beud a leigeadh às."
Neach/Cuspair a' Chlàir
MacIntyre, Duncan Bàn
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Barraigh
Eilean - Barraigh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math