Rannsaich

Creutairean os-nàdarra agus comharran air an t-sìde.

Ceann-latha 1961
Àireamh a’ chlàir 81419
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1961.032

Àireamh an Teip Thùsail

SA1961.032

Geàrr-chunntas

Creutairean os-nàdarra agus comharran air an t-sìde.

Tha am fiosraiche ag innse mu chreutairean os-nàdarra agus comharran air an t-sìde. Bha daoine aig uair a' creidsinn ann an crodh-uisge agus eich-uisge. Bhiodh an t-each-uisge a' dol ann an riochd duine. Tha i ag innse mu mhanaidhean a bha iad a' creidsinn a thaobh na sìde. Ma bha uisge ann air Là Màrtainn Builg, bhiodh uisge ann airson sia seachdainean. Tha i cuideachd ag ràdh nach robh daoine a' fàgail leanabh nach robh air a bhaisteadh na aonar, no ga thoirt a-mach às na taigh, air eagal 's gum falbhadh na sìthichean leis. Chuala i iomradh air tàcharan a bhith air fhàgail an àite leanaibh.

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math