Rannsaich

A' bleith, a' snìomh agus a' luadhadh.

Ceann-latha 1961
Àireamh a’ chlàir 81420
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1961.032

Àireamh an Teip Thùsail

SA1961.032

Geàrr-chunntas

A' bleith, a' snìomh agus a' luadhadh.

Tha am fiosraiche ag innse mu obair dachaigheil, leithid a bhith a' bleith, a' snìomh agus a' luadhadh. Tha cuimhne aice fhèin air a bhith a' bleith coirce le brà. Bha cuibhle-shnìomha aice agus bhiodh i a càrdadh dhi fhèin cuideachd. Bha dà bhreabadair san sgìre a' dèanamh clò. Tha còrr 's ceithir fichead bliadhna bho nach fhaca i luadhadh san sgìre. 'S e là mòr a bh' ann. Bha seann doras aca airson cleith. Bha ceithir bhoireannach ga dhèanamh agus bhiodh iad a' seinn fhad 's a bha iad ag obair. Cha robh dannsa ann an dèidh an luadhaidh; cha robh daoine a' dannsa san sgìre ach aig bainnsean.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacAonghuis (IM): Agus a-nise, na bu... nuair a bha sinn a' bruidhinn sa mhadainn bha sibh a' ràdh gun robh cuimhn' agaibhse a bhith a' dèanamh na mine anns na... anns na taighean.

Kate Shaw (KS): Bha, ann an taigh... an taigh mo sheanar. Taigh bràthair m' athar-sa. 'S e bràthair m' athar a bh' ann an uair sin. Tha cuimhn' a'm a bhith a' dèanamh na min ann. Tha an-diugh taigh mòr geal ann aig Mrs Carrington... aig... bean làn airgead a cheannaich e. Cha robh ann an uair ud ach taigh cumanta tughaidh, dìreach, taigh... [???] 's e taigh math a bh' ann, ach tha cuimhn' a'm a bhith a' dèanamh na min ann mus d' rachadh sinn gun an sgoil cuideachd. Tha cuimhn' a'm a bhith a' dèanamh na min anns a' mhadainn mus d' rachadh a' chlann aca fhèin don an sgoil, agus bha an taigh againne rin taobh, a bhith a' dol a-staigh ach am faiceadh sinn a bhith a' dèanamh na min leis a' bhrà, agus a' cruadhachdainn... a' sìoladh ann am poit air an teine. 'S tha cuimhn' a'm cho math ri nì cho dèidheil 's bhiodh sinn air gràinneagan den a... den a' choirce cruaidh... air a chruadhachdainn fhaighinn airson [???].

IM: Seadh. Agus càit am biodh a' bhrà? An ann air an ùrlar no...?

KS: Bha a' bhrà air a' bhòrd mar a tha... aidh, mar a tha sin. Bha cuibhrige geal no tablecloth glan air a sgaoileadh air a' bhòrd. Och, 's e bòrd mòr a bhiodh ann. Cha b' e bòrd beag mar sin a bh' ann. Agus bha a' mhin a' tighinn a-mach timchealladh air a' bhrà. A bheil fhios agaibh dè seòrsa rud a th' ann am brà?

IM: Ò tha, chunnaic mi iad.

KS: Am faca?

IM: Chan fhaca mi ag obair riamh iad, ach chunnaic mi na clachan.

KS: Na clachan. Tha rud ris an can iad sgonnan, tha fhios agaibh.

IM: 'S e sin a' chas-mhaide, an e?

KS: Chan e, chan e. Sin an rud airson a cur mu chuairt. 'S e th' anns an sgonnan, bòrdan beag, criomag bheag de bhòrdan mu [???] mo làimh, bha iad... bha e seachad anns a' mheadhan aige agus air an toll agus bha an coirce air a chur air a' bhòrdan sin 's a' dol a-bhàn timchealladh air gun an toll... bha dà bhrà ann, tha fhios agaibh. 'S ann anns a' bhrà a bha an uachdar a bha an sgonnan, a theireadh iad ris, air a chur, agus bha e a-rèiste eadar an dà... bha e a' dol a-bhàn eadar an dà bhrà 's e ag obrachdainn. Bha a' mhin a' tighinn a-mach timchealladh air a' bhrà. Bhathar a-rèiste criathar, bha criathar anns a h-uile taigh an uair sin. Tha fhios agaibh dè th' ann an...

IM: Ò tha, tha.

KS: Criathar. Bhathar a' criathradh a' mhin agus... c' ainm seo a-nise a th' air... a bh' air an rud a thigeadh às a' mhin? Pronn. Pronn a thigeadh às a' mhin. B' e sin na shells... beagan de na shells, tha fhios agaibh, a bha a' tighinn às a' mhin. Bha sin air a bhogadh 's rud ris an canadh iad làghan air a dhèanamh dheth.

IM: Làghan?

KS: Làghan. An cuala sibh sin?

IM: An e sin rud ris an can sinne...

KS: No sowens.

IM: 'S e càbhraich. Càbhraich a their sinne ris a sin.

KS: Tha mi a' creidsinn gur h-e.

IM: 'S e. 'S e làghan a their sibhse?

KS: Làghan a theireas sinne ris. Ò bha e uamhraidh math.

IM: Ò tha. Ò tha. Ò, tha cuimhn' a'm fhìn air a sin.

KS: Uill sin agaibh an rud. Gheibheadh sibh anns a' mhuileann e, of course, mar a gheibheadh sibh e. Ach tha cuimhn' a'm air a siud cho math 's a bhiodh an latha... ò bha latha a bha làghan math. Bha.

IM: Agus, nise, nuair a bhiodh sibh a' dèanamh na mine mar sin, bha sìol, chaidh a fhroiseadh ron a sin, an deachaidh? Chaidh a thoirt far na sguaib ron a sin?

KS: Ò chaidh a bhualadh.

IM: Chaidh a bhualadh.

KS: Chaidh a bhualadh, 's chaidh fhasgnadh. Chaidh fhasgnadh a-muigh, no anns an t-sabhal, gus an robh e cho glan dìreach nach robh nì ann ach an coirce glan, iomlan. Bhathar a-rithist air a dhèanamh teth anns a... air a chruadhachdainn ann am poit air an teine 's a' mhin air a dhèanamh dheth.

IM: Seadh. 'S chan eil cuimhn' agaibh riamh iad a bhith a' cur teine ris an sguab agus ga bualadh fhad 's a bha i a' gabhail?

KS: Chan eil.

IM: Cha chuala sibh iomradh air a sin riamh?

KS: Cha chuala. Carson a bha iad a' cur teine...?

IM: Uill, sin rud a bha iad a' dèanamh bho chionn fhada. Gheibheadh iad sguab nach deach a bhualadh idir, agus bha iad dìreach a' cur teine rithe, agus bha iad ga bualadh fhad 's a bha i a' gabhail, 's bha am moll... 's e moll a their sibhse?

KS: Moll. 'S e, moll a theireas sinne ris.

IM: Bha e a' dol na theine, agus nuair a thuiteadh... nuair a thuiteadh an sìol, bha e air cruadhachadh mar-thà, mar gum bitheadh, leis an teine. A bheil sibh a' tuigsinn?

KS: Ò tha mi a' tuigsinn.

IM: Agus bha e deiseil a chur dhan a' bhrà an uair sin.

KS: Bha.

IM: Nan robh fìor chabhag air duine.

KS: Ò uill, cha chuala mi sin riamh. Ach tha e ri thuigsinn gur e plana clever a bh' ann.

IM: 'S e, 's e.

KS: 'S e.

IM: 'S e gearraradh. Gearraradh, tha mi a' smaoineachadh, a theireadh iad ris a sin.

KS: Ò, tha mi a' creidsinn. Ò 's e. Cha chuala mi sin.

IM: Dìreach, dìreach. Agus am biodh iad a' snìomh nuair a bha sibhse òg, a-nise? Am biodh iad a' snìomh anns a' bhaile a bha seo?

KS: Och bha. Bha mi fhìn a' snìomh.

IM: An robh?

KS: Bha. Bha mi fhìn a' dèanamh beagan snìomh nuair a thàinig mi ann an seo. Bha cuibhle 's càrd a bhiodh a' bhean... seanmhair Donnie a bh' ann. Bha, cuibhle 's càrd, agus chan eil uabhasach fada o chaidh a' chuibhle... chaidh i do... do Bhirmingham. Thug leadaidh a bhiodh a' tighinn timchealladh an seo, thug i do Bhirmingham i. Bhitheadh, a' snìomh 's a' càrdadh, 's a' fighe... a' fighe nan drathaisean aig na daoine an uair sin, a h-uile h-aon diubh. 'S e sinn fhìn a bha ga fighe.

IM: 'S an robh sibh a' fighe a' chlò ann a sheo?

KS: Bha, bha. Bha dà... dà bhreabadair ann an seo. Bha breabadair anns an Alltan Dubh, bha breabadair an taigh a bheil an duine sin a' fuireach an-diugh, an-àirde bhos cinn an taigh-sgoile ann an sin, agus bha breabadair eile an ceann shuas na sgìre. Tha cuimhn' a'm mo mhàthair a bhith a' dol le clò 's le snàth airson clò ann.

IM: Seadh. Agus an dèidh dhan a' bhreabadair an clò fhighe, am biodh iad ga luadh?

KS: Bhitheadh. Tha cuimhn' a'm math gu leòr air a bhith a' luadh.

IM: Ò, innsibh dhuinn mu dheidhinn sin a-nise.

KS: 'S e latha mòr a bha sin, tha fhios agaibh. Bha triùir no cheathrar a chaileagan òga làidir, bha cleith-luadh air a dèanamh.

IM: Agus ciamar a bha an cleith-luadh air a dhèanamh, a-nise?

KS: Bha, mar gun cuireadh sibh doras mòr an-dràsta air [???] air an làr ann an sin. Chan eil cuimhn' a'm a-nise dè na rudan a bha iad a' cur ri thac, gum biodh e coltach ri leabaidh air a dhèanamh.

IM: 'S dè cho àrd 's a bha e far an ùrlair?

KS: Ò cha bhitheadh e cho àrd ris a' bhòrd. Bhiodh e cho àrd ris... cas a' bhùird far a bheil am frèam a' joinadh ris. Aidh, mun an àirde sin. Bha an dà... bha rud a-rèiste ris an dà cheann aige, agus bha dithis... bhiodh ceathrar ann. Bhiodh ceathrar chaileagan no ceathrar bhoireannach làidir ann, agus iad nan suidhe agus a' gabhail don an aodach len casan...

IM: Tha e ceart gu leòr. Tha e ceart gu leòr. Chan eil e gu diofar. Tha mi a' tuigsinn. Suidhe agus a' gabhail dha mar sin?

KS: Bhathar an toiseach ga ghlanadh ann an tuba.

IM: Dìreach. Nise, dè theireadh iad... dè bh' anns an tuba?

KS: Tuba. Cùdainn. Tuba. Àite airson glanadh.

IM: 'S e, tha fhios a'm. Ach dè stuth a bh' ann?

KS: Ò stuth a bh' ann. Sòda, bhiodh sòda, mòran sòda ann. Siabann bog ann, sòda-nighe.

IM: An cuala sibh riamh am facal maistir?

KS: Ò chuala 's chunnaic.

IM: Chunnaic. Nise, an robh...

KS: Ach cha leigeadh an nàire leam a chantainn.

IM: Ach bha sin aca?

KS: Bha sin aca. Bhiodh poit air a ghleidheadh [???] airson glanadh a' chlò.

IM: Dìreach mar a bh' aca anns na h-eileanan, dìreach. An aon dòigh.

KS: Bha.

IM: Agus bha a h-uile teaghlach, bha tuba mhòr aca agus bha iad dìreach ga chumail a h-uile latha...

KS: Bha, bha. Bha e air a chumail a-bhàn ann an oisinn... ann an oisinn gàrradh, a-mach bhon taigh. Bha e air a chumail ann an sin, ach tha mi...

IM: Bha samh anabarrach dheth.

KS: Ò bha e deamhnaidh, an rud a bha sin. Bhathar ga ghlanadh ann an sin 's bhathar a-rithist a' gabhail da le na casan ach am biodh e air a luadh. Cha chreid mi nach robh iad ga fasgadh a-rithist, tha fhios agaibh.

IM: Seadh. Agus nuair a bha iad a' gabhail dha len casan mar sin, an robh iad ga phutadh... an robh aon tè ga phutadh chun na tè eile?

KS: Bha, agus ga chur timchealladh.

IM: Len casan?

KS: Canaibh... an taobh a bh' aig an doras ann an sin, bha iad ga chur cuairt len casan ach an rachadh e timchealladh orra, air a' cheathrar aca.

IM: Seadh. Ach cha robh iad a' cur an làmhan idir air, an robh?

KS: Ò cha robh iad a' cur an làmhan idir air. Cha robh.

IM: Seadh. Agus am biodh iad a' seinn nuair a bha iad a' luadh?

KS: Bha, bha. Bha amhranan àraidh aca dhan an luadh.

IM: Nise a bheil cuimhn' agaibh air gin facail thall no a-bhos dhe na h-òrain a tha sin.

KS: Shìorraidh, chan urrainn mi... chan urrainn mi cuimhneachdainn air facal. Bha aon rud, 'Siuthad an clò, siuthad an clò'. Tha cuimhn' agam bha... sin am fonn a bhiodh air ach chan eil cuimhn' a'm air facal [?de na faclan], ach 'siuthad an clò, siuthad an clò'. Chan eil. Ach tha fhios agaibh, cha robh mise aig mòran deth. Dh'fhaodadh gun robh mi aig aon deth, ach tha cuimhn' a'm air iad a bhith ga dhèanamh. Bha.

IM: Dìreach. Agus cuin a chaidh sinn às, a-nise? Cuin a chaidh sin...?

KS: Chaidh bho chionn...

IM: Trì fichead bliadhna, a bheil?

KS: Tha co-dhiù, och tha. Tha mi a' creidsinn gu bheil e faisg air ceithir fichead bliadhna bho nach deach dad dhen a sin a dhèanamh ann an seo. Tha cuimhn' a'm rud eile a bhiodh iad a' dèanamh, bhiodh iad a' dèanamh guirmean airson... airson a chur don a' chlò, tha fhios agaibh, 's snàth... dath guirmean agus bhiodh a' phoit ri taobh an teine, a' phoit-mhaistir ri taobh an teine, 's ann den mhaistir a bha an guirmean air a dhèanamh. 'S e maistir a dh'fheumadh a bhith air a' ghuirmean. Tha cuimhn' a'm seann chailleach a bh' anns an Alltan Dubh, 's bhiodh an-còmhnaidh... a h-uile neach a bhiodh a' dèanamh clò, tha fhios agad, bhiodh leisg orra far an robh teaghlaichean a bhith a' toirt nam poitean a-staigh don taigh no ri taobh an teine aca, ach a' chailleach a bha seo cha robh ann ach i fhèin 's bheireadh an neach pàigheadh rud beag dhi airson an guirmean a dhèanamh. Tha cuimhn' a'm bhiodh sinn a' dol ann an-còmhnaidh 's a' phoit a bha sin ri taobh an teine. Bhiodh i ga fhàsgadh a h-uile latha 's a' cur stuth às ùr air. Tha cuimhn' a'm riamh air a' phoit-ghuirmein aig a' chailleach, a' ghaoth a bhiodh dheth dar a bhiodh sinn a' dol a-staigh ann.

IM: Ò tha mi a' creidsinn. Tha mi a' creidsinn. Agus a' chleith-luaidh a bha seo, an e saor a bhiodh ga dèanamh?

KS: Och chan e.

IM: Iad fhèin?

KS: Iad fhèin a bhiodh ga dèanamh. Cleith-luadh. Cleith-luadh a theireadh iad rithe. Iad fhèin. Dhèanadh. Dhèanadh Roddy 's mi fhìn i. Chuireadh sinn bòrd air an làr 's gheibheadh sinn bòrd eile, dh'fhaodadh còmhla doras eile a chuireadh sinn ri chùl, rudeigin eile a chur an sin a chumail tac. Dhèanadh iad fhèin a' chleith-luadh.

IM: Dìreach. Agus an robh iad a' dèanamh strìochan fada innte le geilb no rud mar sin?

KS: Anns a' chleith-luadh?

IM: Seadh.

KS: Ò cha robh.

IM: Bha i còmhnard, an robh?

KS: Bha i còmhnard. Bha i còmhnard. Bha. Bha i glan còmhnard.

IM: Agus an e aona phìos, bha sibh a' ràdh, bòrd agus 's dòcha còmhla. An robh barrachd air aon bhòrd na laighe ri taobh a chèile?

KS: Cha robh nam biodh còmhla doras ann, tha fhios agaibh, dhèanadh còmhla mhòr leathann, cho leathann dìreach [???] beagan a-mach bhon bhòrd ann an sin, bhiodh sin leathann gu leòr.

IM: Trì no ceithir a throighean, ma-thà?

KS: Eh?

IM: Trì no ceithir a throighean?

KS: 'S e, dìreach.

IM: A leud.

KS: 'S e, dìreach. 'S e, rudeigin mar sin de leud. 'S e.

IM: Dìreach. Agus an e dithis chaileagan a bhiodh nan suidhe air gach taobh?

KS: Bhiodh dithis aig gach ceann. Dithis aig gach ceann. Dithis aig a' cheann sin 's dithis aig a' cheann sin 's gabhail da le chasan 's bha iad ga chur timchealladh, tha fhios agaibh. Gun d' rachadh e timchealladh a' chleith-luadh uile-gu-lèir.

IM: Dìreach. Dìreach. 'S ann mar sin, dà cheann dhen a' chliath agus cha robh duine na suidhe aice?

KS: Cha robh duine aig na cliathaichean. Bha iad... 's ann aig na cinn...

IM: Aig na cinn a bha iad?

KS: Aig na cinn a bha iad. [???] mar gum biodh sibh aig a' cheann sin den a' bhòrd agus aig a' cheann sin den a' bhòrd, bha na cliathaichean bha na... bha e air a dhùnadh. Cumail an aodaich, cumail tac ris an aodaich. Agus... mura chumadh am balla, can, tac ris an taobh eile dhith, 's ann a bha an doras a bha seo a' cumail tac ris an aodach, nach tigeadh e a-mach às an àite, dar a bha iadsan aig a' cheann... aig gach ceann, an dà cheann, ga chur timchealladh.

IM: Dìreach. Agus dè an àird a bh' anns a... bh' anns a' mhaide a bha a' cumail tacsa ris an aodach, gus nach tigeadh an t-aodach... gus nach tigeadh e a-mach air an làr?

KS: Bhiodh e mu... mu àird cas a' bhùird...

IM: Ò, bha e cho àrd sin, na sheasamh air a' chliathaich?

KS: Bhitheadh, bhitheadh, na sheasamh air a... cleas mar gun cuireadh sibh dèile seachad... còmhla doras seachad ris a' bhòrd ann an sin. Na casan a ghearradh dheth mun a' frèam. Sin an àirde a bhiodh e.

IM: Ò tha mi a' tuigsinn. Dìreach. Dìreach. 'S bhiodh... agus bhiodh i air a socrachadh gus an robh i mun àirde sin, dìreach far a bheil cas a' bhùird, canaibh dà throigh 's dòcha, no beagan 's dà throigh os cionn an ùrlair?

KS: Aidh, dìreach rud mar sin.

IM: Seadh, dìreach. 'S a bheil dad a chuimhn' agaibh a-nise nuair a bhiodh iad a' seinn nan òran a bha sin, am biodh... an robh òran sam bith aca far am biodh tè dhe na caileagan a' cur leannan air tè eile, a bheil fhios agaibh? 'S e seo leithid... leithid seo de dhuine, seo do leannan-sa. Agus fhreagradh a' chaileag eile 's cha chanadh i, chan e ach am fear seo eile.

KS: Chan eil cuimhn' agam air seo. Bha mi òg 's chan fhaca mi ach... chan fhaca mi a-mach air uair no dhà a bhith ga... cha robh mi fhìn ann ga dhèanamh. Bha mi ro òg air a shon, ach gun do thachair dhomh dìreach a bhith ann an... a dhol don taigh am biodh iad ga dhèanamh, gum biodh a h-uile duine a dhol a dh'fhaicinn latha luadh. 'S e latha mòr a bhiodh ann aig... ris an canadh iad treat mhòr air ullachdainn airson latha luadh.

IM: 'S e. Agus an robh dannsa aca às a dhèidh, a bheil dad a chuimhn' agaibh, anns an taigh far an...?

KS: Ri latha luadh. Ò cha chreid mi gun robh. Cha chreid mi gun robh dannsa, ach bha iad an dùil an uair sin, tha fhios agaibh, gur e peacadh uabhasach ann a bhith a' dannsa.

IM: Bha, dìreach.

KS: Bha, bha. Taigh am biodh dannsa, 's rud uamhraidh mì-dhiadhaidh a bh' ann. 'S e. Chan fhaodadh a leithid sin. Sluagh a bha... an dùil gun robh e ceart, chan fhaodadh dannsa a bhith air a cumail ann an... Ach tìde banais. 'S e sin an aon uair a bha...

IM: Leigeadh iad leotha a dhèanamh an uair sin?

KS: Ò leigeadh. Dh'fhaodadh iad dhà no trì dh'oidhcheannan a thoir air an uair sin nam b' e an toil fhèin. Cha robh peacadh sam bith ann an uair sin.

IM: Seadh, seadh.

KS: Cha robh peacadh sam bith ann an uair sin.

IM: Ò uill, ma-thà. Tha mi 'n dòchas nach eil sinn air ur sàrachadh. Cha chreid mi nach do rinn sinn glè mhath. Thug sibh dhuinn uabhas seanchais.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math