Rannsaich

Ainmean-àite sgìre Cheann a' Bhàigh, a' Chaolais agus Hàstai...

Ceann-latha 30 July 1972
Àireamh a’ chlàir 83217
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

PN1972.034

Àireamh an Teip Thùsail

PN1972.034

Geàrr-chunntas

Ainmean-àite sgìre Cheann a' Bhàigh, a' Chaolais agus Hàstainn, Uibhist a Tuath.

Tha am fiosraiche a' còmhradh mu ainmean-àite sgìre Cheann a' Bhàigh, a' Chaolais agus Hàstainn ann an Uibhist a Tuath. Tha e a' cur ainmean-àite ri Map OS na sgìre nach eil clàraichte agus ag innse beagan eachdraidh mu chuid dhiubh.

Tha e a' toirt iomradh air sruthain, creagan, tobraichean, crìochan baile, cuidheachan, lochan, àirighean agus cunntas mionaideach mu ainmean mu Chreag Hàstain.

Tha e ag innse mu eachdraidh Chreag Hàstainn agus a' gabhail òran anns a bheil mòran dhe na h-ainmean. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air buachailleachd agus beatha air an àirigh.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Ceann a' Bhàigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh Eile

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math