Rannsaich

Cadal Cha Dèan Mi

Ceann-latha April 1963
Àireamh a’ chlàir 85698
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.15.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.015

Geàrr-chunntas

'S e òran gaoil a tha seo anns a bheil boireannach ag ràdh nach fhaigh i cadal o nach tàinig a leannan. Anns a' chiad cheathramh tha i ag innse gun do dhìrich i gu cnoc àrd feuch am faiceadh i Rubha an Stòir far an dol sheòl na gillean. Shàbhail a leannan càch nuair a chaidh am bàta air an tràigh. 'S e fear àlainn bàn a bh' ann. Nan tigeadh e, leigeadh i a-steach e uair sam bith.

Fhuair am fiosraiche an t-òran bho tè Margaret Duncan, à Islay.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Cataibh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Kate Nicolson (KN):

Cadal cha dèan mi
Sùgradh cha dèan mise
Nochd chan fhaigh mi tàmh
'S gun thu ghràidh a' tighinn.

Dhìrich mi 'n cnoc àrd
Fhuair mi àite suidh' ann
Timcheall Rubha Stòirr
Far 'n do sheòl na gillean.

'S bhuail i air an tràigh
Far nach tràigh an duileasg
Leum thu aiste ghràidh
'S shàbhail thu iad uile.

'S cha b' ann dubh no ruadh
Bha thu luaidh nan gillean
Ach gu buidhe bàn
Àilleagan mo chridhe.

Bha mi 'n-uiridh slàn
'S tha mi 'm-bliadhna briste
Chunnacas long air tràigh
'S i na mìle bioran.

'S nan tigeadh tu rùin
Mun dùininn-sa 'n uinneag
Dhèanainn-sa dhut rùm
Ged 'iodh triùir a-muigh ann.


Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus cò aig a-nis a thuirt sibh a chuala sibh am fear sin?

KN: Aig Margaret Duncan. 'S e, Margaret Duncan. Seadh, Margaret Duncan. Piuthar do mhinistear a bha shuas an Stadhlaigearraidh.

DE: Agus 's ann a mhuinntir... a mhuinntir Ìle, an ann?

KN: À Ìle thàinig iad. Daoine laghach ciatach. Gu dearbh cha robh a leithid ann gu seinn.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math