Rannsaich

Mo Dhòmhnallan Fhèin

Ceann-latha 28 May 1965
Àireamh a’ chlàir 85719
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.46.3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.046

Geàrr-chunntas

'S e òran gaoil le boireannach a tha seo. Tha i na suidhe na h-aonar a' cuimhneachadh air Dòmhnallan a dh'fhàg i fo bhròn. Thuirt a pàrantan rithe gun robh i gòrach a gaol a thoirt do dh'fhear a bha a' seòladh, ach ged a gheibheadh i fear beairteach tha àite sònraichte aig Dòmhnallan na cridhe. Tha còrr is bliadhna on a sheòl e air falbh. Tha dualagan de chuailean aice na pòca, agus tha dealbh dheth aice ann an cèis.

Notaichean a' Chlàir

Four verses sung. The song was composed by Neil MacLeod (1843-1924).

See:
'Clarsach an Doire' (N. MacLeòid, 1883) p. 36

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Nuair chruinnicheas an òigridh,
Gu mire 's gu sòlas,
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus;
A' cuimhneachadh còmhraidh
An fhleasgaich a leòn mi,
'S an gaol a thug mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin.

Tha m' athair 's mo mhàthair
Ri gearan 's ri cànran,
'S iad cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill;
Mo ghaol thoirt do dh'òigear
Tha daonnan a' seòladh,
'S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ri gach tè.

Tha bliadhn' agus còrr
On a thriall e bho eòlas,
Tha ìomhaigh cho beò dhomh
'S ged sheòladh e 'n-dè;
Cha ghèill mi don òigear
'S cha trèig mi na bòidean,
A sheulaich mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin.

Tha duaileagan bòidheach
De chuailean nam phòca,
'S a dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis;
Tha shùilean cho beò ann,
'S a ghruaidh mar na ròsan,
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo Dhòmhnallan fhèin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math