Rannsaich

Leigheas airson giamh stamaig.

Ceann-latha 12 March 1953
Àireamh a’ chlàir 8600
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.23.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.023

Geàrr-chunntas

Leigheas airson giamh stamaig.

Bha tòrr leigheasan aig na seann daoine airson giamh a dh'fhaodadh a bhith air an stamaig. Uaireannan, bhite a' cleachdadh uisge anns an deach baoiteagan a ghoil.

Notaichean a' Chlàir

The old folk used the word 'an duilleag' for the stomach.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

An t-Urramach Tormod Dòmhnallach: Bha iomadh giamh ann a bhiodh air stamag neach. Nise, cha chanadh na seann daoine stamag idir. Bha facal Gàidhlig aca airson stamag, agus 's e sin bu chòir a bhith againn fhathast. 'S e am facal Gàidhlig airson stamag, duilleag. An duilleag. Cràdh na mo dhuilleig.

'S ioma leigheas a bh' aca airson giamh a dh'fhaodadh a bhith anns an duilleig. Bha aon ann gu sònraichte a bha rudeigineach iongantach. Bha iad a' faighinn na h-uiread de bhoiteagan, agus gan goil, 's bha iad a' creidsinn gun robh an sùgh a bha ann an sin na leigheas anabarrach airson cuid de ghiamh... cuid de ghiamhan a dh'fhaodadh a bhith anns an duilleig.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math