Rannsaich

Duan na Ceàrdaich

Ceann-latha c. July 1964
Àireamh a’ chlàir 86293
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.44.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.044

Geàrr-chunntas

Tha an Duan Oiseanach seo ag innse mar a chaidh Fionn MacCumhail agus na gaisgich aige gu ceardach dhraoidheil, oir is gum biodh Mac a' Luin, an claidheamh aig Fionn, air fhaghairt as ùr, an dèidh dha a chumhachd a chall. Lean iad an gobha gu ceardach anns an robh ceathrar ghoibhnean, daoine oillteil le ceithir làmhan air gach neach. Bha òrd-ladhair agus teanchair iarainn aig gach gobha. Tha cuid de na claidhnean aig an Fhinn air an ainmeachadh anns an Duan. Is iadsan 'Fead', 'Faoidh', 'Eigheach' agus 'An Conallach'. Dh'fheumte an claidheamh fhaghairt ann am fuil duine beò. Cha robh fios aig a' ghobha gun do chuireadh a dh'iarraidh a mhàthair, agus nuair a thàinig i a-steach chaidh a marbhadh leis a' chlaidheamh. Bha an Duan seo ri chluinntinn gu tric air Oidhche Challainn.

Notaichean a' Chlàir

See:
'Folksongs and Folklore of South Uist' (M. F. Shaw ed., 1955) p. 29
'Leabhar na Fèinne' (J. F. Campbell ed., 1872) p. 59 and p. 65
'Stories from South Uist' (A. MacLellan & J. L.Campbell, 1961) p. 14
'Popular Tales of the West Highlands' (J. F. Campbell ed., 1861) Vol. III p. 396

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math