spacer
spacer

Naidheachd mu na sìthichean agus an dà bhuachaille crotach.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Naidheachd mu na sìthichean agus an dà bhuachaille crotach.
Fiosraichean - Mrs Bella Cameron
Luchd-clàraidh - Calum Iain MacIlleathain

Geàrr-chunntas - Naidheachd mu na sìthichean agus an dà bhuachaille crotach.

Bha dà bhuachaille ann, le croit air gach fear. Chaidh aon dhiubh a-mach air an oidhche airson cuairt agus thàinig e gu tom nan sìbhreach. Chuala e iad a' gabhail òran, "Diluain, Dimàirt", agus chuir esan "Diciadain" ris. Chòrd seo ris na sìbhrich agus, mar dhuais, thug iad a' chroit dheth. Nuair a chunnaic am buachaille eile e, agus nuair a chuala e an sgeulachd, dh'fhalbh e fhèin chun an tuim. Chuala e òran nan sìbhreach, "Diluain, Dimàirt, Diciadain", agus chuir esan "Diardaoin" ris, ach bha na sìbhrich diombach a chionn 's gun do mhill e an t-òran orra. Mar sin, chuir iad croit an fhir eile air muin na croite a bha aige.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:01:55
Àm Clàraidh - 1953.08.10
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 8949
Àireamh an Teip Thùsail - SA1953.129
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1953.129.4
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT503;

Notaichean a' Chlàir - Sìbhrich is used for sìthichean.

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/8949/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA