Naidheachd mu na sìthichean agus an dà bhuachaille crotach.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1953.129.4
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Naidheachd mu na sìthichean agus an dà bhuachaille crotach.
Bha dà bhuachaille ann, le croit air gach fear. Chaidh aon dhiubh a-mach air an oidhche airson cuairt agus thàinig e gu tom nan sìbhreach. Chuala e iad a' gabhail òran, "Diluain, Dimàirt", agus chuir esan "Diciadain" ris. Chòrd seo ris na sìbhrich agus, mar dhuais, thug iad a' chroit dheth. Nuair a chunnaic am buachaille eile e, agus nuair a chuala e an sgeulachd, dh'fhalbh e fhèin chun an tuim. Chuala e òran nan sìbhreach, "Diluain, Dimàirt, Diciadain", agus chuir esan "Diardaoin" ris, ach bha na sìbhrich diombach a chionn 's gun do mhill e an t-òran orra. Mar sin, chuir iad croit an fhir eile air muin na croite a bha aige.
Notaichean a' Chlàir
Sìbhrich is used for sìthichean.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Seòrsachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math