Rannsaich

Prògram Choinnich

Fiosraichean
Ceann-latha 28 April 1997
Àireamh a’ chlàir 9292
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 28.04.1997

Geàrr-chunntas

Tha Seonag NicFhionghain a' bruidhinn air ceithir de na leabhraichean as fheàrr leatha.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha Seonag NicFhionghain còmhla rium a-nis agus tha i a' dol a dh'innse na ceithir leabhraichean as fheàrr leatha a leugh i a-riamh. Dè do chor?

Seonag NicFhionghain (SN): Tha cor math, a Choinnich.

CM: Nise, nuair a dh'fhaighnicheas sinn seo do dhaoine an toiseach, bidh iad a' smaoineachadh, och, chan eil sin ro dhuilich, ach 's e rud eile a th' ann nuair a thòisicheas duine, nach e?

SN: Ò, gu dearbh, 's e. Tha mi air m' inntinn atharrachadh a dhà no thrì thursan o chaidh iarraidh orm seo a dhèanamh. Saoilidh tu gu bheil e furasta, ach fhios a'd, tha a leithid a dhiofar seòrsaichean leabhraichean ann, agus diofar seòrsaichean a tha a' còrdadh riut aig diofar amannan.

CM: Uill, seo an rud a tha mi a' smaoineachadh a bhios mi fhìn a' feuchainn ri ràdh. Seo na ceithir a tha a' còrdadh riut an-diugh. 'S dòcha nam faighnichinn dhut ann an seachdain eile, gum biodh... gum biodh fear no dhà diofraichte ann.

SN: Dha-rìribh.

CM: A bheil gnothaich aige ris mar a tha thu a' faireachdainn 's dòcha aig an àm?

SN: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil.

CM: Ach an dèidh sin, tha e annasach. Tha leabhraichean ann agus tha duine a' tighinn air ais thuca a-rithist 's a-rithist 's a-rithist.

SN: Ò, gu dearbh, tha. Agus...

CM: An dùil an e sin an dearbhadh air dè an leabhar as fheàrr le daoine aig deireadh an latha?

SN: Uill, saoilidh mi. Aonan dhe na leabhraichean a tha mise air a thaghadh, 's e leabhar a chòrd rium nuair a bha mi beag, 's dòcha mu dheich bliadhna a dh'aois, agus tha e a' leantainn rium bhon uair sin, agus tha e làidir, làidir na mo chuimhne, fios a'd, nuair a bha mi ga leughadh dha-rìribh. 'S e an leabhar aig Charles Dickens, a Christmas Carol. 'S tha cuimhn' a'm a bhith ga leughadh san leabaidh, le solas an lobaidh - cha robh solas anns an rùm ann a chionn... 's mi as sine dhen teaghlach, 's cha robh rùm agam dhomh fhèin, agus bhiodh mo phiuthar a' dol dhan leabaidh romham, agus 's e... bhithinn cha mhòr aig stoc na leapach ach am buaileadh solas an lobaidh air an leabhar, agus e a' cur eagal mo bheatha orm, na taibhsean a bha seo a' tighinn a' gliongadaich le sèinichean agus glagan 's... ach aig an aon àm, bha e a' còrdadh rium cho math, agus tha mi a' smaoineachadh, fios a'd, 's toigh leam sgeulachd a bhith toilichte aig deireadh an latha, agus dh'obraich e an sgeulachd seo uabhasach math. Bha a h-uile càil rèidh aig deireadh an sgeulachd.

CM: Chan eil dragh agad mu dheidhinn beagan gairiseachadh, beagan eagail, beagan crathadh a chur annad, fhad 's tha a h-uile càil ceart gu leòr aig deireadh an latha?

SN: Sin an rud as cudromaiche. 'S tha mi a' smaoineachadh gu bheil clann mar sin, a bheil fhios a'd, 's glè thoigh leotha eagal a chur orra, fhad 's a tha fhios aca, a bheil fhios a'd, gu bheil a h-uile càil gu bhith ceart.

CM: Dè tha thu a' ciallachadh, clann? Chan eil...

SN: Uill, 's dòcha gu bheil sin ceart cuideachd, chun an latha an-diugh, gu mo thaobh fhèin.

CM: Tha e math a bhith dìreach a' cur an rud sìos agus, uill, mas e sin an seòrsa leabhar a th' ann, gun ceistean a bhith ort. Feadhainn eile gu math cudromach, feadhainn a tha domhainn, 's e ceistean a tha iad a' togail. 'S dòcha... 's dòcha nach ann a' toirt dhuinn... freagairtean dhuinn a tha iad. Ach sin agad a' chiad fhear ma-thà, a-rèiste. Charles Dickens. Dè an dara fear?

SN: Uill, 's toigh leam a bhith a' leughadh leabhraichean siubhail, agus smaoinich mi gun taghainn fear dhiubh sin, agus thagh mi Notes From a Small Island le Bill Bryson. Agus 's e leabhar uabhasach èibhinn a tha seo. 'S e th' ann am Bill Bryson ach Ameireaganach a thàinig dhan dùthaich seo 's phòs e, 's thog e teaghlach ann a sheo. Bha e a' fuireach ann a sheo faisg air fichead bliadhna, 's rinn iad suas an inntinn gun deigheadh iad air ais a dh'Ameireagaidh, agus smaoinich e fhèin gun dèanadh e dìreach aon thriop timcheall air Breatainn mus fhalbhadh e, 's gun sgrìobhadh e mu dheidhinn na thachair ris, agus 's e an seòrsa leabhar a th' ann, nan leughadh tu e air trèan, no 's dòcha aig port-adhair, bhiodh e dualach do nàrachadh, a chionn tha e coltach gun tòisicheadh tu a' lachanaich. Tha e èibhinn dha-rìribh air a sgrìobhadh. Saoilidh mi an seòrsa duine a th' ann, tha e a' mothachdainn dha rudan beaga mu dheidhinn daoine, agus tha e dìreach cho èibhinn mar a tha e air a sgrìobhadh. Uabhasach siùbhlach. Shaoileadh tu gun robh e dìreach a' suidhe a' còmhradh riut.

CM: Agus an e ùghdar a bh' ann dheth?

SN: 'S e a th' ann ach fear-naidheachd. Bha e ag obair ann an Wapping, aig àm, fios a'd, a' bhuairidh a bha sin, 's bha e ag obair air an Echo 's an Times, 's tha e dìreach uabhasach math. Mholainn e do dhuine sam bith nach eil ag iarraidh càil trom a leughadh.

CM: Ach nach annasach an rud sin, ge-tà, an-dràsta, duine mar sin a' dol cuairt timcheall Bhreatainn. Chan eil fhios a'm mu do dheidhinn-sa, ach tha mi a' creidse, cha deach mise a-riamh cuairt timcheall Leòdhais aig... air aon turas. Tha mi air a bhith anns a' chuid as motha a dh'àitichean ach cha do rinn mi a leithid a rud ri dhol cuairt timcheall mar sin a-riamh.

SN: Ò, cha do rinn no mi fhìn. Agus bha mi dìreach a' ràdh ri cuideigin a tha ag obair còmhla rium an-dràsta, bha e a' faighneachd, dè an leabhar a tha sin agad? Notes From a Small Island. 'S thuirt e, dè... dè an t-eilean a tha sin? An e Èirisgeigh? Ach, fhios agad, dha Ameireaganach diorta a th' ann am Breatainn ach eilean beag dha-rìribh.

CM: Ò uill, 's dòcha gum faigh mise a-mach ro dheireadh na seachdain an ann mar sin a tha e do dh'fheadhainn à Canada cuideachd.

SN: A bheil thu a' falbh an sin?

CM: Tha.

SN: Nach math dhut.

CM: Deireadh na seach-... deireadh na seachdain. An ath leabhar.

SN: An ath leabhar. 'S e tha seo ach leabhar... 's toigh leam a bhith a' leughadh biographies 's autobiographies, agus thagh mi am fear seo a chionn tha e a' leantainn rium, oir leugh mi e bho chionn ceithir bliadhna. 'S e a th' ann ach sgeulachd bana-phrionnsa a tha a' buntainn ri Teaghlach Rìoghail Saudi Arabia, agus tha e air a sgrìobhadh le Ameireaganach a dh'fhàs dlùth air an nighinn seo, agus mar a tha fhios agad, anns a' chultar sin, tha boireannaich air an cumail gu mòr sìos, agus 's e a bh' anns an nighinn seo ach tè a bha a' tighinn à teaghlach a bha cho beairteach 's nach urrainn dhomh fhèin no thu fhèin even smaoineachadh air na bh' aca de dh'airgead. Ach cha robh saorsa sam bith aig a' chlann-nighean. Ged a bha a h-uile càil aca a b' urrainn airgead a cheannach dhaibh, cha robh iad saor airson dìreach an toil a dhèanamh. Agus bha aon... aon sgeulachd ann a bhuin rium fhèin gu mòr. Nuair a bha iad nan deugairean, chaidh i fhèin agus caraid dhi, fhuair iad air dòigh air choreigin an cùl càr a bha fhios aca a bha a' dol gu shopping mall, agus dh'fhalbh iad ann agus gun fhiosta, 's fhuair iad a-mach às agus bha iad a' bruidhinn ri dithis ghillean 's, fhios a'd, tha... an e moral police a th' aca orra, fhios agad, a bhios a' coimhead às dèidh gu bheil daoine a' cumail nan riaghailtean, agus chaidh an nighean... chaidh innse, mus do ràinig iad dhachaigh, chaidh innse far an robh iad 's diorta a bha iad a' dèanamh. Agus 's e Nadia an t-ainm a bh' air caraid na h-ìghne seo, agus bhàth a h-athair i anns an amar-snàmh aca aig deich uairean an ath mhadainn. Cheangail... cheangail e a làmhan air cùl a druim agus chaith e dhan amar-snàmh i, 's dh'fheumte a h-uile boireannach a bh' anns an teaghlach a bhith a' seasamh a' coimhead, a chionn gun do bhrist i an lagh. Bha i a' bruidhinn ri gille ann a... ann an shopping mall, 's cha robh càil a' chòir aice. Agus, fios a'd, tha... tha am beatha cho dùinte nach... cha mhòr gun gabh e creidsinn. Fhios a'd, chan urrainn dhaibh a bhith a' dràibheadh ann a... ann an Saudi Arabia, boireannaich. Feumaidh iad cuideigin an dràibheadh. Agus aig àm Cogadh a' Ghulf, bha demonstration ann am prìomh rathaidean Riyadh, agus bha boireannaich a' dràibheadh chàraichean. Agus ron a sin, 's e a bh' ann ach rud a bhathar a' gabhail ris, nach b' urrainn dhaibh a bhith a' dràibheadh chàraichean. Ach ann an àm sin, 's e lagh a th' ann. Chaidh lagh a dhèanamh, 's chan urrainn dha boireannaich càr a dhràibheadh ann an Saudi Arabia.

CM: Cò a sgrìobh an leabhar seo, a-nise?

SN: Jean Sasson. 'S e Ameireaganach a th' innte. Agus 's e leabhar uabhasach inntinneach a bh' ann ri leughadh, agus 's e an seòrsa leabhar a th' ann a dh'iarrainn a leughadh a-rithist. Bha e a' cur iongnadh mo bheatha orm. Tha mi fhèin car ceannairceach, can, na mo nàdar, agus ma chanas daoine rium, na dèan siud, na dèan seo, tha mi dualtach, fios agad, a dhol an aghaidh sin, agus bha mi dìreach...

CM: Cha robh fhios agam air sin mu do dheidhinn idir.

SN: Uill, tha sin fìor. Agus bha mi dìreach a' ràdh, uill, cho taingeil 's a bha mi nach deachaidh mo thogail ann an cultar mar sin, far... ach ò, bha e dìreach... cha mhòr gun creideadh tu na bha... na bha ri leughadh anns an leabhar. Fhios a'd mar a tha iad a' falbh le cleòca dubh orra 's chan fhaic thu ach na sùilean aca, agus bha mise a-riamh a' smaoineachadh gur e sin fìor an t-aodach a bh' oirre, ach fon a sin bidh aodach Jean Paul Gaultier, 's La Crosse, Jean Muir orra, fios a'd. Bidh iad a' cosg tòrr airgead air aodach, ach chan fhaic fireannaich no sinne idir, idir an t-aodach a th' orra. 'S ann dìreach am broinn an taighe aca fhèin, am measg nam boireannaich, a chithear dè an t-aodach a th' orra. Chan eil an sin ach còmhdach dubh a bhios iad a' cur orra mus tèid iad a-mach.

CM: Tha mi a' smaoineachadh gur ann a dh'fheumas sinn an tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn seo latha air choreigin eile. Tha sin inntinneach dha-rìribh. Agus do bhoireannach dhe do sheòrsa fhèin, tha mi cinnteach gur e sgeulachd gu math inntinneach a th' ann. 'S e leabhar a tha sin nach do leugh mi mu dheidhinn ron a seo, ach dìreach... a bheil e co-cheangailte ris an àm a bha sinn a' bruidhinn gun deach an ceann a thoirt bho tè dhe na... bho tè dhe na bana-phrionnsaichean sin ann an Saudi Arabia?

SN: Ò, chan eil fhios a'm. 'S dòcha gu bheil a-niste, ach chan eil mi cinnteach.

CM: 'S dòcha gur e sin... 's dòcha gur e sin as coireach gur e sin an t-ainm a th' air?

SN: 'S dòcha. Math dh'fhaodte gura h-e.

CM: Inntinneach co-dhiù.

SN: Math dha-rìribh.

CM: An taghadh bho dheireadh agad?

SN: Uill, bha seo uabhasach duilich, a chionn tha e car coltach ann an dòigh ris an leabhar air an robh mi a' bruidhinn. Not Without My Daughter, le Betty Mahmoody. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e aon dhe na leabhraichean as fheàrr riamh a leugh mi, air sgàth 's nuair a thòisicheas tu air chan urrainn dhut a chur sìos. 'S e bh' ann am Betty Mahmoody ach ban-Ameireaganach, agus phòs i dotair Iranianach, agus bha iad a' fuireach ann an Ameireagaidh agus bha nighean bheag aca. 'S nuair a bha an nighean mu dhà bhliadhna a dh'aois, thòisich e ag iarraidh gun deigheadh iad air làithean-saora ach an coinnicheadh an nighean bheag ri a seanmhair 's mar sin, agus sin dha-rìribh a thachair, ach às dèidh dhaibh a bhith ann airson seachdain, thòisich i a' faighneachd mu dheidhinn, fios a'd, dè an uair aig an robh iad a' falbh an ath-sheachdain. 'S e an rud a thachair gun tug e bhuapa na passports agus bha i glaiste anns an dùthaich sin gun dòigh aice air faighinn às no fiù 's bruidhinn ri a pàrantan, agus bha e air a bhith toilichte gu leòr leigeil leathase falbh, ach... dh'fhaodadh i a bhith air a dhol air ais a dh'Ameireagaidh leatha fhèin gun an nighean. Bhiodh sin... bhiodh e air a bhith toilichte gu leòr sin. Ach bha e a' dol a dhèanamh cinnteach nach fhalbhadh an nighean. Agus sin, fios a'd, not without my daughter. Cha robh ise a' dol a dh'fhalbh gun an nighean, agus 's e really an sgeulachd mu dheidhinn an seòrsa beatha a bh' aice fhad 's a bha i a' feuchainn ri dòigh a lorg air ais, agus 's e sgeulachd fhìor a th' ann. Inntinneach dha-rìribh. Car coltach a chionn gur ann an... ann an cultar Ioslamach a tha an dà leabhar, mar gum b' eadh.

CM: Tha e annasach ann an dòigh, dìreach a bharrachd air Notes From a Small Island, far a bheil thu ag iarraidh a bhith a' lachanaich, a' gàireachdainn, a h-uile h-aon dhe na leabhraichean eile, tha iad mar gum biodh iad a' cur... a' cur eagal ort, agus gur dòcha gu bheil thu a' faighinn toileachas à sin ann an dòigh air choreigin.

SN: 'S dòcha gu bheil. Cha do smaoinich mi air a sin, ach 's dòcha gu bheil.

CM: Agus rud eile cuideachd a th' air a thighinn gu m' aire an-dràsta nach do mhothaich mi mu dheidhinn, a bharrachd air Dickens, 's e triùir Ameireaganaich a tha nan ùghdaran a th' agad.

SN: Uill, cha do mhothaich mi dhan a sin mi fhèin chun an-dràsta cuideachd, agus 's dòcha gu bheil sin inntinneach cuideachd a bhith a' smaoineachadh air. Saoil... uill, feumaidh mi smaoineachadh air a sin a-nist. An iad as trice a tha mi a' leughadh, ùghdaran Ameireaganach. Chan eil fhios a'm. 'S dòcha gura h-iad.

CM: Co-dhiù, ceithir leabhraichean gu math inntinneach ann an sin gu dearbha. Am faod mi a dhol thairis orra a-rithist. A Christmas Carol le Charles Dickens. Notes From a Small Island le Bill Bryson. Princess, Jean Sasson. Agus Not Without My Daughter le Betty Mahmoody. Agus tha a h-uile h-aon a tha sin rim faighinn fhathast, nach eil, nam biodh duine ag iarraidh an leughadh?

SN: Ò tha. Ò tha, gu dearbha

CM: Uill, a Sheonag, tapadh leatsa airson a thighinn a-steach gu dearbha. Tha mi duilich gu bheil mi air d' fhàgail le ceist no dhà a-nis thu fhèin. Tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach leis an taghadh a tha sin dhe na ceithir leabhraichean as fheàrr a tha thu a' faireachdainn a leugh thu riamh. Seonag NicFhionghain ann an sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math