Rannsaich

Ho Mo Leannan He Mo Leannan

Ceann-latha 27 November 1975
Àireamh a’ chlàir 95202
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1975.223.B4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1975.223

Geàrr-chunntas

Anns an òran luaidh seo tha boireannach a' moladh a leannain. Tha i ga mholadh airson a chomasan seinn agus airson a bhòidhchead. Ge-tà, tha i duilich gu bheil e a-nis air a fàgail.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Uilleam MacMhathain (UM):

Hó mo leannan hé mo leannan
'S e mo leannan am fear ùr,
Hó mo leannan hé mo leannan.

'S e mo leannan gille Caluim
Stiùireamaich' an daraich thu.

'S e mo leannan am fear donn
A thogadh fonn air bàt' an t-siùil.

'S e mo leannan am fear dualach
Air na dh'fhàs an cuailean dlùth.

'N cuala sibh mar dh'èirich dhòmhsa
Chuir an t-òigear rium a chùl.

Comhairl' bheirinn-sa air gruagaich
A bhith cumail suas ri triùir.

Ged a dhèanadh fear a fàgail
Bhiodh a làmh aic' air fear ùr.


Iain Peatarsan (IP): Seadh a-nise, dè...

UM: Uill, bha am fear ud a-rithist aig piuthar mo mhàthar, ach bha e aig mo mhàthair cuideachd, agus... ach chuala mi tric e.

IP: Chuala. Bhiodh e aca air na luathaidhean.

UM: Bhitheadh, bhitheadh. Chuala mi tric e. Agus 's dòcha gun cuala mi tuilleadh air a siud dheth, ach siud na th' agam air chuimhne dheth.

IP: Ach chan eil fhios càit às an tàinig an t-òran?

UM: Chan eil, chan eil.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math