Rannsaich

Bheir Soraidh Bhuam dha na Hearadh

Ceann-latha 14 August 1975
Àireamh a’ chlàir 95419
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1975.222.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1975.222

Geàrr-chunntas

Anns an òran luaidh seo tha caileag ag iarraidh soraidh a thoirt bhuaipe gu a leannan anns na Hearadh. Tha i ga mhòr-mholadh airson a chuid sgil mar shealgair geòidh, ròin 's eala. Tha i ag innse gun do laigh iad tric le chèile ann an lagan uaigneach.

Tha an t-òran ag atharrachadh gu moladh Chlann Nèill, a thug druim a' chuain orra ged a bha an latha fliuch, fuaraidh. Tha mòr-mholadh ga dhèanamh air an t-saor a chuir am bàta ri chèile 's a rinn i dìonach, làidir, luath. Tha a leannan air bòrd 's e ga stiùireadh gu ruige uisge Chluaidh.

Tha an t-òran ag atharrachadh a-rithist agus i a' cnuasachadh air dè mar a bhiodh i a' faireachdainn nam biodh a leannan air a thoirt bhuaipe leis a' chuan ghlas.

Bha pàirt den òran air a dhìochuimhneachadh agus thathar ga sheinn air an deireadh. Tha e a' toirt iomradh air rèiteach, ged nach ann dhi fhèin no dha leannan a tha e. Tha i ag ràdh nan cluinneadh i gun robh tè eile a' luaidh ris gun spìonadh i am bun o chuailean.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Bheir soraidh bhuam hù ill óro
Dha na Hearadh ó hì a bhó
Gu Seon Caimbeul hù ill óro
Donn mo leannan och hòireann ó

Gu Seon Caimbeul hù ill óro
Donn mo leannan ó hì a bhó
'S minig a bha hù ill óro
Mi fod earradh och hòireann ó

'S minig a bha hù ill óro
Mi fod earradh ó hì a bhó
'S mi fo chearb do hù ill óro
Bhreacain bhallaich och hòireann ó

'S mi fo chearb do hù ill óro
Bhreacain bhallaich ó hì a bhó
Do làmh fom cheann hù ill óro
An tèile tharam och hòireann ó

Banais a-nochd hù ill óro
Sa chill uachdraich ó hì a bhó
'S nam bithinn ann hù ill óro
Dhèanainn fuadach och hòireann ó

'S nam bithinn ann hù ill óro
Dhèanainn fuadach ó hì a bhó
Nam biodh tèile hù ill óro
Bhiodhte luadh riut och hòireann ó

Nam biodh tèile hù ill óro
Bhiodhte luaidh riut ó hì a bhó
Sgathainn bun is hù ill óro
Bàrr a cuailein och hòireann ó

Sgathainn bun is hù ill óro
Bàrr a cuailein ó hì a bhó
Dh'èireadh mo shròin hù ill óro
Àird na stuaidhe och hòireann ó

Dh'èireadh mo shròin hù ill óro
Àird na stuaidhe ó hì a bhó
'S dh'fhalbhadh m' anail hù ill óro
Na ceò uaine och hòireann ó

'S mise bhean bhochd hù ill óro
Th' air mo sgaradh ó hì a bhó
Air mo ghualladh hù ill óro
'S air mo ghearradh och hòireann ó

Air mo ghualladh hù ill óro
'S air mo ghearradh ó hì a bhó
Mu fhleasgach donn hù ill óro
Aig a' bhaile och hòireann ó

Mu fhleasgach donn hù ill óro
Aig a' bhaile ó hì a bhó
Cha tèid smàl air hù ill óro
Coinnlean geala och hòireann ó

Cha tèid smàl air hù ill óro
Coinnlean geala ó hì a bhó
Gu 'n tèid ùir air hù ill óro
Sùil mo leannain och hòireann ó

'S mise bhean bhochd hù ill óro
Th' air a buaireadh ó hì a bhó
Ma thug Clann Nìll hù ill óro
Druim a' chuain oirr' och hòireann ó

Ma thug Clann Nìll hù ill óro
Druim a' chuain oirr' ó hì a bhó
Luchd nan ròiseal hù ill óro
'S nan long luatha och hòireann ó

Luchd nan ròiseal hù ill óro
'S nan long luatha ó hì a bhó
Le 'm brataichean hù ill óro
Gorm is uaine och hòireann ó

Le 'm brataichean hù ill óro
Gorm is uaine ó hì a bhó
'S le 'n claidheamhan hù ill óro
Geura cruadhach och hòireann ó

Le 'n claidheamhan hù ill óro
Geura cruadhach ó hì a bhó
'S cruaidh an sgeula hù ill óro
'N-diugh a fhuair mi och hòireann ó

'S cruaidh an sgeula hù ill óro
'N-diugh a fhuair mi ó hì a bhó
Chaidh iad fodha hù ill óro
Anns an fhuaradh och hòireann ó

Chaidh iad fodha hù ill óro
Anns an fhuaradh ó hì a bhó
Luchd nan leadan hù ill óro
Troma dualach och hòireann ó

Luchd nan leadan hù ill óro
Troma dualach ó hì a bhó
Fir nach maitheadh hù ill óro
Ri luchd cruadail och hòireann ó


Chan eil mise math air òrain luaidh a ghabhail ann, agus nam biodh iad a' luadh, tha mi a' creidsinn gum biodh e air a sheinn na bu luaithe na ghabh mise e, ach co-dhiù bha mi airson a thoirt dhut.

Dh'ionnsaich mi àireamh de dh'òrain luaidh ceart gu leòr, gu h-àraid aig fear ris an canadh iad am Posta Bàn, ann an Stadhlaigearraidh ann an Uibhist a Deas, agus 's ann bhuaithe a dh'ionnsaich mi siud.

Nise, seo agad an gnothach mu dheidhinn an text a th' agam. Tha an text a th' agam air a sgrìobhadh ann am peansail anns a' MhacDonald Collection, far a bheil e eadar-dhealaichte bhon a' MhacDonald Collection, agus tha fhios a'm gun robh cuid dheth, gur ann bhon a' Phosta Bhàn a tha e, ach chan eil sìon a chinnt agam a h-uile sgath dhe na th' agam air a sgrìobhadh ann am peansail, gur ann bhuaithe a tha e. Mar sin, tha mi ag obair beagan air tuairmse. Ach co-dhiù, thug mi dhut na ceathrannan ud a chionn agus a' chuid as motha dhiubh tha iad rudeigin eadar-dhealaichte seach mar a tha iad anns a' MhacDonald Collection.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math