Sgeulachd mu Fhear Ghrìminis agus mar a fhuair e air nighean...

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 95795
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.078.B3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.078

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu Fhear Ghrìminis agus mar a fhuair e air nighean Fear Bhaile nan Cailleach a phòsadh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall MacIllEathain (DM): Stòiridh Fear Ghrìminis agus Fear Bhaile nan Cailleach.

Dh'fhalbh uaireiginich Fear Ghrìminis a-null a dh'iarraidh nighean Fear Bhaile nan Cailleach ri pòsadh. Dh'fhalbh gille còmhla ris. Uill, 's e a' choiseachd a bh' ann an uair sin co-dhiù, 's dh'fhalbh iad a-null tarsainn na h-Oitire Mòire a-null gu an do ràinig iad Baile nan Cailleach.

Agus thàinig iad gu còrdadh mu dheidhinn a' phòsaidh. Agus aig an àm a bha sineach bha, nam biodh duine ann a bhiodh... tuathanach ann no fear a bhiodh math dheth, aig am biodh tòrr bheathaichean, nuair a phòsadh an nighean aige, bha iad a' faighinn tochradh. Ma bha duine ann nach robh mòran bheathaichean aige gheibheadh iad mart no dhà, ach a rèir coltais gum feumadh gun robh tòrr bheathaichean aig Fear Bhaile nan Cailleach. Fhuair iad... fhuair iad dà mhart dheug agus tarbh. Agus chaidh an dà mhart dheug agus an tarbh a-null a Ghrìminis agus... nuair a phòs e an nighean.

Agus bha an gnothach a' dol math gu leòr. Ach co-dhiù, thàinig an seo latha buain na mònadh. Agus thuirt Fear a' Bhaile ris an nighinn... tha... i fhèin 's na searbhantan a chur biadh a-mach thuca aig a leithid seo a dh'uair. Chaidh iad dhan bheinn a-mach a bhuain na mònadh. 'S thàinig uair na dinnearach 's cha robh am biadh a' ruighinn.

Mu dheireadh thall bha an t-acras air sgiobadh na mònadh 's bha na foighidinn aig Fear a' Bhaile a' fàs goirid. 'S ann a thill e air ais gu Grìminis. Agus tha e coltach gun robh latha brèagha ann agus bha a' bhean aige agus na searbhantan 's iad a' slaighdeadh sìos leis an leathad a tha os cionn Sgueathar Ghrìminis air pocanan no air rudeiginich dhen t-seòrsa sin. Agus chaidh e a-null far an robh i.

"Gu dè," ars esan, "a nighean a' bhodaich ghrànda," ars esan, "an obair a th' ort ann a sheo," ars esan, "agus sgiobadh na mònadh," ars esan, "a' stàrbhadh leis an acras?" ars esan. "An e seo," ars esan, "an obair a th' agad?"

Dh'fhalbh e 's fhuair e beathach eich, agus chuir e clèibh air. Chuir e... Tha mi cinnteach nach robh guth air tì anns an àm a bha sin. Chuireadh aran 's càise 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin dhan... air a' bheathach eich, 's ghabh e a-mach dhan a' bheinn leis a' bhiadh chun an sgiobaidh.

Nuair a thill iad dhachaigh am beul na h-oidhche, bha a' bhean air teicheadh air, air ais a' Bhaile nan Cailleach. Agus nuair a chuala... nuair a dh'innis an nighean mar a bha, fhuair Fear nan... Fear Bhaile nan Cailleach sgiobadh làidir, agus thuirt iad ri... thuirt iad... thuirt e riutha iad a dhol a-null a Ghrìminis agus iad a thilleadh air ais an dà mhart dheug 's an tarbh agus ceann Fear Ghrìminis a bhith aca a' tilleadh.

Agus ràinig an sgiobadh Grìminis sa mhadainn. Cha robh Fear Ghrìminis a-staigh. Bha e air falbh an àiteiginich. Agus dh'fhuirich iad air cnoc shuas os cionn an taighe an àiteigin.

Agus thàinig Fear Ghrìminis dhachaigh agus dh'fhaighneachd e dhen an fheadhainn a bha timcheall dè na daoine a bha shuas an siud. Thuirt iad nach robh sìon a dh'fhios aca.

"An do dh'fhiathaich sibh gu taigh iad," ars esan, "no an tug sibh biadh dhaibh?" 'S thuirt iad nach tug.

Dh'fhalbh e 's fhuair e plangannan 's chuir e a-staigh plangannan dhan t-sabhal. Chuir e biadh ann a shin a-staigh, 's chaidh e suas far an robh iad 's dh'iarr... dh'iarr e orra tighinn a-nuas gu biadh. Agus nuair a shuidh iad aig a' bhòrd... Bha rud ann an uair sin ris an canadh iad buideal uisge-bheatha. Agus dh'fhalbh e 's thog e a dhòrn os a chionn agus chuir e an ceann na bhroinn, agus thuirt e riutha iad a ghabhail am biadh a-nis, 's iad... iad a dh'òl 's gun robh biadh 's deoch gu leòr aca.

Agus nuair a shuidh iad... nuair a thòisich iad air am biadh thòisich e air snaigheadh bìdeag mhaide le sgian, agus gheàrr e a chorrag 's thug e fuil aiste.

"Ma bheir sibh," ars esan, "an uiread ud a dh'fhuil," ars esan, "air duine," ars esan, "a tha anns a' bhaile a tha seo," ars esan, "cha tèid duine agaibh gu beò," ars esan, "a-mach às."

Nuair a chuala na daoine sin, thill iad air ais a Bhaile nan Cailleach gun... gun mart no tarbh no ceann Fear Ghrìminis no dad. Agus 's ann a chaidh an uair sin Fear Ghrìminis a-null air ais a Bhaile nan Cailleach feuch an dèanadh iad còrdadh. 'S dh'innis e do dh'fhear Bhaile nan Cailleach na thuirt esan ris an nighinn. Agus 's ann a thuirt Fear Bhaile nan Cailleach:

"'S e sin a th' annam," ars esan, "bodach grànda," ars esan.

Agus 's ann a fhuair e cuip a' dol ga dochann. Agus rug Fear Ghrìminis oirre agus thuirt e:

"Na buin dhi," ars esan. "'S e a tha seo," ars esan, "ach mo chuid-sa."

Agus tha e coltach gun do thòisich iad an uair sin air sabaid leis na claidhtean. Agus dh'fhaillich air an dala fear an gnothach a dhèanamh air an fhear eile, agus rinn iad an uair sin còrdadh, agus thill Fear Ghrìminis air ais a-null leis a' bhean air ais a Ghrìminis.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh, gu dearbh. 'S cò aige a chuala sibh i seo. a Dhòmhnaill?

DM: Chuala aig m' athair.

DE: Seadh, gu dearbh.

DM: M' athair a chuala mi... 'S e bodach a mhuinntir Uibhist, seann duine a mhuinntir Uibhist, fear a mhuinntir Hòigearraidh no an àiteigin a dh'innis dha e, a-staigh air an taobh an iar no an àiteigin.

DE: Glè mhath.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math