Rannsaich

Mac an rìgh a' pòsadh An Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear M...

Ceann-latha March 1970
Àireamh a’ chlàir 9681
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.39.B2+40.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.039

Geàrr-chunntas

Mac an rìgh a' pòsadh An Tè Bheauty bho Rìoghachd nam Fear Mòra.

Bha aon mhac aig an rìgh ach bhàsaich a' bhanrigh nuair a bha e òg. Phòs an rìgh a-rithist agus bha triùir mhac aige bhon dàrna bean. Bha iad mosach ris a' chiad ghille. Bha lios math aig an rìgh agus aon chraobh a bha a' fàs de mheasan a phàigheadh leth dhen stàit dha. Aon mhadainn bha a' chraobh agus na measan a bha oirre air a milleadh gu dona. Thachair an aon rud an ath bhliadhna. Chuir an rìgh am mac bu shine bhon dàrna pòsadh ga faire an ath bhliadhna. Chuala e fuaim eagalach san oidhche is theich e, agus bha a' chraobh air a milleadh sa mhadainn. Chaidh na bràithrean eile ga faire an ath dhà bhliadhna ach thachair an aon rud dhaibhsan. Thuirt an gille bhon chiad phòsadh ri athair gum cumadh esan faire oirre an ath bhliadhna. Dh'aontaich athair is thug e claidheamh dha mar a dh'iarr e. Nuair a thàinig an ùpraid san oidhche dh'fheuch e air leis a' chlaidheamh. Sa mhadainn cha robh ach pàirt den chraoibh air a milleadh agus bha itean air an talamh mun cuairt.

Dh'iarr am mac bu shine bàta air athair airson a dhol a shireadh an eòin ach cha do thill e an ceann bliadhna. Dh'fhalbh an uair sin an dithis eile de bhràithrean bliadhna mu seach ach cha do thill iad fhèin. Dh'iarr am mac bhon chiad phòsadh bàta air athair an uair sin. Nuair a bha e a' faighinn deiseil airson falbh choinnich e ri maraiche eòlach agus rinn e e na sgiobair. Sheòl iad gu Rìoghachd nam Fear Mòra. Dh'innis an sgiobair dha gun robh an t-eun ann an lùchairt an rìgh còmhla ri làir eireachdail agus nighean àlainn an rìgh ris an cainte An Tè Bheauty. Fhuair an gille obair a' coimhead às dèidh eich an rìgh agus dh'fheuch e ris an t-eun a ghoid ach ghlacadh e. Chomhairlich an sgiobair dha innse don rìgh gun robh e a' feuchainn ris an làir, an t-eun agus a' bhana-phrionnsa fhaighinn còmhla seach gum b' iad an sealladh bu bhrèagha air an t-saoghal. Dh'aontaich an rìgh agus thuirt e ris a' ghille gum faodadh e fhèin falbh nan ceann nuair a bhiodh e gan sealltainn dhan bhaile gach oidhche. Aon oidhche thug e iad chun a' bhàta aca agus theich iad leotha.

Thàinig iad seachad air eilean far am faca iad bàtaichean a leth-bhràithrean a bha fhathast a' siubhal an eòin. Thug fear aca brìb dhan sgiobair airson an gille bhon chiad phòsadh fhàgail air an eilean agus iadsan a thoirt dhachaigh. Bha am fear bu shine airson An Tè Bheauty a phòsadh ach thuirt ise gun robh i airson fuireach bliadhna feuch an tilleadh am fear a thug bho thaigh a h-athar i. Chaidh an gille a shàbhaladh le sgoth a thadhail air an eilean agus fhuair e dhachaigh an dearbh oidhche a bha a leth-bhràthair gus An Tè Bheauty a phòsadh. Phòs e fhèin 's An Tè Bheauty agus thill iad gu Rìoghachd nam Fear Mòra, agus thug iad an t-eun agus an làir leotha.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT550

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math