Rannsaich

An Tèid Thu Leam a Mhàiri Lurach

Ceann-latha 28 January 1960
Àireamh a’ chlàir 98409
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.46.10

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.045.046

Geàrr-chunntas

Anns an òran seo tha am bard a' faighneachd do Mhàiri am falbh i còmhla ris ge brith càit am bi iad air am fuadach. Tha e ag innse gu bheil e còrr is trì fichead bliadhna a dh'aois agus gu bheil e air liathadh, ach thathar ga chur às an taigh aige. Thèid an sluagh fhuadach agus bidh iad air an sgapadh air feadh na dùthcha. Tha e dhen bheachd gur e ana-ceartas mòr a tha seo. Am fear aig am bi crodh is caoraich gheibh e àite ach chan fhaigh an duine bochd rud sam bith.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Tormod MacIlleMhaoil: Òran no dhà an seo a rinneadh an àm fuadach nan Gàidheal, a' tòiseachadh le 'An tèid thu leam a Mhàiri lurach'.

'S an tèid thu leam a Mhàiri lurach?
'M falbh thu leam a Mhàiri lurach?
Thugainn, thugainn às seo buileach
Chan fhaod sinn fuireach aig a' bhàillidh.

'S tha mi còrr 's trì fichead bliadhna
Tha mo chiabhagan air liathadh.
Saoil sib' fhèin nach olc an riaghladh
Dhol gam chur am-bliadhn' gu àirigh.

An tèid thu leam a Mhàiri lurach?
'M falbh thu leam a Mhàiri lurach?
Thugainn, thugainn às seo buileach
Chan fhaod sinn fuireach aig a' bhàillidh.

'S am fear aig am bi crodh is caoraich
Gheibh e àite bidh e smaointinn.
Cha bhi na faithntean air faotainn
Bheir e caob à cuid a nàbaidh.

An tèid thu leam a Mhàiri lurach?
'M falbh thu leam a Mhàiri lurach?
Thugainn, thugainn às seo buileach
Chan fhaod sinn fuireach aig a' bhàillidh.

'M fear a bhitheas air bheagan stòrais
Gheibh e àite bidh e 'n dòchas
Null a ghàraidh muigh sa mhòintich
Bheir do lòn às air neo bàsaich.

An tèid thu leam a Mhàiri lurach?
'M falbh thu leam a Mhàiri lurach?
Thugainn, thugainn às seo buileach
Chan fhaod sinn fuireach aig a' bhàillidh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math