Rannsaich

Prògram Choinnich

Luchd-agallaimh
Ceann-latha 24 October 1997
Àireamh a’ chlàir 9842
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 24.10.1997

Geàrr-chunntas

An Canan Iain Aonghas Dòmhnallach a' bruidhinn mu dheidhinn Aifreann sònraichte mar chuimhneachan air a' Mhnaoi Bheannaichte Màiri NicPhilip.

Bu Mhàiri an neach bu shine de theaghlach Alasdair MhicPhilip, às an Drochaid Ruaidh, agus a bhean, Flòraidh NicDhòmhnaill, à Cranachan. Chaidh an càraid a dh'Astràilia ann an 1838. Rugadh Màiri ann an Fitzroy ann an 1842. Bha seachdnar eile de theaghlach aca. Bha i uabhasach mothachail air bochdainn na mòr-chuid, gu h-àraid am measg clann. Nuair a bha Màiri beagan agus fichead stèidhich i Mnathan Cràbhaidh an Naoimh Iosaph ann am Melbourne. Stèidhich i 150 clochar agus 150 sgoil eadar Astràilia, New Zealand, Peru agus Èirinn. Chaidh i a-mach air an Easbaig dhà no trì tursan agus chaidh a cur a-mach às an eaglais dà uair. Bha buaidh uabhasach mòr aice air an eaglais ann an Astràilia. Bhathar a' toirt urram dhi airson a dòigh-beatha chruaidh agus cho deònach 's a bha i duine sam bith a chuideachadh. Thàinig i dhan Drochaid Ruaidh ann an 1873 agus chaidh còig bhoireannaich òga dhan òrdugh aice ann an Astràilia. Bhàsaich i ann an 1909 aig aois 67. Stèidhich i obair shòisealta eadar Melbourne agus Sydney. Chruinnich 400,000 ann an Sydney airson Aifreann sònraichte far an deach a h-ainmeachadh mar Bheannaichte - a' chiad cheum gu bhith air a h-ainmeachadh mar Naomh. Tha fiosrachadh ann mun Aifreann san Drochaid Ruaidh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacKillop, Blessed Mary

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math