Rannsaich

Cha Tèid Mise, Cha Tèid Mi

Ceann-latha November 1965
Àireamh a’ chlàir 99610
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.117.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.117

Geàrr-chunntas

Anns a' chiad earrainn dhen òran luaidh seo tha boireannach ag ràdh nach tèid i idir còmhla ri gin san tìr. Tha i ag ràdh gur e òigear faoin a tha ann am mac a' mhaoir. Tha i ag innse mar a dh'fhalbhas e le ghunna agus mar a bhios e a' dol a shealg. Anns an dàrna pàirt tha an t-ùghdar a' toirt iomradh air a bhith aig muir agus 's truagh leatha nach eil i aig an stiùir. Anns an treas earrainn dhen òran seo tha i a' fàgail mìle marbhphaisg air a' ghaol agus tha i ag innse gun deach a cridhe a sgaradh le saighead a' ghaoil.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Cha tèid mise, cha tèid mi
Hì rì ri rì ri iù
Cha tèid mi do ghin san tìr
Hó hi iù a hó hu ghó
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Cha tèid mi do ghin san tìr
Hì rì ri rì ri iù
Cha tèid mi do mhac a' mhaoir
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Cha tèid mi do mhac a' mhaoir
Hì rì ri rì ri iù
No idir a mhac an t-saoir
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

No idir a mhac an t-saoir
Hì rì ri rì ri iù
Cha b' ann air a bha mo ghaol
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Cha b' ann air a bha mo ghaol
Hì rì ri rì ri iù
B' annsa fear an leadain duinn
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

B' annsa fear an leadain duinn
Hì rì ri rì ri iù
Rachadh air uilinn san fhraoch
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Rachadh air uilinn san fhraoch
Hì rì ri rì ri iù
Leagadh an eal' air a taobh
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Leagadh an eal' air a taobh
Hì rì ri rì ri iù
'S an ròn ballach thig ron chaol
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

'S an ròn ballach thig ron chaol
Hì rì ri rì ri iù
Lacha bheag a' mhuineil chaoil
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Mìle marbhphaisg air a' ghaol
Hì rì ri rì ri iù
On is e a rinn mo chlaoidh
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

On is e a rinn mo chlaoidh
Hì rì ri rì ri iù
Tholl e mo chridh' air gach taobh
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Tholl e mo chridh' air gach taobh
Hì rì ri rì ri iù
Chuir e 'n tainead falt mo chinn
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Chuir e 'n tainead falt mo chinn
Hì rì ri rì ri iù
Mun fhear a dh'fhalbh air an luing
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Mun fhear a dh'fhalbh air an luing
Hì rì ri rì ri iù
Am fear a dh'fhalbh 's nach do thill
Hó hi iù a hó hi iù
Hao ri iù a hó hu ghó

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math