Tobar an Dualchais Kist O Riches

Tobar an Dualchais Kist O Riches

The voices of the past... brought to life through the latest technology

Comhairlean Beaga

  • Tha sinn a’ moladh gun cleachd thu brabhsair-lìn leithid Google Chrome, Internet Explorer no Firefox.
  • Ma tha faidhle air a bhith ùine mhòr a’ deisealachadh, gliog air a’ chuibhle-luchdachaidh agus bu chòir gun cluich e an uair sin.
  • Rinn sinn ar dìcheall airson gum biodh a cheart uiread a ghnìomhan ri fhaotainn do luchd-cleachdaidh na làraich eadar-amail seo. Ge-tà, bha an seann làrach air leth toinnte agus bha tòrr ghnìomhan sònraichte na cois, agus mar thoradh air seo cha robh e comasach a h-uile gnìomh a bh’ ann a bhith anns an làraich eadar-amail. Ma tha gnìomh a bha riatanach dhut a dhìth air an làraich seo, nach innis thu dhuinn. Cuir fios dhan sgioba aig dualchas@smo.uhi.ac.uk air neo lìon an ceisteachan: https://edin.ac/2Y5wMm4.

An Duilleag-dachaigh

Tha dhà no trì dòighean ann air an làrach-lìn a rannsachadh:

Rannsachadh Bunaiteach

Ma chuireas tu faclan sa bhogsa rannsachaidh air an duilleig-dhachaigh gheibh thu toraidhean bho na trì cruinneachaidhean air an làraich-lìn seo: Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), am BBC agus Cruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.

Cuir facal anns a' bhogsa rannsachaidh, tagh an cànan no na cànain a tha thu ag iarraidh agus an uair sin put air a' phutan 'Lorg'.

Faodaidh tu cuideachd rannsachadh a dhèanamh a rèir seòrsa ('Tha mi a' coimhead airson'), air neo faodaidh tu seo fhàgail mar a tha e, aig 'A h-uile seòrsa'.

Le bhith a' cleachdadh a' bhogsa 'Seòrsaich a rèir', faodaidh tu òrdugh a thaghadh anns an nochd na toraidhean. Chì thu gu bheil seo aig 'Àireamh a' Chlàir' sa chiad àite.

Faodaidh tu cuideachd taghadh cia mheud clàr a bu mhath leat fhaicinn air gach duilleig, le bhith a' cleachdadh a' bhogsa 'Toradh gach duilleig'. Chì thu gu bheil seo aig 10 clàran gach duilleig sa chiad àite.

Nuair a tha thu a' sireadh abairt no ainm sònraichte bu choir dhut an cur ann an dà chromag turrach mar seo: "Murchadh MacNeacail". (Na cuir ann cromagan turrach singilte (') oir tha an siostam a' gabhail riutha mar asgairean).

Rannsachadh Mionaideach

Ann an Rannsachadh Mionaideach, faodaidh tu rannsachadh a dhèanamh a' cleachdadh barrachd air aon bhogsa no faodaidh tu crìochan a chur air rannsachaidhean ann an diofar dhòighean m.e. a rèir a' chinn-latha. Tha seo nas freagarraiche airson rannsachaidhean nas doirbhe. Airson fiosrachadh nas mionaidiche mu dheidhinn Rannsachadh Mionaideach, put an seo.

Air Thuaiream

Put air a' phutan seo agus gheibh thu clàr bhon làraich-lìn air thuaiream.