spacer
spacer

Cuideachadh

Rannsachadh Mionaideach

Faodaidh tu rannsachadh a dhèanamh taobh a-staigh aon no dhà de na cruinneachaidhean no na trì cruinneachaidhean.

Tha na taghaidhean 'agus' 'no' agus 'gun' a' ciallachadh gun urrainn dhut rannsachaidhean a chur còmhla gus toraidhean nas mionaidiche no nas farsainge fhaighinn, no gus toraidhean fhàgail a-mach far a bheil faclan no abairtean sònraichte a' nochdadh.

Faodaidh tu rannsachadh le Àireamh a' Chlàir le bhith ga taghadh bhon liosta sa bhogsa. The Àireamh a' Chlàir shònraichte air duilleag a' chlàir airson a h-uile clàr. Dèan cinnteach nuair a tha thu a' cur Àireamh a' Chlàir sa bhogsa gun cleachd thu an aon chruth 's a tha a' nochdadh air duilleag a' chlàir.

Faodaidh tu bogsaichean eadar-dhealaichte a thaghadh airson gach rannsachadh a tha thu a' dèanamh.

Chì thu eisimpleirean de rannsachaidhean gu h-ìosal:

Rannsachadh:

Gheibh thu:

Cuir 'dàn' sa bhogsa 'Rannsaich' le "all fields"

Clàran far a bheil am facal 'dàn' a' nochdadh ann am fiosrachadh clàir.

Cuir 'Bana-bhuidseach' sa bhogsa 'Rannsaich' agus tagh 'Taghadh a rèir Ceann-là: Clàradh eadar 1950 agus 1980' agus 'Taghadh a rèir Gnè: sgeulachd', le tioc anns a h-uile bogsa a rèir 'Cruinneachaidhean'.

Clàran bho na trì cruinneachaidhean far a bheil am facal 'bana-bhuidseach' a' nochdadh ann am fiosrachadh clàir fon ghnè 'sgeulachd' agus a chaidh a chlàradh eadar 1950 agus 1980.

Cuir "Peigi NicRath" (le dà chromag turrach) sa bhogsa 'Rannsaich' agus tagh 'Fiosraiche' sa bhogsa ri a thaobh, le tioc sa bhogsa airson 'Urras Nàiseanta na h-Alba' a-mhàin fo 'Cruinneachaidhean'.

Clàran bho Chruinneachadh Chanaigh far a bheil Peigi NicRath a' nochdadh mar fhiosraiche.

Tagh '2-5 mionaidean' sa bhogsa 'Taghadh a rèir faid a' chlàir', le tioc sa bhogsa BBC a-mhàin fo 'Cruinneachaidhean'.

Clàran bhon BhBC a tha eadar dà mhionaid agus còig mionaidean a dh'fhaid.

Cuir 'Blàr Ghobharaidh' sa bhogsa 'Rannsaich' agus tagh 'Àite' sa bhogsa ri a thaobh agus tagh 'Albais' a thaobh 'Cànan a' chlàir'.

Clàran ann an Albais far a bheil am fiosraiche no neach-clàraidh à Blàr Ghobharaidh no far an deach clàran a chlàradh ann am Blàr Ghobharaidh.

spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA