Cuideachadh

Cuideachadh Siubhail
Cuideachadh le Clàran Slàn
Cuideachadh le Rannsachadh Àbhaisteach
Cuideachadh le Rannsachadh Mionaideach
Rannsachadh le bhith a' seòrsachadh
Cuideachadh le Toraidhean
Cuideachadh a thaobh a' cur ann an òrdugh

Rannsachadh le bhith a' seòrsachadh
Chìthear sa bhogsa sheòrsachaidh, san liosta a tha a' tighinn a-nuas, gu bheil grunn chòdaichean coitcheann ann a tha a' seòrsachadh òrain is sgeulachdan. Anns gach còd tha litir (no litrichean), a tha a' comharrachadh siostam seòrsachaidh, agus an uair sin àireamh san t-siostam sin, a tha a' comharrachadh òran no sgeulachd shònraichte. Dèan cinnteach gun cuir thu a-steach na litrichean uile mar litrichean mòra. Feumaidh tu an cruth seo a chleachdadh ma tha thu ag iarraidh rannsachadh a dhèanamh a rèir seòrsachadh. (Nòta: faodar * a chleachdadh cuideachd)
Tha an clàr a leanas a' sealltainn eisimpleirean de gach siostam seòrsachaidh:
|
Seòrsachadh: |
Eisimpleir de chòd: |
|
Clàr-innse Òrain Thraidiseanta Roud |
R180 |
|
Cruinneachadh Òrain Thraidiseanta Greig-Duncan |
GD1219 |
|
Na h-Òrain Child |
C295 |
|
Àireamhan Laws (òrain) |
LP9 |
|
Seòrsa Sgeulachd Aarne-Thompson |
AT1833A |
Nòta – Faodaidh litrichean a bhith ann an àireamh an òrain no sgeulachd, me, airson Laws P9 gheibh thu LP9
Faodaidh grunn chòdaichean mar seo a bhith aig clàradh sam bith air làrach-lìn Tobar an Dualchais, ach chan fheumar ach aon dhiubh nuair a thathar a' dèanamh rannsachadh. Mar eisimpleir, tha an t-òran 'Andrew Lammie' a' tighinn fo àireamh 98 air Clàr-innse Òrain Thraidiseanta Roud agus fo àireamh 233 airson nan Òran Child – ma chleachdas tu fear seach fear de na còdaichean seo ann an rannsachadh, gheibh thu an aon chlàradh.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mun t-siostam sheòrsachaidh an seo:
- 'S e a th' ann an Clàr-innse Òrain Thraidiseanta Roud, stòr-dàta le fiosrachadh mu òrain a chaidh a chruinneachadh bho bheul-aithris na Beurla air feadh an t-saoghail. Tha iad air an tasgadh ann an sgrìobhadh no clàran fuaime ann an Leabharlann Cuimhneachaidh Vaughan Williams aig Taigh Cecil Sharp ann an Lunnainn. Chaidh an stòr-dàta a stèidheachadh le Steve Roud agus faodadh tu a rannsachadh air an eadar-lìon tron làrach-lìn aig Comann Òrain is Dannsa Traidiseanta Shasainn aig English Folk Dance and Song Society. Tha Clàr-innse Roud gu math feumail nuair a tha thu a' rannsachadh òran le tòrr dhiofar ainmean – bidh an àireamh Roud a' ceangal gach òran sin ri chèile.
- Ann an Cruinneachadh Òrain Thraidiseanta Greig-Duncan (8 leabhraichean, 1981-2002) tha 1,933 òrain a chaidh a chruinneachadh bho bheul-aithris Ear-thuath na h-Alba le Gavin Greig (1856-1914) agus an t-Urramach Seumas Duncan (1848-1917), agus iad gan cruinneachadh tràth san 20mh linn.
- 'S e a th' anns na h-Òrain Child, cruinneachadh de 305 òrain a chruinnich an sgoilear Ameireaganach Francis James Child (1825-1896) ann an Sasainn agus Alba, agus a chaidh fhoillseachadh eadar 1882 agus 1898.
- 'S e a th' anns an t-siostam Laws, catalog de dh'òrain a chuir Seòras Calum Laws (r.1919) ri chèile sna foillseachaidhean aige: 'Native American Balladry' (1950) agus 'American Balladry from British Broadsides' (1957).
- 'S e catalog de sheòrsaichean sgeulachd traidiseanta a th' anns an t-Siostam Seòrsachaidh Aarne-Thompson, a chaidh a chur ri chèile le Antti Aarne (1867-1925) agus Stith Thompson (1885-1976).





