spacer
spacer

Cuideachadh

An Duilleag Dachaigh

Tha diofar dhòighean ann air an làraich-lìn a rannsachadh:

Rannsachadh Àbhaisteach agus Rannsachadh Mionaideach

Ma chuireas tu faclan sa bhogsa rannsachaidh air an duilleig dachaigh gheibh thu toraidhean bho na trì cruinneachaidhean air an làraich-lìn seo: Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), am BBC agus Cruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.

Cuir facal anns a' bhogsa rannsachaidh, tagh an cànan no na cànain a tha thu ag iarraidh agus an uairsin put air a' phutan 'Rannsaich'. Chì thu eisimpleirean air an t-seòrsa rannsachaidhean a ghabhas dhèanamh.

Nuair a tha thu a' sireadh facal, abairt no ainm sònraichte bu choir dhut an cur ann an dà chromag turrach mar seo: "Murchadh MacNeacail". ( Na cuir ann cromagan turrach singilte (') oir tha an siostam a' gabhail riutha mar asgairean).

Ann an Rannsachadh Mionaideach, faodaidh tu rannsachadh a dhèanamh a' cleachdadh barrachd air aon bhogsa no faodaidh tu crìochan a chur air rannsachaidhean ann an diofar dhòighean m.e. a rèir a' chinn-latha. Tha seo nas freagarraiche airson rannsachaidhean nas doirbhe.

Rannsachadh le Siorrachd

Ma phutas tu air siorrachd sam bith air mapa na h-Alba chì thu clàran ceangailte ris an t-siorrachd sin. Tha crìochan nan siorrachdan stèidhichte air na siorrachdan mar a bha iad eadar 1890 agus 1974.

Air Thuaiream

Put air a phutan seo agus cluichidh clàr bhon làraich-lìn.

An Urrainn Dhut Cuideachadh?

San roinn seo, tha Tobar an Dualchais a' coimhead airson cuideachadh gus daoine a chaidh a chlàradh a lorg.

Naidheachdan

Chì thu sgeulachdan naidheachd aig Tobar an Dualchais agus naidheachdan mu thachartasan an t-saoghail.

Clàran is Trice Taghte

Seo na clàran as trice chaidh thaghadh air an làraich-lìn.

spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA