Cuideachadh

Cuideachadh Siubhail
Cuideachadh le Clàran Slàn
Cuideachadh le Rannsachadh Àbhaisteach
Cuideachadh le Rannsachadh Mionaideach
Rannsachadh le bhith a' seòrsachadh
Cuideachadh le Toraidhean
Cuideachadh a thaobh a' cur ann an òrdugh

Rannsachadh Àbhaisteach
Tha a h-uile bocsa air rannsachadh ann an rannsachadh àbhaisteach agus bu choir dhut toraidhean ann an Beurla, Gàidhlig agus Alba fhaicinn far a bheil iad rim faighinn.
Nuair a chuireas tu facal/abairt sa bhogsa rannsachaidh, chì thu gu bheil taghadh ann a thaobh cànan nan clàran. Às dèidh cànan no cànain a thaghadh, put air a' phutan ri a thaobh.
Dh'fhaodadh tu cuideachd ainmean daoine, ainmean-àite no àireamhan Sgoil Eòlais a chur sa bhogsa rannsachaidh.
A' rannsachadh airson Daoine
Nuair a tha thu a' sireadh ainm sònraichte feumaidh tu an t-ainm a chur ann an dà chromag turrach m.e. "Murchadh MacNeacail". Na cuir ann cromagan turrach singilte (') oir tha an siostam a' gabhail riutha mar asgairean. Mura chuireas tu dà chromag turrach a-steach nuair a tha thu a' coimhead airson chlàran le Murchadh MacNeacail gheibh thu toraidhean airson a h-uile clàr far a bheil na h-ainmean Murchadh agus/no MacNeacail a' nochdadh.
A' rannsachadh le Ainm-àite
Nuair a chuireas tu ainm-àite a-steach dh'fhaodadh tu toraidhean fhaighinn a tha a' toirt a-steach clàran air an clàradh san àite sin, clàran far a bheil an t-àite sin air ainmeachadh agus clàran far a bheil far a bheil ceangal leis an àite sin aig an fhiosraiche no aig an neach-clàraidh.
A' rannsachadh a rèir Àireamhan Sgoil Eòlais na h-Alba
Bu choir dha na h-àireamhan an dèidh na bliadhna aig Sgoil Eòlais na h-Alba a bhith air an cur a-steach mar thrì àireamhan m.e. SA1956.070 an àite SA1956.70.
Chan eil e gu diofar ma chleachdas tu litreachan mòra no litreachan beaga anns na rannsachaidhean agad ach airson nam faclan AGUS, NO agus GUN, aig a bheil ciall sònraichte mar a chì thu gu h-ìosal.
Eisimpleirean de Rannsachaidhean:
| Facal/abairt: | Tha seo a' lorg a h-uile clàr far a bheil... |
|---|---|
| Cat | na faclan seo a' nochdadh san teacs: Cat, cat, CAT msaa. |
| Cat* | na faclan seo a' nochdadh san teacs: Cat, Cath, Cathan, Cathair, Cathraichean msaa. |
| bata | am facal bata agus am facal bàta a' nochdadh san teacs |
| Càr NO Craobh | am facal Càr no am facal Craobh a' nochdadh san teacs. |
| Càr GUN Craobh | am facal Càr a' nochdadh às aonais an fhacail Craobh |
| Càr AGUS Craobh | am facal Càr agus am facal Craobh a' nochdadh san teacs |
| "òran beag" | an abairt òran beag a' nochdadh mar abairt slàn. |
Mura chuireas tu NO no GUN eadar faclan no abairtean, nochdaidh am facal AGUS gun a bhith ga sgrìobhadh. Tha seo a' ciallachadh gum faigh thu na h-aon toraidhean airson an dà rannsachadh mar a leanas:
Càr AGUS Craobh
Càr Craobh





