Tobar an Dualchais Kist O Riches

Tobar an Dualchais Kist O Riches

The voices of the past... brought to life through the latest technology

Comhairlean Beaga

  • Tha sinn a’ moladh gun cleachd thu brabhsair-lìn leithid Google Chrome, Internet Explorer no Firefox.
  • Ma tha faidhle air a bhith ùine mhòr a’ deisealachadh, gliog air a’ chuibhle-luchdachaidh agus bu chòir gun cluich e an uair sin.
  • Rinn sinn ar dìcheall airson gum biodh a cheart uiread a ghnìomhan ri fhaotainn do luchd-cleachdaidh na làraich eadar-amail seo. Ge-tà, bha an seann làrach air leth toinnte agus bha tòrr ghnìomhan sònraichte na cois, agus mar thoradh air seo cha robh e comasach a h-uile gnìomh a bh’ ann a bhith anns an làraich eadar-amail. Ma tha gnìomh a bha riatanach dhut a dhìth air an làraich seo, nach innis thu dhuinn. Cuir fios dhan sgioba aig dualchas@smo.uhi.ac.uk air neo lìon an ceisteachan: https://edin.ac/2Y5wMm4.

Rannsachadh Bunaiteach

Air dhut facal/abairt a chur anns a' bhogsa 'Mu', faodaidh tu cànan nan clàran a thaghadh bhon liosta 'Le fuaim'. Chì thu gu bheil seo aig 'A h-uile cànan' sa chiad àite.

Am measg faclan rannsachaidh a bhiodh freagarrach, tha cuspairean, ainmean dhaoine, ainmean àiteachan agus àireamhan Sgoil Eòlais na h-Alba.

Ma tha thu a' sireadh clàr de sheòrsa sònraichte, faodaidh tu seo a thaghadh bhon liosta 'Tha mi a' coimhead airson'. Chì thu gu bheil seo aig 'A h-uile seòrsa' sa chiad àite.

Faodaidh tu cuideachd taghadh dè an t-òrdugh anns an nochd na toraidhean le bhith a' cleachdadh na liosta 'Seòrsaich a rèir'. Chì thu gu bheil seo aig 'Àireamh a' Chlàir' sa chiad àite.

Chì thu gu bheil 10 clàran rim faicinn air gach duilleig, ach faodaidh tu tuilleadh a thaghadh sa bhogsa 'Toradh gach duilleig'.

Air dhut facal/abairt a chur ann, agus taghaidhean a dhèanamh bho na liostaichean, put air 'Lorg' airson na toraidhean fhaighinn.

A' rannsachadh airson Daoine

Nuair a tha thu a' sireadh ainm sònraichte feumaidh tu an t-ainm a chur ann an dà chromag turrach m.e. "Murchadh MacNeacail". Na cuir ann cromagan turrach singilte (') oir tha an siostam a' gabhail riutha mar asgairean. Mura chuireas tu dà chromag turrach a-steach nuair a tha thu a' coimhead airson chlàran le Murchadh MacNeacail gheibh thu toraidhean airson a h-uile clàr far a bheil na h-ainmean Murchadh agus/no MacNeacail a' nochdadh.

A' rannsachadh a rèir Àireamhan Sgoil Eòlais na h-Alba

Bu choir dha na h-àireamhan an dèidh na bliadhna aig Àireamh Sgoil Eòlais na h-Alba a bhith air an cur a-steach mar thrì àireamhan m.e. SA1956.070 an àite SA1956.70.

Chan eil e gu diofar ma chleachdas tu litreachan mòra no litreachan beaga anns na rannsachaidhean agad.

Eisimpleirean de Rannsachaidhean:

Facal/abairt: Tha seo a' lorg a h-uile clàr far a bheil...
Cat na faclan seo a' nochdadh san teacsa: Cat, cat, CAT msaa.
Cat* na faclan seo a' nochdadh san teacsa: Cat, Cath, Cathan, Cathair, Cathraichean msaa.
bata am facal bata agus am facal bàta a' nochdadh san teacsa
"òran beag" an abairt òran beag a' nochdadh mar abairt slàn.