Tobar An Dualchais
 
'S e proiseact ùr inntinneach a th’ ann an Tobar an Dualchais a tha ag amas air clàran-fuaim Gàidhlig agus Albais a chur gu cruth didseatach agus a chatalogadh, gus an sgaoileadh air-loidhne.  Nì seo cinnteach gun glèidhear am beairteas mòr sgeulachdan, Dealbh air fear a' clàradh còmhradh le bodadhbàrdachd, ciùil agus fiosrachaidh mar chunntas àraid de chultar agus cànan na h-Alba.  Mar thoradh, bidh na clàran rim faighinn gu furasta airson feumalachdan foghlaim agus pearsanta.

Aig deireadh a’ chiad ìre den phròiseact, bidh iomadh mìle uair a thìde de chlàran-fuaim ri fhaotainn air-loidhne.

Bithear a’ cleachdadh chlàran-fuaim bho thrì cruinneachaidhean, aig a bheil cliù air feadh an t-saoghail:-

  • Cruinneachadh nan Caimbeulach an Canaigh (le Urras Nàiseanta na h-Alba)
  • Roinn Ghàidhlig a’ BhBC
  • Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann
  • Tha farsaingeachd mhòr sna cruinneachaidhean seo, nam measg:-

  • Sgeulachdan air an clàradh le Iain Latharna Caimbeul ann an 1937
  • Beul-aithris air a thogail o air feadh Alba le Calum MacGill-Eain anns na 1950an
  • Òrain Albais aig an luchd-siubhail air an clàradh le Hamish MacEanraig sna 1960an
  • Prògraman còmhraidh agus ciùil bho Radio nan Gàidheal
  • Gheibhear cothrom èisteachd ri daoine a chaidh a chlàradh bho thùs obair-chlàraidh chun an latha an-diugh.

    Pròiseact Thiriodh

    Brùth an seo airson làrach-lìn fhaicinn a chaidh a dhèanamh mar phìleat, stèidhichte air clàran à Tiriodh.  Chaidh 30 uair a thìde de stuth Thiriodh bho BhBC Alba agus Sgoil Eòlais na h-Alba a chur gu cruth didseatach, agus an uair sin a chatalogadh le muinntir Thiriodh.  Bheir seo sealladh air an t-seòrsa stuth bhios ri fhaighinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais.