Eisimpleirean bho na cruinneachaidhean > Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar (1876–1964)

Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar (1876–1964)

Tha grunn math chlàran ann de bheul-aithris bho Iain Dòmhnallach agus bidh iad seo rim faighinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais.  Chaidh an clàradh le Calum MacGhilleathain do Sgoil Eòlais na h-Alba anns na 1950an, agus tha iad mar chomharra air cho torrach ’s a bha e mar bhàrd agus seanchaidh.

Rugadh Iain Dòmhnallach anns an Drochaid Àrd, faisg air Drochaid an Aonachain air a’ Ghàidhealtachd, agus b’ e an treas duine ann an teaghlach de aon duine deug.  ’S e MacGilleMhanntaich a bh’ air an teaghlach bho thùs, ach thug iad an t-ainm Dòmhnallach orra fhèin às dèidh a’ chunntais-shluaigh ann an 1871.  Thathar dhen bheachd gur ann à Barraigh a thàinig Clann MhicGilleMhanntaich.  B’ e Dòmhnall Ruadh Beag Mac Gille Mhanntaich, a bha aig Blàr Leachdair ann an 1497, a’ chiad duine a chaidh a chlàradh leis an ainm MacGilleMhanntaich.  Aig an àm sin, bha ceangal eadar Clann MhicGilleMhanntaich agus na Dòmhnallaich.

Bha athair Iain, Seumas Ruadh, na chlachair agus na chroitear a shiubhail air feadh Loch Abar air sàilleabh a chuid obrach.  Thug e do a mhac Iain na thog e de dh’ainmean-àite is de sgeulachdan a bhuineadh dhan cheàrnaidh sin anns am biodh e fhèin a’ siubhal.

An dèidh dha sgoil fhàgail bha Iain ag obair air an rathad-iarainn air slighe taobh siar na Gàidhealtachd.  Air dha a dhreuchd a leigeil dheth, chuir e seachad 19 bliadhna ag obair air rathaidean airson Comhairle Siorrachd Inbhir Nis gus an do dh’fhàillig a fhradharc air, is e còrr is 80 bliadhna a dh’aois.

Bha Iain ainmeil airson a chuid eòlais air eachdraidh ionadail, agus chuir e ri grunn leabhraichean, nam measg Bygone Lochaber sgrìobhte le Somhairle Mac a’ Mhaoilein, agus The Flight of Heron le D.K. Broster.  Chaidh pìos a sgrìobhadh mu dheidhinn cuideachd anns an Scottish Daily Express sa Chèitean 1962.

Tha Calum MacGhilleathain a’ toirt iomradh air a’ chiad turas a thachair e air Iain san leabhar aige The Highlands, agus mar “nach b’ urrainn dha cuimhneachadh air cia mheud òran a sgrìobh e, ’s docha ceud no dhà.  Bha e dìreach air òran a sgrìobhadh, is e a’ moladh nan Albannach òga a ghoid an Lia-fàil à Abaid Westminster.  Bha a’ chlach fhathast gun lorg oirre.  Chrùb sinn sìos air cùlaibh balla agus sheinn e an t-òran.  Bha e làn lùiths agus smior.........bha fios a’m gu robh mi air tachairt air duine air leth."

Brùth gu h-ìosal airson an t-òran a sgrìobh Iain mun Lia-fhàil a chluinntinn,Òran na Cloiche. (Àireamh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1952.126.1)




An dèidh a’ chiad tachairt seo, choinnich Iain agus Calum aon uair san t-seachdain fad còig mìosan agus “latha às dèidh latha bhiodh Iain ag innse eachdraidh Loch Abar nach robh sgrìobhte an àite sam bith.  Tha e coltach gu bheil a h-uile rud a thachair san sgìre ud na chuimhne.  Daoine leithid Calum Cille, Raibeart Brus, an Red Comyn, Dòmhnall Balloch, Mac Tighearna nan Eilean,... Am Prionnsa Teàrlach...agus an tìr-ghràdhaiche Dr Gilleasbuig Camshron, bràthair Loch Ìall... sin na daoine a tha beò na inntinn.” Brùth gu h-ìosal airson aon de na sgeulachdan a dh’innis Iain mu Raibeart Brus a chluinntinn, Am Brusach agus na Cruidhean. (Àireamh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1952.125.A1)




Bhiodh Iain cuideachd ag innse sgeulachdan mu aon de na gaisgich ionadail as ainmeile an Loch Abar, Dòmhnall Mòr Òg, a bha na bhàillidh airson oighreachd Huntly agus Gordon an Loch Abar tràth san 19mh linn.  Às dèidh a’ bhàis chaidh cumha a sgrìobhadh anns an robh 16 rannan, a chòrd gu mòr ri seinneadairean na sgìre.  Tha Calum MacGhilleathain ag innse mar a thàinig bodach tarsainn air grunn rannan den òran, sgrìobhte ann an Ceap Breatainn le cuideigin de shliochd Loch Abar.  Bha am bodach air leth moiteil gu robh seo aige agus shealladh e am pìos do gach duine air an do thachair e.  Latha a bha seo thachair am bodach air Iain fhèin agus leugh e dha na bh’ aige de rannan.  Dh’fhaighnich e do dh’Iain an robh e eòlach air an òran agus, nuair a thuirt e gu robh, dh’iarr am bodach air an t-òran a ghabhail.  Ghabh Iain na 16 rannan air fad agus nuair a bha e deiseil, reub am bodach am pìos pàipeir agus thilg e air falbh e! Brùth gu h-ìosal airson Marbhrann Dhòmhnaill Mhòir Òig a chluinntinn, mar a ghabh Iain fhèin e. (Àireamh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1952.124.4b)




A bharrachd air seann sgeulachdan is òrain, chòrd e ri Iain sgeulachdan innse mun dà-shealladh.  Brùth gu h-ìosal airson fear dhiubh a chluinntinn, Fear nach do thill às a’ chogadh. (Àireamh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1952.123.4)




Tha cuimhneachain mhath aig Jim Burgess, ogha Ruaraidh, bràthair Iain air a bhith a' cèilidh air an taigh anns an Drochaid Àrd bho na 1940an suas chun na 1970an, far an robh Iain fhathast ri croitearachd gu làitheil.  Tha Jim a’ cuimhneachadh “gu robh Iain gu math spòrsail, agus gun sgrìobhadh e òran mu dhuine no rud sam bith san t-seasamh bhonn.”  Ged a rachadh Jim cha mhòr às a rian leis a’ mheanbh-chuileig nuair a bha iad a’ gearradh an fheòir, cha chuireadh i dragh air Iain, a bha dhen bheachd nach beanadh i dhut mura beanadh tu dhi!

Faodar geàrr-chunntas a thoirt air dìleab Iain le bhith a’ toirt tarraing air beachdan James Hunter san leabhar aige The Scottish Highlanders: A People and Their Place far an do sgrìobh e “gur ann am measg an t-sluaigh, am measg Iain Dhòmhnallaich agus a leithid, a bha na feartan Gàidhealach as fheàrr.”

Tuilleadh fiosrachaidh

Chithear Marbhrann Dhòmhnaill Mhòir Òig air a sgrìobhadh ann an dà chànan ann an Tocher 39, foillsichte le Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.

Taing mhòr do Jim Burgess airson na chuir e ris a’ phìos seo, agus airson a chead a thoirt na dealbhan ùisneachadh.  Tha sinn cuideachd an comain nan tùsan a leanas:-

James Hunter, Scottish Highlanders: A People and Their Place (1992)
Stuart MacDonald, The MacGillivantic MacDonalds and John, Bard of Highbridge (Extract from Lochaber Pamphlet No 3)
Calum Maclean, Sorley Maclean and Cailean Maclean, The Highlands (1990)

Seann Eisimpleirean

Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar (1876–1964)
Annag agus Calum MacIain, Seanchaidhean Gàidhlig
Betsy Whyte
Na Peathraichean NicPhàic às na Pùballan

John MacDonald on the left with two of his brothers, Duncan and Angus
Iain Dòmhnallach air an taobh chlì le dithis de na bràithrean aige, Donnchadh agus Aonghas






The family home at Highbridge
Dachaigh an teaghlaich ann an Highbridge






John's mother, Mary MacDonald (nee Mac Pherson)
Màthair Iain, Màiri Dhòmhnallach (nee Nic  a' Phearsain)






John on the far left with his twin brother Roderick on the far right
Iain air an làimhe chlì, le bhràthair Ruairidh air an làimhe dheis.






Jim Burgess. John's great nephew
Jim Burgess, ogha Ruairidh, bràthair Iain
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA