Eisimpleirean bho na cruinneachaidhean > Na Peathraichean NicPhàic às na Pùballan

Na Peathraichean NicPhàic às na Pùballan

Chan eil fiù 's uair an uaireadair air a clàradh de na guthan aig Minnie, Betha agus Màiri NicPhàic ach tha iad a' comharrachadh mar a chuir daoine 'cumanta' ri luach an tasglainn. Chaidh an clàradh le Sheila Scott ann an 1969 agus thug ise na chlàraich i do Sgoil Eòlais na h-Alba.

Rugadh na triùir pheathraichean anns na Pùballan aig àm nuair a bha muilnean a' chlò a' cur gu mòr ri saoibhreas a' bhaile. 'S i Minnie a bu shine: rugadh ise ann an 1908 do phàrantan a bha ag obair anns na muilnean. Chaidh a màthair, Annie Savage, dhan mhuilinn gu a cosnadh aig aona bhliadhn' deug a dh'aois, ag obair bho shia uairean sa mhadainn gu sia uairean feasgar airson còig tastain (còig air fhichead sgillinn an-diugh) sa chola-deug.

Bha Minnie a' miannachadh a bhith na breabadair cleas a màthar, agus thòisich i air sin ionnsachadh aig aois ceithir bliadhn' deug. Nuair a chaidh a clàradh, bha i air a bhith a' fighe chlòitean fad dà fhichead bliadhna 's a còig. Nuair nach robh i aig a cosnadh, bha i a' cuideachadh leis na Girl Guides agus na Brownies, agus bha meas mòr aice air nàdar. Bha i air leth fiosrachail mu eachdraidh ionadail, agus bu toigh leatha bàrdachd. Dèanaibh gliog gu h-ìosal agus cluinnidh sibh i ag aithris dàn ris an can iad 'The Borderland' (Àireamh Clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1969.187.A10). Thuirt na peathraichean gur e truaghan de thaistealach a bha a' dèanamh a bheòshlaint a' seinn air an duiseil a chuir an dàn ri chèile ann an taigh nam bochd an Glaschu.



Rugadh Betha, an dàrna piuthar, ann an 1912, agus bha i ga cosnadh an dà chuid ann am bùithtean agus anns a' mhuilinn. Phòs i Torrance Edgar, aig an robh cùram an stòir aig companaidh chlòitean sa choimhearsnachd, ann an 1938. Goirid às dèidh sin chaidh Torrance a ghluasad gu oifis a' chompanaidh ann an Lunnainn agus chaidh Betha sìos cuide ris. Nuair a thòisich an Dàrna Cogadh Mòr, thill Betha dhachaigh dha na Pùballan, agus chaidh Torrance dhan arm, ann an Rèiseamaid nan Gòrdanach. Às dèidh sin, chaidh e tro thrèanadh mar fhear-iùil agus fear-amais bhomaichean agus chaill e a bheatha a' sabaid anns an Fhraing ann an 1943. Bha dithis nighean aig Betha, Anna is Màiri. Bha a peathraichean nan taic mhòr dhi aig an àm dhuilich seo, agus nan cuideachadh a' coimhead às dèidh na cloinne.

Bhiodh na triùir pheathraichean a' seinn còmhla aig cuirmean eaglaise agus cruinneachaidhean chàirdean. Thuirt Màiri, nighean Bhetha, nach robh maille ann dhaibh uair sam bith òran a ghabhail. Dèanaibh gliog gu h-ìosal agus cluinnidh sibh iad a' gabhail 'Three Lovely Maids in Bannion' (Àireamh Clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1969.187.A14).



Rugadh a' phiuthar a b' òige, Màiri, ann an 1914. Mhiannaicheadh ise a dhol na muime-altraim, ach cha robh cus roghainn aice ach a dhol dhan mhuilinn, far an do dh'ionnsaich i fuaigheal-cnòdaidh chlòitean. Dh'fhàg i an dùthaich is dh'imrich i gu New Zealand ann an 1949 fon sgeama turas-le-taic. Chòrd e rithe glan thall an sin agus chuir i eòlas air deagh charaidean a ghlèidh i fad a beatha. Ach cha robh e furasta do bhoireannach nach robh pòsta àite-còmhnaidh fhaotainn leatha fhèin, agus thill i dhachaigh ann an 1952. Dèanaibh gliog gu h-ìosal gus a cluinntinn a' bruidhinn air dè thachair aon uair is gun do chuir i crìoch air na trì bliadhna ionnsachaidh anns a' mhuilinn. Tha Betha agus Minnie cuideachd a' gabhail pàirt anns a' chòmhradh (Àireamh Clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1969.187.B3).



Thàinig sgeulachdan a-nuas thuca mu dhaoine san teaghlach, leithid an sinn-seanair, a dh'fhuiling gadachd fhir-reubainn air druim an rathaid mhòir, agus e a' dol gu ruige Hawick len seanair, na leanabh, gus a bhaisteadh. Gabhaidh i sin, agus sgeulachdan eile bho eachdraidh an teaghlaich, èisteachd air an teip. Cha robh fhios aig nigheanan Betha, Anna is Màiri, air càil mu dheidhinn an stòras sgeulachdan seo, agus chòrd e glan riutha a' cluinntinn am màthar is peathraichean am màthar gan innse. Tachartas làn faireachdainn dhaibhsan, ach chan iarradh iad a bhith às aonais.

Bha e anns na daoine a bhith measail air bàrdachd, agus bhiodh an athair agus an seanair a' dèanamh dhàin. Thàinig an tàlant seo a-nuas chun na h-ìghne as òige aig Betha, Anna - tha ise air a bhith ri bàrdachd o bha i glè òg. Dèanaibh gliog gu h-ìosal agus cluinnidh sibh Betha ag aithris 'Teenie Tit' le J. K. Annand (Àireamh Clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1969.187.B8).



Ged a thàinig air Minnie, Betha agus Màiri an sgoil fhàgail aig aois ceithir bliadhn' deug, bha ùidh aca ann am foghlam agus ionnsachadh fad am beatha. Bha coimhearsnachd nam Pùballan a' saoilsinn gu leòr dhiubh, agus bha spèis aig daoine do Mhinnie gu h-àraid.

Chaochail Màiri ann an 1980, Betha ann an 1985 agus Minnie ann an 1995. Chaidh an triùir a thiodhlacadh ann an Cladh nam Pùballan agus bha sluagh mòr an làthair aig na tòrraidhean.

Chan eil an seo ach aon eisimpleir dhen phailteas ulaidhean a gheibhear mar phàirt de phròiseact Tobar an Dualchais, ulaidhean a bhuineas do dh'eachdraidh theaghlaichean is choimhearsnachdan, agus luachmhor do neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cultar agus dualchas na h-Alba.

Taing

Mòran taing don nighinn aig Betha, Màiri Lindores, airson na chuir ise ris an alt seo, agus airson cead a thoirt seachad na dealbhan a chleachdadh. Taing gu Artair Morris airson cead a thoirt seachad an dealbh de na peathraichean anns na 1970an a chleachdadh. Taing cuideachd gu Faclairean Cànain na h-Alba airson cead a thoirt seachad an rann 'Teenie Tit' le J K Annand a chleachdadh.

Seann Eisimpleirean

Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar (1876–1964)
Annag agus Calum MacIain, Seanchaidhean Gàidhlig
Betsy Whyte
Na Peathraichean NicPhàic às na Pùballan

The McPake Sisters
Màiri (air an làimhe chlì), Minnie (sa mheadhan) agus Betha anns na 1960an






Betha aged seventeen
Betha aig aois seachd bhliadhna deug






Betha agus Torrance air latha na bainnse aca
Betha agus Torrance air latha na bainnse aca. Tha Minnie air an dàrna bhon làimhe chlì agus tha Màiri air an dàrna bhon làimhe dheis.






The Sisters
Màiri (air an làimhe chlì), Minnie (sa mheadhan) agus Betha anns na 1970an. © Arthur Morris






spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA