spacer
spacer

Fiosrachadh beatha -

Ainm - Francis Collinson
Ainm sa Ghàidhlig -
Far-ainm -
Ainm eile - Francis James Montgomery Collinson
Sloinneadh -
Gnè - Fireann

Bliadhna breith - 1898
Bliadhna bàis - 1984

Sgìre thùsail
Siorrachd - Meadhan Lodainn
Eilean -
Paraiste - Dùn Èideann
Baile/Àite - Dùn Èideann

Fiosrachadh beatha - 1898-1984
Rugadh Francis Collinson ann an Dùn Èideann agus rè a bheatha bha e na fhear-cruinneachaidh de dh'òrain traidiseanta, na stiùiriche, agus na eòlaiche is na dheasaiche-ciùil. Ann an 1951 fhuair e cuireadh bho Oilthigh Dhùn Èideann tighinn gu Sgoil Eòlais na h-Alba, a bha air ùr-stèidheachadh, mar fhear-rannsachaidh ciùil. Mar phàirt mhòr den obair sin bhiodh e a' cruinneachadh, a' sgrùdadh agus a' tar-sgrìobhadh òrain traidiseanta, an dà chuid ann an Gàidhlig agus ann an Albais. B' e 'The Traditional and National Music of Scotland' a bh' air a' chiad leabhar a sgrìobh e. An dèidh sin chuir e an clò trì leabhraichean de 'Hebridean Folksongs', còmhla ri Iain Latharna Caimbeul, ann an 1969, 1977 agus 1981. Dh'fhoillsich e cuideachd an leabhar 'The Bagpipe: the History of a Musical Instrument' ann an 1975.

Àireamh an neach - 6 - Faic a h-uile clàr far a bheil an neach seo a' nochdadh mar fhiosraiche no neach-clàraidh.
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA